FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1352: Leann-fraoich (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Leann-fraoich (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse seann sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh dhuibh. Bha feachd mòr aig Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann. Bha iad a’ toirt ionnsaigh air na Cruithnich mu dheireadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghàidheil. Cha robh ach ceathrar aca air fhàgail beò – seann duine agus a thriùir mhac.

Air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan. Tha iad fhathast ann. Canaidh daoine na double-dykes riutha. Dh’fhuirich an ceathrar ghaisgeach an sin airson seachdain. Chuir iad stad air na Gàidheil.

Anns an sgeulachd, bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air biadh ris an canar ‘biadh nan treun’ – the food of the heroes. Ged a tha an cunntas sgrìobhte ann am Beurla, ’s e an t-ainm Gàidhlig a chleachd an sgrìobhadair. Ach gu mì-fhortanach, chan eil e a’ mìneachadh dè th’ ann ann am ‘biadh nan treun’.

Mu dheireadh, an dèidh seachdain, cha robh biadh air fhàgail. Dh’aontaich an seann duine bruidhinn ri teachdaire aig Niall. Gheall an teachdaire dhaibh gum biodh iad air leigeil mu sgaoil gun chron nan innseadh iad do na Gàidheil mar a dhèanadh iad leann-fraoich.

Dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant car annasach. Bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bàs. Mar sin, chan fhaiceadh iad mar a bha an rùn-dìomhair aca air a thoirt seachad. An uair sin, bhiodh an gille a bu shine aige – air an robh Trost mar ainm – ag innse don t-Sionnach (am fear-brathaidh Cruithneach aig Niall) ann an cagair mar a dhèanadh iad leann-fraoich. ’S e an Sionnach – am brathadair – a bhriseadh dìomhaireachd na reasabaidh. Agus bhiodh Trost air a shaoradh gun chron air.

Dh’aontaich an rìgh ris a’ chùmhnant. Chaidh an Sionnach air adhart le claidheamh na làimh. Cha robh armachd sam bith aig Trost. Dh’iarr Trost air an fhear eile dhol cuide ris gu mullach a’ Mhaoil. Bha iad air bearradh, gu h-àrd os cionn na mara.

Bha iomagain air an t-Sionnach. Ach bha fios aige nach robh an rìgh dèidheil air. Mura faigheadh e an reasabaidh mar a chaidh iarraidh, bha fios aige gum biodh e air a chur gu bàs. Cha robh roghainn aige. Lean e air Trost gu mullach a’ bhearraidh.

‘Thig nas fhaisge,’ thuirt Trost ris. ‘Chan fhaod duine sam bith eile ach thu fhèin an reasabaidh dhìomhair airson leann-fraoich a chluinntinn bho mo bhilean.’

Theannaich an Sionnach a ghrèim air a’ chlaidheamh. Thug e sùil air Trost. Agus thug e sùil air ais air na saighdearan Gàidhealach a bha faisg, agus a’ fàs mì-fhoighidneach. Bha e a-nise ri taobh a’ Chruithnich òig.

Gu h-obann agus gun rabhadh, chuir Trost a ghàirdeanan timcheall an duine eile gus nach togadh e a chlaidheamh. Ghabh Trost grèim teann air. Dh’èigh e gum biodh an rùn-dìomhair air a ghlèidheadh gu sìorraidh. Leum e far a’ bhearraidh, a’ toirt an t-Sionnaich leis. Agus sin mar a chùm na Cruithnich an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh.

Faclan na Litreach: Gall-Ghàidhealaibh: Galloway; Niall Naoi-ghiallach: Neil of the nine hostages; leann-fraoich: heather ale; teachdaire: messenger; cagair: whisper; brathadair: traitor; claidheamh: sword; mullach a’ Mhaoil: the summit of the Mull; grèim: grip.

Abairtean na Litreach: Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghàidheil: the Picts were driven to an isthmus near the Mull of Galloway; cha robh ach ceathrar aca air fhàgail beò: only four of them were left alive; air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan: behind the isthmus was a ditch and embankments; chuir iad stad air X: they stopped X; bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air biadh ris an canar: the Picts were keeping themselves alive on food called; gheall an teachdaire dhaibh: the messenger promised them; gum biodh iad air leigeil mu sgaoil gun chron: that they would be released without harm; nan innseadh iad do X mar a dhèanadh iad leann-fraoich: if they would tell X how they would make heather ale; dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant car annasach: the old man agreed but on a slightly strange condition; bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bàs: he and his two youngest sons would be killed; air bearradh, gu h-àrd os cionn na mara: on a cliff high above the sea; cha robh roghainn aige: he had no choice; thug e sùil air ais air na saighdearan Gàidhealach a bha faisg, agus a’ fàs mì-fhoighidneach: he looked back at the Gaelic soldiers who were close, and becoming impatient; gus nach togadh e a chlaidheamh: so that he wouldn’t lift his sword; dh’èigh e gum biodh an rùn-dìomhair air a ghlèidheadh gu sìorraidh: he shouted that the secret would be kept forever; leum e far a’ bhearraidh, a’ toirt X leis: he jumped from the cliff, taking X with him; mar a chùm na Cruithnich an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh: how the Picts kept the recipe secret forever.

Puing-chànain na Litreach: biadh nan treun: the food of the heroes. This is the Gaelic name given to the food that sustained the Pictish warriors for the week. However, what it consists of is not explained. Perhaps it was the roots of carra-meille ‘the tuberous vetch’ which was used as a hunger suppressant by Highland warriors and drovers. If any reader knows what it might have been, I would love to hear from them at fios@learngaelic.scot.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a thriùir mhac: his three sons.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1048

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean