menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Iomairt airson Gàidhlig Dhàil Riata ath-bheothachadh - ann an Gàidhlig Dhàil Riata

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha iomairt air tòiseachadh fiach té de sheann dualchainntean Gàidhlig Earra-Ghàidheil ath-bheothachadh. Théid clàraidhean agus taisbeanaidhean duidseatach a dhèanamh do Ghàidhlig Dhail Riata, gus an téid aig duine sam bith a thogail. Tha sin a’ leantainn air obair a’ chànanaiche Nils Holmer, a reinn iomadh clàradh Gàidhlig anns an sgìre. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Gur dòcha nach eil Gàidhlig Dhail Riata cho aithnichte ri dualchainntean eile Earra-Ghàidheil. A réir fear a tha air cànan na sgìre a rannsachadh, buinidh an dualchainnt do sgìre farsaing tìr-mór Earra-Ghàidheil, a’ gabhail a-steach Cnapadal, Cille Mhàrtainn, Comhghall ‘s Eilean Bòid am measg eile. Mar phàirt de phròiseact ùr, tha dòchas ann gun téid clàraidhean is sgrìobhaidhean den dualchainnt a thoirt cruinn còmhla ann an cruth duidseatach.

[Àdhamh Ó Broin] Gu leòr a ghnothaichean eile ás an dùthaich seo leithid bàrdachd agas seann òrain agas sean-fhacail agas gnothaichean mar sin agas fiosrachamh mun cuairt air ainmean-àite ‘s na h-uile gnothaichean, gum faigh ead sin ann an làraich-lìn mar a their’ tu, far an tig na h-uile gnothaichean sin còmhla - obair Holmer, an obair a tha mi hé air a bhith a’ dèanamh bho cheann cóig bhlianaichean, obair aig leithid Dàibhidh Clement agas Fred MacAmhlaigh a reinn clàramh anns an dùthaich seo - gun toir sinn na h-uile gnothaichean còmhla agas gun dèan sinn làrach-lìn far am faod daoine a tha ag iarraidh an dualchainnt seo ionnsachamh na h-uile gnothaichean a th’ ann den dualchainnt fhaodainn anns an aon àite.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Àdhamh a’ bruidhinn dualchainnt Dhail Riata gu cunbhalach, agas e cuideachd air a theagasg dhan chloinn aige. Ach a réir rannsachadh a chaidh a dhèanamh o chionn beagan bhlianaichean leis an Dotair Will Lamb, tha cunnart ann gum bàsaich gach dualchainnt Ghàidhlig - ach a-mhàin Leòdhas agas Uibhist a Deas.

[Àdhamh Ó Broin] Tha sinn cho cleach•te ri bhith, mar a their’ tu, toilichte nach duair a’ chànan am bàs. Gu bheil sinn a-nis cho, mar a their’ tu, toileach na dualchainntean mar a their tu, a dhol air chall. ‘S tha mi ‘m bheachd gun e rud car truagh a tha sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas ann a-nise gun cuir daoine taic ris a' phròiseact, agus Àdhamh air son dearbhadh gum bith e comasach ath-bheothachadh a thoirt air Ghàidhlig Dhail Riata.

[Àdhamh Ó Broin] Tha mi ‘m beachd gu bheil seo a’ sealltainn chan ann ach do dh’Albainn hé agas do na h-Albannaich ach do dhaoine air feamh an t-saoghail, gun téid aig dualchainnt a bha an imfhios am bàs fhaodainn tighinn air ais beò agas cha ruig u leas ach do chridhe a chur ris a’ ghnothach agas tachraidh e.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Calum MacIlleathain, BBC An Là, Achadh an Droighinn.

Tha LearnGaelic gu math taingeil do dh’Àdhamh Ó Broin airson an aithris seo a sgrìobhadh ann an Gàidhlig Dhail Riata.

A campaign to revive Dalriada Gaelic

English Beurla

[Iain Maclean – Presenter] A scheme has begun to try and revive an old Argyll Gaelic dialect. Digital recordings and exhibitions of Dalriada Gaelic will be made so anybody can learn it. This follows on from the work of linguist Nils Holmer, who made many Gaelic recordings in the area. Here’s Calum Maclean.

[Calum Maclean – Reporter] Dalriada Gaelic is perhaps not as well-known as other Argyll dialects. According to a man who has researched the language of the area, the dialect belongs to a broad area of mainland Argyll which takes in Knapdale, Kilmartin, Cowal and the Isle of Bute amongst others. As part of the new project, there’s hope that recordings and transcripts of the dialect will be collated in digital form.

[Àdhamh Ó Broin] There’s lots of other things in this country such as poetry and old songs and proverbs and things like that, information about place names and everything and to get one website where it could all come together – Holmer’s work, work I’ve been collating myself over the past five years, the work of people such as Davie Clement and Fred MacAulay who did recordings in this country – that we bring it all together on a website in one place so that anybody who wishes to learn all about the dialect can access it.

[Calum Maclean – Reporter] Àdhamh regularly speaks the Dalriada dialect and he’s also taught it to his children. But according to research conducted by Dr Will Lamb a few years ago, there’s a danger that all Gaelic dialects apart from the Lewis and South Uist ones will die off.

[Àdhamh Ó Broin] We’re so used to being happy that the language itself hasn’t died, that we are almost happy to let the dialects die off. In my opinion this is a sad thing.

[Calum Maclean – Reporter] There’s hope now that people will support this project as Adam wants to show that it’s possible to revive Dalriada Gaelic.

[Àdhamh Ó Broin] I think this shows not just to Scotland itself and the Scots but to people around the world that a dialect that was in the verge of dying can be revived. All you need to do is put your heart into it and it will happen.

[Calum Maclean – Reporter] Calum Maclean, BBC An Là, Auchindrain.

LearnGaelic are grateful to Àdhamh Ó Broin who kindly wrote this piece in Dalriada Gaelic.

Show English

Earra-Ghàidheal - Argyll

dualchainntean - dialects

Cnapadal - Knapdale

Cille Mhàrtainn - Kilmartin

Comhghall - Cowal

Eilean Bhòid - Isle of Bute

sean-fhacal - proverb

cunbhalach - regularly

ath-bheothachadh - rejuvenation

Achadh an Droighinn - Auchindrain