ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Goireasan-teagaisg airson Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise chan eil ach dhà no trì mhìosan a-nis gus an tòisich Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis le aire ga thogail air feadh an t-saoghail gu spòrs agus na dùthchannan a tha a’ gabhail pàirt ann. An-diugh ged-thà, chaidh goireas teagaisg Gàidhlig ùr fhoillseachadh. An chuid airson aire sgoilearan a thogail gu na geamaichean fhèin, ach nas cudromaiche na sin, ‘s dòcha, na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh aig an aon àm. Le tuilleadh, seo Alasdair Friseal.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Fhuair clann bho Sgoil Thaobh na Pairce cothrom air goireasan teagaisg Gàidhlig ùr fhaicinn an-diugh. Gheibh sgoiltean cairtean-ionnsachaidh bho Stòrlann le fiosrachadh mu na diofar dhùthchannan anns a’ Cho-Fhlaitheis agus mu na spòrsan eadar-dhealaichte a tha gu bhith aig Glaschu mhìle 's a ceithir-deug.

[Dòmhnall “Ryno” MacGilleMhoire] ‘S bidh Geamannan a’ Cho-Fhlaitheis, bidh e mòr agus bidh e air na laptops againn, ‘s bidh e air an telebhisean againn, ‘s bidh e sna pàipearan, agus saoilidh mi gur e rud math a th’ ann gu bheil goireasan Gàidhlig an lùib sin airson ‘s e Gàidhlig, mar a tha sin a’ coimhead an cànan anns a bheil a’ chlann sin a’ faighinn an teagaisg.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Agus ann an seisean goirid a chaidh a chumail ann an Dùn Èideann, chòrd na chunnaic iad ri na sgoilearan agus dh’ ionnsaich iad rud no dhà cuideachd.

[Balach] Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn an spòrs agus na dùthchannan a th’ anns na Geamannan Co-Fhlaitheis agus mu dheidhinn nan dùthchannan cuideachd.

[Balach 2] Dh’ ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn nan diofar dhùthchannan anns an Roinn Eòrpa agus air feadh an t-saoghail agus Afraga is tòrr àiteachan.

[Nighean] Dh’ ionnsaich mi mu dheidhinn nan dùthchannan agus mar phrìomh-bhailtean agus mar an cànan a tha iad a’ bruidhinn.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tha Gàidhlig nan sgoilearan gan leasachadh aig bun a’ phròiseict. Agus tha e feumail sin a dèanamh cho tarraingeach ‘s as urrainn aig an aon àm.

[Mòrag NicIlleathain] Le bhith a’ cruthachadh cairtean mu na spòrsan eadar-dhealaichte, tha sinn a’ toirt cothrom dhaibh beagan ionnsachadh, ach bha sinn airson na sgilean labhairt agus leughaidh agus tuigse aca a thoirt air adhart. Sin am prìomh amas airson nan cairtean gun cuidich sin na sgilean Gàidhlig aca.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tha na goireasan ri fhaotainn tro chairtean, postairean, agus air-loidhne agus tha Stòrlann a’ sùileachadh gun tèid feum a dhèanamh às airson greis fhathast.

[Dòmhnall “Ryno” MacGilleMhoire] Tha sin air a’ ghoireas seo a dhèanamh airson gu lean e. Obraichidh iad ann an nuadh-eòlas, cruinn-eolas. Obraichidh iad air cànan agus bidh an goireas seo a’ mairsinn ùine mhòr às dèidh dha na geamannan falbh.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Alasdair Friseal, BBC An Là, Dùn Èideann.

Teaching resources for the Commonweath Games

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Now there is only two or three months until the Commonwealth Games start with attention all over the world has turned to the sport and the countries that are taking part. Today, though a new Gaelic teaching resource was published. Both to raise awareness in the games themselves and, more importantly maybe, to develop their Gaelic skills at the same time. With more, here’s Alasdair Fraser.

[Alasdair Fraser– Reporter] Children from Taobh na Pàirce school a chance to see new Gaelic teaching resources, learning cards from Stòrlann with information about the about the different countries in the Commonwealth and about the different sports which will be in Glasgow in 2014.

[Donald “Ryno” Morrison] And they Commonwealth Games, it will be big and it will be on our laptops, and it will be on the television, and it’ll be in the papers and I think that it’s a good thing that there are Gaelic resources involved with that as it is Gaelic, as we see, that is the language in which children are being taught.

[Alasdair Fraser– Reporter] And in a short session which was held in Edinburgh, what they saw was enjoyed by the pupils and they learned them a thing or two.

[Boy] We were learning about what the sports and what the countries are in the Commonwealth Games and about the countries too.

[Boy 2] I learned lots about the different countries in the European Union and all over the world and Africa and many place.

[Girl] I learned about the countries and about the capital cities and about the language that they speak.

[Alasdair Fraser– Reporter] The Gaelic skills of the pupils are developed at the start of the project. And it is useful to make it as attractive as possible at the same time.

[Morag MacLean] By creating cards about the different sport, we give them the opportunity to learn a little, but we wanted to bring on their speaking skills and listening and understanding. That is the main aim of the cards that they will help their Gaelic skills.

[Alasdair Fraser– Reporter] The resources are available through cards, posters and online and Stòrlann see that there will be a requirement for them for a while yet.

[Donald “Ryno” Morrison] We have made this resource so that it will last. It will work in Modern Studies, geography. It will work with language and the resource will last a long time after the games have gone.

[Alasdair Fraser– Reporter] Alasdair Friseal, BBC An Là, Dùn Èideann.

Show English

prìomh-bhaile - capital city

Geamaichean a’ Cho-Fhlaitheis - The Commonwealth Games

aire - attention

goireasan teagaisg - teaching resources

Nuadh-eòlas - Modern Studies