Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan. An
    t-seachdain seo, bu mhath leam innse dhuibh mu àiteachan timcheall na sgìre
    sin, a tha co-cheangailte ri cogadh eadar Clann ʼic Coinnich agus na
    Dòmhnallaich anns an t-seachdamh linn deug.
    Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a dhà (1602), ghabh Clann ʼic Coinnich
    greim air Caisteal an t-Sròim bho na Dòmhnallaich. Tha sin air taobh an iar
    Rois. Bha oighre Mhic Raghnaill à Lunndaidh ann an Gleanna Garadh fiadhaich
    mu dheidhinn. B’ esan Ailean Dubh – Ailean Dubh mac Raghnaill. Chuir e
    roimhe dìoghaltas a dhèanamh air Cloinn ʼic Coinnich.
    Thòisich e le bhith a’ dol mun chuairt ann an Dùthaich ʼic Coinnich ann an
riochd ceannaiche-siubhail. Mar sin,    fhuair e deagh eòlas air dùthaich a nàimhdean. A rèir
    aithris, anns an t-Sultain sia ceud deug ʼs a trì (1603), thug e feachd
    leis à Gleanna Garadh gu ruige an t-Eilean Dubh. Ràinig iad an t-àite faisg
    air a’ Bhlàr Dhubh madainn Didòmhnaich, nuair a bha an eaglais làn muinntir
    an àite – Clann ʼic Coinnich. Chuir na Dòmhnallaich teine ris an eaglais,
    agus mharbh iad an fheadhainn a dh’fheuch ri teicheadh. Rinn iad tuilleadh
    sgrios air an rathad dhachaigh.
    Chaidh iad tarsainn Ghleann Urchardain agus stad iad air mòinteach eadar
    Meall Fuar-mhonaidh agus Loch Nis. Ge-tà, bha feachd aig Clann ʼic Coinnich
    air an tòir. Chunnaic iad na Dòmhnallaich agus thàinig iad sìos orra le
    droch rùn. Mharbh iad tòrr de na Dòmhnallaich, agus ʼs e Lòn na Fala a
    chanas daoine ris an àite sin chun an latha an-diugh.
    Theich Ailean Dubh le a bheatha. Ràinig e allt air a bheil Allt a’
    Ghiubhais mar ainm. Bha clais dhomhainn ann. Ruith Ailean mar pheilear,
    agus leum e thairis air an allt. Dh’fheuch fear de Chloinn ʼic Coinnich
    leantainn air, ach bha an leum aige goirid. Thuit e an comhair a chùil agus
    ghabh e grèim air craobh bheag. Thionndaidh Ailean Dubh. Le
    beum-claidheimh, gheàrr e stoc na craoibhe agus thuit am fear eile gu bonn
    na claise.
    Tha an t-àite far an do leum Ailean Dubh aithnichte chun an latha an-diugh
    mar Leum a’ Cheannaiche. Bidh cuimhne agaibh gun robh
    Ailean a’ dol timcheall ann an Siorrachd Rois, a’ toirt a’ chreidsinn gur e
    ceannaiche-siubhail a bh’ ann. Mar sin, ʼs e Leum a’ Cheannaiche a chuir
    muinntir Ghleann Urchardain air an àite. Ann an Gleann Moireasdan, bha an
    t-aon àite aithnichte mar Leum Ailein Mhic Raghnaill. Ge-tà, ʼs e
    Leum a’ Cheannaiche a th’ air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais.
    Cha do chuir sin stad air Clann ʼic Coinnich, ge-tà. Fhuair iadsan tarsainn
    an uillt aig àite ris an canar Beul-àth nan Clach. Bha Ailean a’ tuigsinn
    nach biodh dol-às aige ach le bhith a’ dol a-steach a Loch Nis fhèin. A
    rèir beul-aithris, bha ceann-cinnidh nam Frisealach à Foithir a’ feitheamh
    ris le bàta. Shnàmh Ailean Dubh a-null don bhàta agus mar sin, fhuair e air
    falbh bho a nàimhdean.
    Cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich, ge-tà. Chaidh Ailean Dubh am falach
    ann an Gleanna Garadh, mar a chluinneas sibh an-ath-sheachdain.