1010: Dùghall MacIlleMhìcheil (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dùghall MacIlleMhìcheil (1)
Tha làrach-lìn ann air a bheil fiosrachadh mu lus-eòlaichean ainmeil. Agus air tè na duilleagan aice, tha seo: Carmichael, Dugald: Scottish doctor and biologist, known locally as Dùghall Bàn or Fair Dugald, and An Dotair Bàn, or the Fair Doctor. Uill, nach eil sin ag innse dhuinn gun tàinig e à coimhearsnachd Ghàidhealach! Le ainm mar Carmichael – MacIlleMhìcheil – cha chuir e iongnadh oirbh nuair a dh’innseas mi dhuibh gur ann à Lios Mòr a bha e. Taobh a-muigh an eilein sin, ge-tà, cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu dheidhinn.
Bha Dùghall MacIlleMhìcheil ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean. Bithear a’ gabhail ‘Father of Marine Botany’ air. Nise, bha mise ann an Lios Mòr as t-fhoghar airson daoine a thoirt don chladach, a choimhead air feamainn. B’ fheàrr leam gun robh Dùghall air a bhith còmhla rinn! Agus tha amharas agam nach e ‘feamainn’ a chanadh e fhèin ri seaweed. Chuala mi Liosach a’ cleachdadh an fhacail rolag , ged nach do lorg mi e ann am faclair sam bith.
Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil. Rugadh e ann an Sròn na Craoibhe, ann an ceann a tuath Lios Mòr, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Bha a phàrantan nan croitearan bochda. Bho òige, bha ùidh mhòr aig Dùghall ann an nàdar, gu h-àraidh anns na lusan a bha a’ fàs ann an Lios Mòr.
Ach chan e saidheans a rinn e aig an oilthigh. Chaidh e an toiseach a dh’Oilthigh Ghlaschu far an do rinn e Eòlas Clasaigeach. Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann. An uair sin, ghluais e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann airson Eòlas-leigheis a dhèanamh. Thàinig e a-mach mar lannsair.
Dh’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid ris an canadh iad na h-Argyll Fencibles. Bha e ann an Èirinn fad na h-ùine sin, ach cha robh e riaraichte. Bha e airson tuilleadh eòlais a bhith aige air nàdar agus bha e airson a dhol a-null thairis. Mar sin, ghabh e cothrom mar shaighdear ann an rèisimeid eile – na 72nd Highlanders.
Bha e an toiseach ann an Ceap an Deagh Dhòchais ann an Afraga a Deas. Bha e air a bheò-ghlacadh leis na bh’ ann de lusan an sin. Ann an ochd ceud deug ʼs a seachd (1807), chaidh e – gu saor-thoileach – gu Bàgh Algoa, gu sear air a’ Cheap, faisg air far a bheil Port Ealasaid an-diugh. An sin, thòisich e air ùidh a ghabhail anns na h-èisg, a bharrachd air na lusan.
Sgrìobh Dùghall notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a bha a’ fàs anns an sgìre sin, agus am feum a dhèanadh muinntir an àite dhiubh. Agus dhìon e cliù nan siorcan a tha pailt sa mhuir an sin. A bharrachd air sin, tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus dhen t-seilg a rinn e fhèin.
Ann an ochd ceud deug ʼs a deich (1810), bha MacIlleMhìcheil an sàs ann an iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis bho na Frangaich. Aig an àm sin, ʼs e L’Isle de France no Eilean na Frainge a chanadh daoine ri Mauritius. Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir mar a chaidh do Dhùghall MacIlleMhìcheil anns a’ ghnothach sin.
Faclan na Litreach: làrach-lìn: website; lus-eòlaichean: botanists; Lios Mòr: Lismore; Dùghall MacIlleMhìcheil: Dugald Carmichael; as t-fhoghar: in the autumn; amharas: suspicion; Eòlas Clasaigeach: Classics; Eòlas-leigheis: Medicine; Ceap an Deagh Dhòchais: The Cape of Good Hope; gu saor-thoileach: voluntarily; Port Ealasaid: Port Elizabeth.
Abairtean na Litreach: nach eil sin ag innse dhuinn gun tàinig e à coimhearsnachd Ghàidhealach: doesn’t that tell us that he came from a Gaelic community; a choimhead air feamainn: to look at seaweed; b’ fheàrr leam gun robh X air a bhith còmhla rinn: I wish X had been with us; bha a phàrantan nan croitearan bochda: his parents were poor crofters; bha ùidh mhòr aig X ann an nàdar: X was very interested in nature; thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann: it’s thought he got a scholarship to go there; dh’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid: he worked for nine years as a surgeon in a regiment; bha e airson a dhol a-null thairis: he wanted to go overseas; Bàgh Algoa, gu sear air a’ Cheap: Algoa Bay, east of the Cape; sgrìobh X notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a bha a’ fàs anns an sgìre sin: X wrote very detailed notes about the trees and plants that were growing in that area; am feum a dhèanadh muinntir an àite dhiubh: the use that the local people would make of it; tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus dhen t-sealg a rinn e fhèin: he has a description of the way of life of the people and of the hunting he did himself; an sàs ann an iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis bho na Frangaich: involved in an armed action by the British to take Mauritius from the French .
Puing-chànain na Litreach: Chaidh e an toiseach a dh’Oilthigh Ghlaschu: he first went to Glasgow University. I’ve here used the preposition ‘a’ for ‘to’ (rather than, for example ‘gu’). Because it juxtaposes two vowels, we put in a dh’to make it easier to say. Chaidh i a dh’Oslo ‘she went to Oslo’.
Gnathas-cainnt na Litreach: cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu dheidhinn: I don’t think many people in Scotland [have] heard about him.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 706
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn