433: Na h-eileanan Loch Laomainn
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Na h-eileanan Loch Laomainn
Bha mi ag innse dhuibh mu dhà bheathach annasach anns an Litir mu dheireadh. Chan e gu bheil na h-ainmhidhean annasach annta fhèin, ach gu bheil iad car neo-àbhaisteach far a bheil iad – air eileanan Loch Laomainn. B’ iad an dathas agus seòrsa de ualabai.
Mus fhàg sinn Loch Laomainn agus a chuid bheathaichean, tha mi airson innse dhuibh mu chreutair eile – eun – a tha a’ fuireach ann. Cha chanadh tu gu bheil e annasach ach, gu dearbh, chan eil e pailt ann an Alba. ’S e sin an capall-coille.
Bha mi a’ leughadh leabhar an latha eile anns an robh iomradh air Loch Laomainn. ’S e an leabhar “Highways and Byways in the West Highlands” leis an eòlaiche-nàdair, Seton Gòrdan nach maireann. Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935). Uaireigin roimhe sin, chaidh an t-ùghdar gu ruige Innis Caillich ann an Loch Laomainn. Bha e air cluinntinn gum biodh grunn chapall-coille a’ cur seachad na h-oidhche air na craobhan-giuthais anns an eilean. Gach oidhche bhiodh iad a’ falbh o thìr-mòr, agus a’ dèanamh air an eilean.
Ro dhol fodha na grèine, chaidh Gòrdan agus a chompanaich a-mach don eilean. Dhìrich iad don choille far a bheil na craobhan-giuthais. Dh’fhuirich iad an sin gu sàmhach, a’ feitheamh gus an nochdadh na h-eòin. Dh’fhàs a’ ghealach agus na rionnagan soilleir anns na speuran. Dh’fhàs an t-adhar dorch. Ach cha do nochd na capaill-choille.
Nuair a bha mise ann an Loch Laomainn cha do dh’fheuch mi ri capall-coille a lorg. Ach, a rèir choltais, tha iad fhathast ann. Tha co-dhiù aon eilean ann far am bi iad a’ nochdadh. Eadar naoi ceud deug naochad ’s a còig (1995) agus naochad ’s a naoi (1999), lorgadh – sa chuibheas – naoi capaill-choille anns an eilean sin aig àm a’ chunntaidh gach bliadhna. Tha sin a’ riochdachadh trithead ’s a seachd eòin anns gach cileameatair ceàrnagach – an tricead as àirde ann an Alba.
Bha mi a’ fuireach ann an Innis Mhearain – an t-eilean as motha anns an loch. Bidh fios aig cuid agaibh, ’s dòcha, gu bheil àite san eilean airson rùisgtearan. Uill, tha mi airson a ràdh gun robh mo chuid aodaich orm fad na h-ùine! Agus chan fhaca mi duine a bh’ air a chaochladh!
Tha Innis Mhearain – no Inchmurrin – a’ faighinn ainm bhon Naomh Mearain aig an robh caibeal anns an eilean. ’S e an naomh a tha gu mòr co-cheangailte ri Pàislig – Saint Mirren ann am Beurla. Tha sgioba ball-coise ann am Pàislig a tha a’ giùlain ainm.
’S e àite laghach a th’ ann an Innis Mhearain, agus bidh mòran aig a bheil bàtaichean a’ tadhal air oir tha taigh-òsta ann. Tha feadhainn a tha a’ fuireach ann an sàs ann an sgitheadh-uisge. Uill, carson nach bitheadh, agus àite freagarrach taobh a-muigh an taigh aca.
Bha seann charaid dhomh a bhuineadh don Chomraich, nach eil beò tuilleadh, na phoileas ann an Lus air bruach Loch Laomainn an dèidh a’ Chogaidh. Abair na stòiridhean a dh’innis e dhomh mu bhith a’ coimhead airson daoine a bh’ air a dhol a dhìth anns an loch. Uaireannan cha d’ fhuair iad lorg idir air na cuirp aca. B’ fheàrr leam gun robh mi air na stòiridhean aige a chlàradh oir is beag a’ chuimhne a th’ agam orra a-nise.
Faclan na Litreach: neo-àbhaisteach: unusual; dathas: fallow deer; ualabai: wallaby; pailt: plentiful; capall-coille: capercaillie; dhìrich: ascended, climbed; tricead: frequency; Innis Mhearain: Inchmurrin; rùisgtearan: nudists, naturists; Naomh Mearain: St Mirren; caibeal: chapel; sgitheadh-uisge: water-skiing: Lus: Luss; clàradh: record[ing].
Abairtean na Litreach: agus a chuid bheathaichean; and its animals; anns an robh iomradh air Loch Laomainn: in which there was a mention of Loch Lomond; leis an eòlaiche-nàdair, Seton Gòrdan nach maireann: by the naturalist, Seton Gordon, deceased; uaireigin roimhe sin: sometime before that; a’ cur seachad na h-oidhche air na craobhan-giuthais: spending the night on the pine trees; bhiodh iad a’ falbh o thìr-mòr, agus a’ dèanamh air an eilean: they would leave the mainland and make for the island; ro dhol fodha na grèine: before sunset; a’ feitheamh gus an nochdadh na h-eòin: waiting until the birds would appear; dh’fhàs a’ ghealach agus na rionnagan soilleir anns na speuran: the moon and the stars grew bright in the heavens; far am bi iad a’ nochdadh: where they appear; a’ riochdachadh trithead ’s a seachd eòin anns gach cileameatair ceàrnagach: representing 37 birds per square kilometre; tha mi a’ dèanamh dheth: I reckon; gun robh mo chuid aodaich orm: that my clothes were on me; duine a bh’ air a chaochladh: [any] person that was otherwise; tha sgioba ball-coise ann am Pàislig a tha a’ giùlain ainm: there is a football team in Paisley which carries his name; carson nach bitheadh?: why wouldn’t [they] be?; a bhuineadh don Chomraich: who belonged to Applecross; abair na stòiridhean a dh’innis e dhomh: what stories he told me; daoine a bh’ air a dhol a dhìth: people who had gone missing; is beag a’ chuimhne a th’ agam orra: I remember little of them.
Puing-chànain na Litreach: lorgadh – sa chuibheas – naoi capaill-choille: nine capercaillie – on average – were found. If you find mathematical terminology difficult in Gaelic, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig produced a Faclair Matamataig/Maths Glossary last year – it’s very useful. In the schools, cuibheas is the noun used for “average” or “mean”; cuibheasach is its equivalent adjective. Median is meadhan (noun) or meadhanach (adjective).
Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan e gu bheil na h-ainmhidhean annasach annta fhèin : it’s not that the animals are unusual in themselves.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 129
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn