menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Slighe Pheofhairidh

Gaelic Gàidhlig

[Innes Rothach – Preseantair] Tha dòchas ann gun tèid seann loidhne-rèile eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair fhosgladh a dh’aithghearr mar shlighe coiseachd agus baidhseagalachd. Tha an rathad eadar an bhaile, an A834, gu math cunnartach do luchd-coiseachd agus e às aonais cabhsair, agus tha luchd-iomairt air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean airson slighe nas sàbhailte a chur air dòigh. Tha tuilleadh aig Magaidh NicFhionghuin.

[Magaidh NicFhionghuin – Neach-aithris] Seo an t-seann loidhne-rèile eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair, a chaidh a dhùnadh anns na 60s mar phàirt de na gearraidhean aig an Oll. Beeching, a bha na chathraiche air Còmhdhail Bhreatainn aig an àm. Ged a tha aon uachdaran air obair a dhèanamh airson pàirt den t-slighe a leasachadh, tha tòrr sgeadachaidh ri dhèanamh fhathast. An-dràsta chan eil roghainn ach an rathad mòr, an A834, a ghabhail.

[Magaidh NicFhionghuin – Neach-aithris] Seo an rathad mòr eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair. Rathad a tha gu math trang agus gu math cumhang. Gu math tric tha daoine siubhal eadar an bhaile airson obair agus tha e gu math duilich dha luchd-baidhsagail agus luchd-coiseachd a bhith a’ dol air.

[Fionnlagh Hickey] Bidh mi a’ dol air a h-uile latha eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair air mo bhaidhsagal agus ’s e rathad luath a th’ ann. Tha e daingeann agus chan eil e sàbhailte airson clann, mar eisimpleir. Chan eil mi toilichte ma bhios mo chlann a’ siubhal gu sgoil air an rathad aig an àm sin.

[Magaidh NicFhionghuin – Neach-aithris] Chaidh Comann Slighe Pheofhairidh a chur air chois son feuchainn ri còrr is £700,000 a chruinneachadh airson an loidhne-rèile a sgeadachadh. Tha iad air iarrtas airson cead-dealbhachaidh a chur a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd mar-thà agus iad an dòchas, ma thèid leotha, gu fosgail an cead-dealbhachaidh seo dorsan airson airgead a bharrachd fhaighinn bho dhiofar bhuidhnean. Tha mòran a’ coimhead air adhart ris an latha far am bi an t-slighe fosgailte.

[Nessa Findlay] It’s quite an exciting sort of, milestone if you like for the community along the Strath because many of the folk that live here have been wanting this for nearly 30 years, people have been talking about it.

[Berend] Tha tòrr dhaoine, mar, clann a’ dol bho Dingwall gu an Strath air a’ bhus bhon sgoil ach bhiodh e math airson a bhith saidhgleadh no a’ coiseachd.

[Magaidh NicFhionghuin – Neach-aithris] Tha an comann air a bhith a’togail airgead mar-thà airson na h-obrach a tha air thoiseach orra, agus iad a’ faighinn tòrr taic ionadail, leithid an rèis an aghaidh a’ chleoc seo air àrd-shràid Inbhir Pheofharain.

[Tim Dawson] Bhiodh an t-slighe, na dhòigh sàbhailte agus ruigsinneach airson rothaireachd agus coiseachd. Airson nan daoine aig a h-uile aois agus a h-uile comas, bhiodh an t-slighe glè ghoireasach airson a dhol eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair agus cuideachd na coimhearsnachdan beaga an leithid Fodhraitidh agus Blàr an Innich.

[Magaidh NicFhionghuin – Neach-aithris] S e sgìre air leth brèagha agus tlachdmhor a tha seo. Tha an comann an dòchas gum bi an t-slighe, a tha ceithir mìle a dh’ fhaid, deiseil an ceann bhliadhna son barrachd dhaoine a thàladh ann. Magaidh NicFhionghuin, BBC An Là, Inbhir Pheofharain.

The Peffery Way

English Beurla

[Innes Munro – Presenter] There’s hope that the old railway line between Dingwall and Strathpeffer will open soon as a walking and cycling path. The road between the two towns, the A834, is quite dangerous for walkers as there is no pavement and campaigners have been fighting for years for a safer path to be constructed. Maggie MacKinnon has more.

[Maggie MacKinnon – Reporter] This is the old railway line between Dingwall and Strathpeffer, which was closed in the 60s as part of the cuts made by Dr Beeching, who was the chairman of British Railways at the time. Although one landlord has carried out work to develop part of the route, a lot of renovation work still needs to be done. Currently there are no options other than to take the main road, the A834.

[[Maggie MacKinnon – Reporter] This is the main road between Dingwall and Strathpeffer. A very busy and narrow road. People regularly commute between the two towns and it’s quite difficult for cyclists and walkers to travel on.

[[Finlay Hickey] I go on it every day, between Dingwall and Strathpeffer, on my bike and it’s a fast road. It’s fast and unsafe for children, for example. I’m not happy if my children are travelling to school on the road at that time.

[[Maggie MacKinnon – Reporter] The Peffery Way Association was set up to raise more than £700,000 to renew the railway line. They have already submitted an application to Highland Council for planning permission and they hope, if they are successful, that this planning permission will open doors for offers of more funding from different groups. Many are looking forward to the day the path will be open.

[[Nessa Findlay] It’s quite an exciting sort of, milestone if you like for the community along the Strath because many of the folk that live here have been wanting this for nearly 30 years, people have been talking about it.

[[Berend] Many people, such as children, travel from Dingwall to the Strath on the bus from school but it would be good to be able to cycle or walk.

[[Maggie MacKinnon – Reporter] The association have already been raising money for the work that is ahead of them and have been receiving lots of local support, such as this race against the clock on Dingwall High Street.

[[Tim Dawson] The path would be a safe and accessible route for cycling and walking; for people of every age and ability. The path would be quite convenient for going between Dingwall and Strathpeffer, and also the smaller communities such as Fodderty and Blairninich.

[[Maggie MacKinnon – Reporter] This is a particularly beautiful and pleasant area. The association hope that the path, which is four miles long, will be ready in two years’ time and that it will attract more people to the area. Maggie MacKinnon, BBC An Là, Dingwall.

Show English

loidhne-rèile - railway line

Inbhir Pheofharain - Dingwall

Srath Pheofhair - Strathpeffer

baidhseagalachd - cycling

luchd-iomairt - campaigners

uachdaran - landlord

cumhang- narrow

Comhairle na Gàidhealtachd - Highland Council

Fothraitidh - Fodderty

Blàr an Innich - Blairninich