ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Fèis Leabhraichean Ulapuil

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, bha dithis de na sgrìobhadairean as ùire ann an saoghal litreachais na Gàidhlig ann an Ulapul air an deireadh sheachdain airson a bhith an sàs ann an tachartas Gàidhlig – Fèis Leabhraichean a’ bhaile. B’ iad Anndra Dunn às An Rubha agus Tim Armstrong a bhuineas do Seattle a bha bruidhinn air an àrd-ùrlar an dèidh dhan dithis aca a’ chiad leabhar aca fhoillseachadh an-uiridh. Seo ar fear-naidheachd Coinneach Mac a’ Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Còmhradh aig Fèis Leabhraichean Ulapuil le dithis sgrìobhadair Gàidhlig ùr agus cnuasachadh air saoghal litreachais na Gàidhlig. Cothrom gu math luachmhor.

[Tim Armstrong] Bha mi-fhìn agus Anndra a’ bruidhinn air na diofar dhuilgheadasan a bh’ann a bhith a’ làimhseachadh chànain – Gàidhlig agus Beurla – ann an genres gu math eadar-dhealaichte agus Anndra a’ sgrìobhadh ficsean-eachdraidheil agus mi-fhìn a’ sgrìobhadh ficsean-saidheans ach bha e inntinneach, bha cuid den aon dhùbhlain againn.

[Anndra Dunn] Bha mi-fhìn airson leabhar a sgrìobhadh a chòrdadh rium fhìn a leughadh agus tha mi smaoineachadh feumaidh gu bheil an t-uabhas de sgrìobhadairean a’ dèanamh sin iad fhèin co-dhiù ach, dhomh fhìn mar leughadair bha mi airson sgrìobhadh an seòrsa leabhair a chòrdadh rium-sa agus tha mi smaoineachadh gu bheil na daoine ris a bheil mi air a bhith bruidhinn tha iad air a bhith ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh barrachd de dhiofar sheòrsaichean de leabhraichean Gàidhlig

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Agus buannachd cuideachd bho fhicsean a chur air àrd-ùrlar agus airson ìomhaigh a’ chànain agus an litreachais.

[Anndra Dunn] Cuideachd son a’ Ghàidhlig, tha mi smaoineachadh g’ eil e math daoine a bhith faicinn gu bheil litreachas Gàidhlig ann agus gu bheil e beòthail, mothachail, gu bheil rudan aige ri ràdh. ‘S nach eil corp litreachas na Gàidhlig cho marbh no stòlda co-dhiù ‘s a bhiodh daoine smaoineachadh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Agus teachdaireachd mhisneachail mu na th’ air fàire agus brosnachadh dha luchd-sgrìobhaidh ùr.

[Tim Armstrong] Cha robh mi a-riamh a’ smaoineachadh orm fhìn mar cuideigin a sgrìobhadh nobhail ach a-nis tha mi dìreach ag iarraidh a h-uile duine a bhrosnachadh a bhith a’ gabhail ri sgrìobhadh, ma dh’fhaodte tòiseachadh le sgeulachd ghoirid ach ma dh’fhaodhte feuchainn air nobhailean agus tha e cho cudromach tha mi smaoineachadh gu bheil farsaingeachd againn agus sgrìobhadh aig mòran diofar ìrean, gu bheil leabhraichean litreachail againn agus cuideachd leabhraichean spòrsail, leabhraichean ficsean-saidheans gu cinnteach agus barrachd tha mi’n dòchas ach leabhraichean eucoir, leabhraichean detective, leabhraichean romans agus a h-uile seòrsa, tha mi smaoineachadh gu bheil sin gu math math cudromach

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Le Aiteal a’ gabhail àite Ùr-Sgeul agus barrachd taic dha sgrìobhadairean chan eil fhios nach bi na nòsan sin uile air an sgeilp a dh’aithghearr. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là, Ulapul.

Ullapool Book Festival

English Beurla

[Iain MacInnes - Presenter] Now, two of Gaelic literature’s newest writers were in Ullapool at the weekend to take part in a Gaelic event – the town’s Book Festival. Andrew Dunn from Point and Tim Armstrong from Seattle took to the stage after both publishing a novel last year. Here is our reporter Coinneach Smith.

[Coinneach Smith – Reporter] A conversation with two new Gaelic writers at the Ullapool Book Festival and a discussion about the world of Gaelic literature. A very valuable opportunity.

[Tim Armstrong] Andrew and I were speaking about the various difficulties involved in using two languages – Gaelic and English – in very different genres with Andrew writing historic fiction and me writing science fiction but it was interesting, we faced similar challenges.

[Andrew Dunn] I wanted to write a book I would enjoy myself which I think a lot of writers do anyway, as a reader I wanted to write the type of book I would enjoy and I think that people I have spoken to have been saying that they want to see more genres of Gaelic books.

[Coinneach Smith – Reporter] And benefits also from placing fiction on stage, for the image of the language and the literature

[Andrew Dunn] Also for Gaelic, I think that it’s good for people to see that Gaelic literature exists and that is it lively, perceptive and that it has something to say. And that Gaelic literature is not as dead and stale as people would think.

[Coinneach Smith – Reporter] And a positive message about what’s ahead and encouragement for new writers.

[Tim Armstrong] I never thought of myself as someone who would write a novel but now I just want to encourage everyone to start writing, perhaps start with a short story or maybe try novels and it is so important I think that there is a broad spectrum and many different levels of writing, that we have literary stories and also fun stories, science fiction stories definitely and more of them I hope and crime stories, detective stories, romance and every kind, I think that’s very, very important.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] With Aiteal replacing Ùr-Sgeul and more support available for writers these genres will surely be appearing on our shelves soon. Coinneach Smith, BBC An Là, Ullapool.

Show English

cnuasachadh - discussion

luachmhor - valuable

teachdaireachd - message

farsaingeachd - broad spectrum

Farsaingeachd can also be used in reference to area and can furthermore mean widely, extensively, generally

nòsan - genres

Nòs can also mean custom, tradition