ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

Àrd-Oifigear Meidigeach na h-Alba fo iomagain mun Tinneas Lyme

Gaelic Gàidhlig

[Innes Rothach – Preseantair] Sgrìobh Àrd-Oifigear Meidigeach na h-Alba, Catherine Calderwood, gu dotairean air feadh na dùthcha a bhios ag iarraidh orra a bhith mothachail dhan an tinneas Lyme nuair a tha iad dèiligeadh ri euslaintich. Dh’ ataich i gu bheil e gu h-àraidh doirbh do dhotairean teaghlaich a bhith ga h-aithneachadh, seach gu bheil cuid de na comharran, rudan mar sgìths agus fèithean goirt cumanta ri tinneasan eile, ach the i ag ràdh gum bu chòir lighichean a bhith an amharas ma tha euslaintaich a’ cur seachad tòrr ùine anns a’ bhlàr a-muigh. Tha Annabel NicillFhinnein ag aithris.

[Annabel NicillFhinnein – Neach-aithris] Aon latha, chaidh Janey a-mach cuairt ann an Lodainn an Iar, còig bliadhna deug an dèidh sin agus tha i fhathast a’ fulang ri linn buaidh an tinneas Lyme.

[Janey Cringean] I was in bed virtually all the time. I had headaches that felt like someone had stuck a kitchen knife in the side of my head. I couldn’ t move for about six hours each night because it was just so painful with the headaches.

[Annabel NicillFhinnein – Neach-aithris] ’S e an gartan a bhios a’ sgapadh an tinneis seo. Gu h-oifigeil, tha da cheud neach ann an Alba gan glacadh gach bliadhna ach thathas san amharas gu bheil an àireamh cheart tòrr nas àirde na sin. ’S e àrdachadh anns na figearan a th’ air cùlaibh comhairle Catherine Calderwood.

[Catherine Calderwood] We’ ve developed some really good guidelines for professionals specifically, so I, as Chief Medical Officer, am writing to all of the doctors in Scotland, in particular to the GPs to highlight that these educational resources are available. They can look at those themselves, but they can also point out to patients if there are symptoms or issues to look out for when they’ re being consulted.

[Annabel NicillFhinnein – Neach-aithris] Mar as trice thuirt i, chan e an tinneas Lyme a bhios ann ach feumar fhathast a bhith mothachail dheth. ’S e comharra dhan tinneas a th’ ann am broth cruinn dearg den t-seòrsa seo, ach chan eil deuchainn ann a thogas tràth e - rud a bhiodh air leth feumail.

[Annabel NicillFhinnein – Neach-aithris] Thathas air thoiseach air an gnothach ann an Uibhist ge-tà far a bheil an tinneas fada nas bitheanta na tha e ann an àiteigine eile agus tha iad air a bhith ag iomairt airson a thoirt gu aire dhaoine fad grunn bhliadhnaichean.

[Iseabail NicAonghais] Tha barrachd fiosrachaidh* a’ dol a-mach. Tha fios aig daoine dè th’ aca ri dhèanamh ach chan e rud a th’ ann a ’s urrainn dhuinn stad. Tha na h-àireamhan air an sùim of migrates a’ fuireach man aon adhartas a bha iad o chionn na bliadhnaichean mu dheireadh ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil an rud a tha sin a’ dèanamh ceart. ’S ann tha e a’ ciallachadh gu bheil am fiosrachadh a tha a’ dol a-mach, gu bheil daoine ag aithneachadh am broth tha seo agus a’ dol chun an dotair agus a’ faighinn na antibiotics nas tràithe. Chanainn gun toir e bliadhnaichean ma faic sinn gu bheil iad a’ dol sìos.

[Annabel NicillFhinnein – Neach-aithris] Cha ghabh e stad ach dh’fhaodadh gun tig e ghlacadh nas tràithe ri linn an litir seo. Annabel NicillFhinnein, BBC An Là.

Scotland’s Chief Medical Officer concerned about Lyme Disease

English Beurla

[Innes Munro – Anchor] Scotland’s Chief Medical Officer, Catherine Calderwood, wrote to doctors all over the country wanting them to be aware of Lyme Disease when they are dealing with patients . She said it was especially hard for family doctors to recognise it as many of the symptoms, things like exhaustion and sore muscles are common in other illnesses, but she said that medics should be concerned if patients spend a lot of time outdoors. Annabel MacLennan reports.

[Annabel MacLennan – Reporter] One day, Janey went out on a walk in East Lothian, fifteen years later and she is still suffering from the effects of Lyme Disease.

[Annabel MacLennan – Reporter] It’s the tick that spreads this disease. Officially two hundred people in Scotland catch it each year but there is concern that the correct number is much higher than that. The growth in those figures is what is behind Catherine Calderwood’s advice.

[Annabel MacLennan – Reporter] Most of the time, she said, it won’t be Lyme Disease but there still needs to be an awareness of it. The symptom of this disease is this round, red rash, but there is not a test that can be pick it up early – something that would be really useful.

[Annabel MacLennan – Reporter] They are ahead of the matter in Uist though where the disease is much more common than it is in other places and they have been campaigning to bring it to peoples’ attention for many years.

[Isabell MacInnes] More information is going out. People know what they have to do but it’s not something we can stop. The total number of migrates have stayed about the same rate that they were for the past few years but that doesn’t mean that we are not doing the right thing. It means that the information is going out, that people are recognising this rash and going to the doctor and getting the antibiotics earlier. I would say it would take years before we see that it’s going down.

[Annabel MacLennan – Reporter] It won’t stop it but it might perhaps it can be caught earlier as a result of this letter. Annabel MacLennan, BBC An Là.

Show English

Àrd-Oifigear Meidigeach - Chief Medical Officer

feadh na dùthcha - all over the country

euslainteach - patient

fèith - muscle

an gartan - the tick

lighiche - medic

broth - rash