FaclairDictionary EnglishGàidhlig

150 years of the Stornoway Harbour 150 bliadhna de Chala Steòrnabhaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

150 bliadhna de Chala Steòrnabhaigh

[Innes Rothach – Preseantair] Tha Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh a' comharrachadh g’ eil 150 bliadhna ann bhon thòisich am port ag obrachadh gu ìre mhòr anns a’ chruth anns a bheil e an-diugh. Mar phàirt de na bhios a’ dol air adhart, thèid leabhar sònraichte de bhàrdachd, sgrìobhaidhean agus dealbhan fhoillseachadh leis an ùghdarras an-ath-oidhche. Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha 150 bliadhna bho rinn uachdaran Leòdhais, Seumas MacMhathain, leasachadh air port Steòrnabhaigh, ga thoirt an ìre mhath gun chumadh a th’ air an-diugh. Tha leabhar, SY Story, le sgrìobhadh, bàrdachd 's deilbh a’ tòiseachadh a’ bhliadhna comharrachaidh a tha seo.

[Dòmhnall S. Moireach] Dìreach tha rudan iongantach ann. ‘S ann ann an 1948 a thàinig bàta làn Estonians a-steach dhan bhaile ‘s bha iadsan a’ ruith air falbh bho na Ruiseanaich an uair sin agus àm eile ‘s e 1952 nuair a bha Operation Cauldron a’ dol faisg air Tolastadh. S’ ann a bha iadsan ag obair an uair sin air bubonic plague, pneumonic plague agus bha iad a’ dèanamh tòrr air a’ Bhen Lomond.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach tha nithean eile gu bhith dol as a’ phort tron bhliadhna.

[An Capt Bert Frater] Bidh diofar rudan againn ga dhèanamh. Chan eil mi dol a dh’innse dhut a h-uile càil a tha sinn dol a dhèanamh ach tha aontachd mòr ann faisg air deireadh na bliadhna, deireadh September. Tha co-labhairt bhliadhnail aig Port Dhùn Bhreatainn gu bhith ann an Steòrnabhagh ‘s bidh timcheall air 200 delegate ann an sin ‘s tha mi creids gum bi feadhainn a bhuineas dhaibh a’ tighinn còmhla riutha cuideachd.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Bha Dòmhnall S. Moireach ag obrachadh ann an co-bhuinn leis an dealbhadair Dùghlas Robastan.

[Dòmhnall S. Moireach] Bidh e toirt orm smaoineachadh mu dheidhinn dòighean airson dealbhan a dhèanamh cuideachd, fios agad sgeulachd Operation Cauldron rinn esan dealbhan a tha mi smaoineachadh tha dìreach mìorbhaileach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thèid an leabhar fhoillseachadh aig Ionad Woodlands ann an Steòrnabhagh an-ath-oidhche aig seachd uairean. Aonghas Dòmhnallach, BBC An ann an Steòrnabhagh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!