FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1248: Eilean nan Ròn (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean nan Ròn (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu Eilean nan Ròn ann am fìor cheann a tuath na h-Alba ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha e aig beul Caolas Thunga. Nuair a bha sluagh a’ fuireach ann, bhiodh iad a’ sealg nan ròn. Chan e an fheòil no na bèin a bha iad ag iarraidh, ach an ola. Bha an ola feumail dhaibh oir bha iad ga cleachdadh ann an leigheas. Bha iad ga toirt do na laoigh aca. Bha iad cuideachd ga cleachdadh iad fhèin, mar chungaidh-leigheis airson a’ bhroillich.

Ann an clàr air Tobar an Dualchais, tha Dòmhnall MacAoidh ag innse dhuinn gun robh iad a’ sealg nan ròn-glasa aig deireadh an fhoghair. ʼS iad na cuileanan a bha iad a’ marbhadh – le maide. Bhiodh iad a’ toirt na saille dhiubh agus ga leaghadh ann am panaichean a-muigh air latha tioram.

Chan iad na ròin a-mhàin a bhiodh iad a’ sealg. Chuir e iongnadh orm nuair a chuala mi aig Dòmhnall gun robh cearcan-fraoich pailt air an eilean. Bhiodh iad a’ dol a-null à tìr-mòr. Bhiodh na h-eileanaich gan sealg.

Tha Dòmhnall ag ainmeachadh eun eile a bhiodh iad a’ sealg ann am meadhan a’ gheamhraidh nuair a bha sneachd air na creagan. ʼS e coileach-càirn, no mar a chanas iad ann an Dùthaich MhicAoidh, caileach-càirn a bh’ air an eun mar ainm. Bha e beag is donn ach chan eil mi cinnteach dè an seòrsa eòin a bh’ ann. Cha robh fios eadhon aig na h-eòlaichean à Sgoil Eòlais na h-Alba dè an seòrsa a bh’ ann. Ma tha smuain agaibh fhèin, nach cuir sibh fios thugam?!

Bha glè bheag de mhamailean fiadhaich air an eilean. Cha robh maighich ann, no sionnaich, no radain no luchan. Cha robh no nathraichean. Bhiodh na h-eileanaich a’ falbh a-null gu eilean eile – Eilean nan Coinean – airson coineanaich a shealg. Cha robh gin dhiubh air Eilean nan Ròn.

Nise, bha mi ag innse dhuibh mu Eilean Stròma o chionn ghoirid. Tha e faisg air Taigh ʼan Ghròt ann an Gallaibh. Uill, bha ceangal ann eadar Eilean nan Ròn agus Stròma. Bhiodh na h-iasgairean à Eilean nan Ròn a’ cleachdadh bhàtaichean a bh’ air an togail ann an Stròma. Bha fichead ʼs a ceithir troighean a dh’fhaid annta. Bha dìreach seòl-mòr orra.

An dèidh a’ Chiad Chogaidh, chaidh cùisean bhuaithe ann an Eilean nan Ròn. Bha iasgach an sgadain a’ dol air ais, a rèir Dhòmhnaill MhicAoidh. Dh’fhalbh feadhainn gu Astràilia. Tràth anns na ficheadan, fhuair trì teaghlaichean fearann faisg air làimh air tìr-mòr. Bha sin ann am Borghaidh far an deach croitean ùra a chruthachadh air seann tuathanas. Bha iad sin do dhaoine a bh’ air a bhith a’ sabaid anns a’ chogadh.

Dh’fhalbh na daoine mu dheireadh ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1938). Ach cha robh Eilean nan Ròn buileach gun daoine bhon uair sin. Dusan bliadhna an dèidh do mhuinntir an àite falbh, chaidh buidheann a dh’fhuireach ann airson greis. ʼS e oileanaich a bh’ anns a’ chuid mhòir dhiubh, agus bha iad a’ gabhail pàirt ann an deuchainn mheidigeach co-cheangailte ris a’ chnatan.

Bha iad airson àite a lorg far am biodh iad leotha fhèin, gun luchd-tadhail a’ tighinn ann, ach far an robh taighean anns am biodh iad a’ fuireach. Thagh iad Eilean nan Ròn. Innsidh mi dhuibh mun deuchainn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Caolas Thunga: The Kyle of Tongue; leigheas: cure, treatment; laoigh: calves; ròin-ghlasa: grey seals; cearcan-fraoich: red grouse; Eilean nan Coinean: the island of the rabbits; seòl-mòr: mainsail; Borghaidh: Borgie; oileanaich: students.

Abairtean na Litreach: Nuair a bha sluagh a’ fuireach ann, bhiodh iad a’ sealg nan ròn: when a population was living there, they would be hunting the seals; chan e an fheòil no na bèin a bha iad ag iarraidh, ach an ola: it wasn’t the meat or the hides that they were wanting, but the oil; mar chungaidh-leigheis airson a’ bhroillich: as a medical treatment for the chest; deireadh an fhoghair: the end of the autumn; ʼs iad na cuileanan a bha iad a’ marbhadh – le maide: it’s the pups they were killing – with a club; bhiodh iad a’ toirt na saille dhiubh: they would take the blubber from them; ga leaghadh ann am panaichean a-muigh air latha tioram: melting it in pans outside on a dry day; meadhan a’ gheamhraidh nuair a bha sneachd air na creagan: the middle of winter when there was snow on the crags; chan eil mi cinnteach dè an seòrsa eòin a bh’ ann: I’m not sure what sort of bird it was; na h-eòlaichean à Sgoil Eòlais na h-Alba: the experts from the School of Scottish Studies; nach cuir sibh fios thugam?: won’t you let me know?; glè bheag de mhamailean fiadhaich: very few wild mammals; cha robh maighich ann, no sionnaich, no radain no luchan: there were no hares or foxes or rats or mice; faisg air Taigh ʼan Ghròt ann an Gallaibh: near John O’ Groats in Caithness; a’ cleachdadh bhàtaichean a bh’ air an togail ann an Stròma: using boats that were built in Stroma; an dèidh a’ Chiad Chogaidh, chaidh cùisean bhuaithe: after the First War, things went downhill; far an deach croitean ùra a chruthachadh air seann tuathanas: where new crofts were created on an old farm; deuchainn mheidigeach co-cheangailte ris a’ chnatan: a medical experiment connected to the common cold.

Puing-chànain na Litreach: Bha iasgach an sgadain a’ dol air ais, a rèir Dhòmhnaill MhicAoidh: the herring fishing was diminishing, according to Donald Mackay. A rèir is a compound preposition which takes the genitive case. This also affects personal names. Thus Dòmhnall MacAoidh (nominative) becomes Dhòmhnaill MhicAoidh (genitive). A rèir Chaluim MhicAmhlaigh ‘according to Calum MacAulay; a rèir Alasdair Mhoirich ‘according to Alasdair Murray’; a rèir Anna Mhoireach ‘according to Ann Murray’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha robh no nathraichean: nor were there snakes.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 944

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean