FaclairDictionary EnglishGàidhlig

922: Coire Bhreacain (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Coire Bhreacain (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’aithris dhuibh sreath ainmean-àite. An aithnich sibh an t-eilean anns a bheil iad? Cnoc an t-Sabhail, Port an Tiobairt, Port an Droighinn, Maol Eilean, Coire Bhreacain.

Tha mi cinnteach gun robh glè bheag agaibh eòlach air na h-ainmean ann am meadhan an t-sreath. Ach an fheadhainn aig gach ceann dheth – ʼs dòcha gun do dh’aithnich sibh iad – Cnoc an t-Sabhail agus Coire Bhreacain. Tha iad uile ann an – no faisg air – Eilean Dhiùra – air cladach an ear-thuath an eilein. Tha Cnoc an t-Sabhail nas aithnichte do dhaoine le dreach na Beurla air – Barnhill. Tha e ainmeil a chionn ʼs gur ann an sin a bha Eric Arthur Blair a’ fuireach nuair a sgrìobh e an nobhail aige 1984. Bha ainm-pinn aig Blair – George Orwell.

Agus an t-àite eile? Coire Bhreacain. Tha sibh eòlach air sin, nach eil? Mura h-eil sibh eòlach air an àite, bidh sibh eòlach air a chliù. ʼS e Coire Bhreacain an cuairt-shruth as ainmeile ann an Alba, agus an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal. Tha e gu tuath air Diùra, anns a’ chaolas eadar Diùra agus Sgarba. Tha e na chunnart do mharaichean.

Tuigidh sibh, tha mi an dùil, gur e whirlpool a tha mi a’ ciallachadh le ‘cuairt-shruth’. Tha faclan eile airson na leithid ann an Gàidhlig – ioma-shruth, cuairt-shlugan, cuairt-linn, slug-pholl, cuan-choire, saobh-choire, coingheall agus faochag-linne. Tha facal eile ann cuideachd, ach tha mi a’ dèanamh dheth nach eil e freagarrach airson Coire Bhreacain. ʼS e sin cuinneag-thuathail. Carson nach eil e freagarrach? Uill, fhad ʼs as aithne dhomh, bidh an t-uisge ann an Coire Bhreacain a’ cuartachadh deiseil.

Tha e inntinneach mar a tha cuid de na h-ainmean stèidhichte air sruth ‘current’, slug ‘swallow’ agus coire ‘cauldron’. Am bi Coire Bhreacain dha-rìribh a’ slugadh mharaichean, gan toirt don aigeann? Uill, a rèir aithris a leugh mi air an eadar-lìon, rinn sgioba filmidh deuchainn. Thilg iad corp fuadain le seacaid-sàbhalaidh agus inneal-tomhais doimhneachd air a-steach a Choire Bhreacain.

Chaidh a shlugadh leis an t-sruth agus chaidh e don aigeann. Nuair a nochd e a-rithist air uachdar, bha e pìos air falbh, agus sheall an t-inneal-tomhais doimhneachd gun robh e air a dhol sìos gu ochd ceud troigh fo uachdar na mara! Nise tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair. Co-dhiù, a rèir choltais, chaidh an corp fuadain a shlugadh don aigeann.

Bliadhna no dhà air ais, thuirt mo mhac rium gun robh e a’ dol a shnàmh ann an Coire Bhreacain. Tha e gu math comasach a bhith a’ snàmh ann an àiteachan a tha, mar gun canadh tu, ‘dùbhlanach’. Ach tha Coire Bhreacain tuilleadh is dùbhlanach. Mus d’ fhuair mi cothrom ceist a chur air, thuirt e, ‘Aig àm an eadar-shruth a bhitheas e!’ Ach cha mhair an t-eadar-shruth fada. ʼS e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche, gu h-àraidh aig àm an reothairt. Nochdaidh a’ chuairt-shruth, agus muir gharbh agus sruth-mara a tha a’ dol aig ochd mìle-mara san uair.

Tha Coire Bhreacain dìreach sia cilemeatairean air falbh bhon taigh anns an robh George Orwell a’ fuireach. Agus aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Cnoc an t-Sabhail: Barnhill; Port an Tiobairt:the harbour of the well; Port an Droighinn: the harbour of the blackthorn; Maol Eilean: bare island; Coire Bhreacain: Corryvreckan; Diùra: Jura; ainm-pinn: pen-name; Sgarba: Scarba.

Abairtean na Litreach: a chionn ʼs gur ann an sin a bha X a’ fuireach: because that’s where X was living; bidh sibh eòlach air a chliù: you’ll know its reputation; an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal:the third most powerful in the world; fhad ʼs as aithne dhomh: as far as I know; bidh an t-uisge ann an Coire Bhreacain a’ cuartachadh deiseil: the water in Corryvreckan circulates clockwise; a’ slugadh mharaichean, gan toirt don aigeann: swallowing mariners, taking them to great depth; a rèir aithris air an eadar-lìon: according to a report on the internet; corp fuadain le seacaid-sàbhalaidh agus inneal-tomhais doimhneachd air: a mannequin with a lifejacket and a depth-measuring device on it; chaidh a shlugadh leis an t-sruth: it was swallowed by the current; ochd ceud troigh fo uachdar na mara: eight hundred feet under the surface of the sea; tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair: my marine chart tells me that the depth doesn’t exceed two hundred metres; tuilleadh is dùbhlanach: extremely challenging; aig àm an eadar-shruth a bhitheas e: it will be at the time of the slack tide; ʼs e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche: it’s the flood tide that’s most dangerous; aig àm an reothairt: at the time of spring tides; ochd mìle-mara san uair: eight knots; aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann: one summer’s day, the famous writer almost lost his life there.

Puing-chànain na Litreach: faochag-linne : this name might seem, at first glance, to mean ‘the strait-winkle’, a rather attractive if slightly strange name. But I suspect that faochag for ‘winkle’ refers simply to the shell’s shape and that it comes from an old root meaning ‘whorl’ or ‘spiral’. So faochag-linne is a place where the water spirals down in a strait between two landmasses ie a whirlpool. Faochag is also used for the whorl of hair on a person’s head. But what about the whorl of hair you often see on the rear end of a dog? Is that also a faochag ? Any thoughts from my readers? You’ll reach me at roddy@culcabockpublishing.co.uk.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ann an àiteachan a tha, mar gun canadh tu, ‘dùbhlanach’: in places that are, [as] you might say, ‘challenging’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 618

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean