628: A’ Ruigsinn Taigh nam Bodach (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
A’ Ruigsinn Taigh nam Bodach (3)
Bha mi ag innse dhuibh mu Thaigh nam Bodach, no Taigh na Cailliche, faisg air Loch Lìomhann. Bithear a’ cur nan clachan a-mach às an ‘taigh’ a h-uile Bealltainn agus gan toirt a-steach a-rithist airson a’ gheamhraidh air an latha ro Oidhche Shamhna. Tha cuid dhen bheachd gur e a th’ ann cleachdadh pàganach a tha cho sean ri gin ann am Breatainn.
’S iad na daoine a bha a’ fuireach ann an ceann shuas a’ ghlinne a chùm an cleachdadh beò fad nan linntean. Ach thogadh dàm an sin an dèidh an Dàrna Cogaidh agus rinneadh loch mòr ann. Bha na daoine air am fuadachadh. Cha robh duine ann tuilleadh a bheireadh sùil air Taigh nam Bodach ach an cìobair a bha ri obair chaorach. Gu fortanach, bha ùidh aig a’ chìobair, Bob Bissett, anns a’ ghnothach, agus chùm e an cleachdadh a dol. ’S e a thug fiosrachadh don eòlaiche, Anna Ros, mu dheidhinn.
Nuair a chaochail Bob Bissett, bha an t-eagal ann gum faigheadh an cleachdadh fhèin bàs. Ach lean an ath chìobair le bhith a’ cur nan clachan a-mach ’s a-steach gach bliadhna. Agus tha daoine a tha an sàs ann an comainn eachdraidh shìos anns na glinn air an gnothach a chumail a dol.
Chan eil e soilleir, ge-tà, dè thachras san ùine romhainn. Tha plana ann airson sgeama dealain-uisge gu h-àrd sa ghleann a nì cron air an àite. Tha Taigh nam Bodach air a bhith ann an àite sàmhach, sìtheil, iomallach fad nan linntean. ’S dòcha nach lean an t-sàmhchair. Bhite a’ creidsinn san t-seann aimsir, ’s dòcha, nach biodh a’ Chailleach ’s am Bodach ro thoilichte mun t-suidheachadh ùr, agus gum biodh na daoine fhèin ann an cunnart air sàillibh sin. Agus tha cuid anns an sgìre an-diugh dhen bheachd gum bu chòir don àite a bhith air a chlàradh mar ‘làrach naomh’ a bhiodh air a dìon bho leasachadh neo-iomchaidh. Ach, thuige seo, cha chreid mi gu bheil reachdas againn a bhios a’ dìon àiteachan a bha, no a tha, naomh.
Mus fhàg mi gnothaichean os-nàdarrach ann an Gleann Lìomhann, bu mhath leam rudeigin a ràdh mu ùruisgean oir thathar ag ràdh gu bheil fear a’ fuireach anns a’ ghleann. ’S e ùruisg creutair os-nàdarrach a bha a’ fuireach ann an, no faisg air, uisge, gu h-àraidh aibhnichean. Tha an sgrìobhaiche Seton Gordon anns an leabhar aige Highways and Byways in the Central Highlands ag innse dhuinn mu chlach ann an ceann shuas Ghleann Lìomhann. Tha lorg-coise anns a’ chloich agus canaidh daoine Caslorg Pheallaidh ris, the footprint of Peallaidh.
Tha Gordon ag innse dhuinn gur e Peallaidh rìgh nan ùruisgean. Tha baile Obar Pheallaidh ga ainmeachadh air a shon. Tha an t-ainm Peallaidh a’ tighinn bhon facal peall – bian molach. Bhathar ag ràdh gun robh Peallaidh a’ fuireach ann an Uisge Lìomhann agus gun robh e na bu luaithe na bradan air snàmh. Bha an dachaigh aige ann am Bun Eas no Falls of Moness faisg air Obar Pheallaidh. Bha ùruisgean pailt ann an Alba agus bha Gleann Lìomhann am measg nan àiteachan a bu phailte san robh iad. Tha trì ùruisgean deug air an ainmeachadh ann an seann rann Gàidhlig bhon sgìre. Innsidh mi an rann dhuibh anns an ath Litir.
Faclan na Litreach: cìobair: shepherd; chaochail: died; comainn eachdraidh: historical societies; làrach naomh: sacred site; os-nàdarrach: supernatural; Obar Pheallaidh: Aberfeldy; peall: pelt, hide, often hairy; Uisge Lìomhann: River Lyon.
Abairtean na Litreach: tha cuid dhen bheachd gur e a th’ ann cleachdadh pàganach: some people think it’s a pagan practice; cho sean ri gin: as old as any; ann an ceann shuas a’ ghlinne: in the upper part of the glen; a chùm an cleachdadh beò fad nan linntean:that kept the practice alive over the centuries; thogadh dàm an sin an dèidh an Dàrna Cogaidh: a dam was built there after the Second [World] War; rinneadh loch mòr ann: a large loch was created there; bha na daoine air am fuadachadh: the people were cleared; cha robh duine ann tuilleadh a bheireadh sùil air: there was no longer anybody who would keep an eye on; gum faigheadh an cleachdadh fhèin bàs: that the practice itself would die; dè thachras san ùine romhainn: what will happen in the future; sgeama dealain-uisge: a hydro-electric scheme; sàmhach, sìtheil, iomallach: quiet, peaceful, remote; bhite a’ creidsinn san t-seann aimsir: it was [would be] believed in olden times; air a dìon bho leasachadh neo-iomchaidh: protected from inappropriate development; gum biodh na daoine fhèin ann an cunnart air sàillibh sin:that the people themselves would be in danger because of that; a bhios a’ dìon àiteachan a bha, no a tha, naomh:that protects places that were, or are, sacred; tha lorg-coise anns a’ chloich: there is a footprint in the stone; rìgh nan ùruisgean: the king of the urisks; na bu luaithe na bradan air snàmh: swifter at swimming than a salmon; bha Gleann Lìomhann am measg nan àiteachan a bu phailte san robh iad: Glen Lyon was among the places where they were most numerous; tha trì ùruisgean deug air an ainmeachadh: thirteen urisks are named.
Puing-chànain na Litreach: cha chreid mi gu bheil reachdas againn: I don’t think we have legislation. This phraseology is common in conversation. Cha chreid mi gu bheil might be replaced by chan eil mi a’ creidsinn gu bheil but the former is snappier, more direct and more common in general usage. Cha chreid mi gu bheil e aig baile an-dràsta – I don’t think he’s at home just now. Note also the double negative which gives an affirmative eg cha chreid mi nach eil e aig baile an-dràsta – I think he is at home just now. A bheil e a-staigh? (is he in?) might be answered with cha chreid mi nach eil (meaning ‘I think so’).
Gnàthas-cainnt na Litreach: thuige seo: to this point in time.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 324
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn