FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1256: Bàrr Èibhinn (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrr Èibhinn (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun chloich-neirt ri taobh na h-eaglaise ann am Bàrr Èibhinn air oighreachd Chaladair. Thathar ag ràdh gu bheil ochd clachan deug de chuideam innte. Tha sin co-ionann ri ceud is ceithir-deug cileagraman. Tha i fìor dhoirbh a thogail. Tha i ri taobh na seann eaglaise ann an Clachan Bhàrr Èibhinn.

Tha cunntas againn dhen chloich bho ochd ceud deug is ochdad (1880). Bha tuathanach a’ fuireach ri taobh a’ chlachain. ʼS e Uilleam Mac an Tòisich an t-ainm a bh’ air. Bha e seachdad ʼs a seachd bliadhna a dh’aois. Dh’inns Mac an Tòisich don fhear a sgrìobh an cunntas – Uilleam Jolly – gun robh comas aige a’ chlach a thogail nuair a bha e òg. Bha e eadhon comasach air a togail gu h-àrd agus a cur air muin a’ ghàrraidh a tha timcheall a’ chladh.

Cha b’ e sin a-mhàin, ach dh’inns caraid aig Jolly a bha còmhla ris gun robh a sheanmhair air a’ chlach a thogail. Rinn i sin le bhith a’ cur a h-aparain fòidhpe. Tha an cunntas sin inntinneach oir, ann am beul-aithris nan Gàidheal, bhiodh bana-bhuidsich a’ togail chlachan mòra le bhith a’ cleachdadh an aparan. Agus bhiodh fir Ghàidhealach a’ togail chuideaman mòra uaireannan le bhith a’ cur am fèilidhean fòdhpa.

Chan eil e soilleir cia mheud duine a th’ air Clach-neirt Bhàrr Èibhinn a thogail bhon uair sin. Ach tha cunntas inntinneach a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid mu cheangal eadar a’ chlach agus Uibhist a Tuath.

Bha fear às an Eilean Sgitheanach – Dòmhnall MacIllEathain – ag obair mar phoileas agus mar thuathanach ann an Siorrachd Narann anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh. Dh’fhàg e an t-eilean gun sgillinn ruadh na phòcaid, ach shàbhail e airgead gu leòr airson fearann ri taobh Clachan Bhàrr Èibhinn a cheannach. Bha Dòmhnall gu math làidir agus bha ùidh aige sa chloich-neirt. Ach chan eil e dearbhte gun do thog esan i.

Cheannaich Dòmhnall crodh bho dhaoine ann an Uibhist a Tuath. Fhuair e eòlas air Uibhistich agus thug e obair do fheadhainn aca air an tuathanas aige aig àm an Dàrna Cogaidh. A rèir aithris, chùm na h-Uibhistich farpais airson faicinn cò bha comasach air a’ chlach a thogail. B’ e an aon duine a rinn an gnothach fear Pàdraig MacIllEathain.

Ann an dà mhìle ʼs a dhà-dheug (2012), thog fear à Eilginn, Martin Jancsics, a’ chlach gu a ghualainn – a’ chiad duine anns an linn seo a rinn sin, a rèir aithris. Tha esan ag ràdh nach eil a’ chlach buileach cho trom ʼs a tha feadhainn eile a’ cumail a-mach. Tha dìreach ceud ʼs a còig cileagraman de chuideam innte!

Ceithir bliadhna an dèidh sin, thill Martin airson bhidio a dhèanamh, agus e fhèin a’ togail na cloiche. Bhon uair sin, tha grunnan dhaoine air bhidiothan a dhèanamh dhiubh fhèin, agus iad a’ togail na cloiche don ghualainn no eadhon os an cionn.

Tha rudeigin laghach mu na ‘farpaisean’ togail seo. Tha iad gu mòr co-cheangailte ri eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal. Tha na clachan fhèin gu math eachdraidheil, mar a tha an tè ann am Bàrr Èibhinn.

Faclan na Litreach: co-ionann ri: equivalent to; fìor dhoirbh: very difficult; Uilleam Mac an Tòisich: William MacIntosh; bana-bhuidsich: witches; Uibhist a Tuath: North Uist; crodh: cattle; Pàdraig MacIllEathain: Peter Maclean; Eilginn: Elgin; laghach: nice; eachdraidheil: historic.

Abairtean na Litreach: mun chloich-neirt ri taobh na h-eaglaise ann am Bàrr Èibhinn air oighreachd Chaladair: about the lifting stone next to the church in Barevan on the Cawdor estate; bha tuathanach a’ fuireach ri taobh a’ chlachain: a farmer was living next to the kirkton; gun robh comas aige a’ chlach a thogail nuair a bha e òg: that he was able to lift the stone when he was young; gun robh a sheanmhair air a’ chlach a thogail: that his grandmother had lifted the stone; le bhith a’ cur a h-aparain fòidhpe: by putting her apron underneath it; a’ togail chuideaman mòra uaireannan le bhith a’ cur am fèilidhean fòdhpa: lifting big weights by putting their plaids underneath them; bha fear às an Eilean Sgitheanach – Dòmhnall MacIllEathain – ag obair mar phoileas agus mar thuathanach ann an Siorrachd Narann: a man from Skye – Donald Maclean – was working as a policeman and farmer in Nairnshire; bha ùidh aige: he was interested; chan eil e dearbhte gun do thog esan i: it’s not proven that he lifted it; chùm na h-Uibhistich farpais: the Uist men held a competition; chithear a’ bhidio: the video can be seen; a’ togail na cloiche don ghualainn no eadhon os an cionn: lifting the stone to the shoulder or even above them.

Puing-chànain na Litreach: Bha e eadhon comasach air a togail gu h-àrd agus a cur air muin a’ ghàrraidh: that he was even capable of lifting it high and putting it on top of the stone wall. The phrase air a togail has the possessive pronoun within it. Because clach is a feminine noun, it is the third person singular feminine pronoun we employ and this does not lenite the noun. It is the same with air a cur. If I had been talking about a masculine noun e.g. bòrd, I would have said ‘bha e comasach air a thogail...’ Here are other examples: bha e comasach air mo thogail ‘he was able to lift me’; am bithinn comasach air do thogail? ‘would I be able to lift you?’

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thathar ag ràdh gu bheil ochd clachan deug de chuideam innte: it’s said that it weighs eighteen stones [lit. ‘that there are eighteen stones of weight in her’].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 952

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean