1274: Dùghall Bochanan ann an Raineach (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dùghall Bochanan ann an Raineach (1)
Dh’inns mi dhuibh mu-thràth mun bhàrd agus sgoilear Gàidhlig, Dùghall Bochanan. Rinn mi sreath chunntasan mun duine ann an Litrichean sia ceud, caogad ’s a ceithir (654) gu sia ceud, caogad ’s a h-ochd (658). Chaochail Bochanan aig aois caogad ’s a dhà (52) ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Bha e an sàs gu mòr ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh gu Gàidhlig.
Bu toigh leam a dhol air ais a choimhead air Dùghall a-rithist anns an Litir seo. Tha mi air a bhith a’ toirt sùil air leabhar mu sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh ‘Schiehallion’ fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905). B’ e am ministear ann an Ceann Loch Raineach, an t-Urr. Iain Mac na Ceàrdaich, a sgrìobh an leabhar.
Ged a rugadh Dùghall anns an Iomaire Riabhach no Strathyre, faisg air Both Chuidir, chaidh e a theagasg ann an Raineach. Bha gràdh mòr aig daoine air anns an dà sgìre. Feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh a’ Ghàidhlig làidir ann an Siorrachd Pheairt agus Na Tròisichean aig an àm sin.
Tha Mgr Mac na Ceàrdaich ag innse dhuinn nach b’ urrainn duine na b’ fheàrr fhaighinn mar mhaighstir-sgoile ann an Raineach. Bha a’ Ghàidhlig aig Dùghall sàr-mhath, mar a bha a chuid Beurla. Agus bha e a’ cur sùim anns na sgoilearan aige. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Raineach airson seachd bliadhn’ deug. Airson trì bliadhn’ deug dhiubh sin bha e anns an sgoil ann an Druim a’ Chaisteil, sear air Loch Raineach. An uair sin, bha e ann an Ceann Loch Raineach airson ceithir bliadhna.
Nuair a nochd e ann an Druim a’ Chaisteil an toiseach, b’ e a’ chiad rud a rinn e gun deach e a thadhal air a h-uile pàrant anns a’ cheàrnaidh. Dh’iarr e orra an cuid cloinne a chur don sgoil. Cha do dh’aontaich a h-uile pàrant sin a dhèanamh. Ach fhuair Dùghall sgoilearan gu leòr – balaich agus clann-nighean.
Bha Gàidhlig a-mhàin aig a h-uile sgoilear aige. Cha robh Beurla aig gin aca. Thòisich Dùghall air Beurla a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Chomharraich e gach rud anns an t-seòmar-sgoile agus rinn e cinnteach gun robh fios aig a’ chloinn dè a’ Ghàidhlig a bh’ orra. An uair sin thug e a’ Bheurla dhaibh air an son.
Chruthaich Dùghall seantansan beaga ann an Gàidhlig agus dh’iarr e air na sgoilearan an eadar-theangachadh gu Beurla. Cha robh iad a’ sgrìobhadh nam faclan an toiseach. Bhiodh sgilean sgrìobhaidh a’ tighinn na b’ fhaide air adhart.
Bha an t-oideachadh gu lèir dà-chànanach. Gach rud a rinn na sgoilearan ann an Gàidhlig, bha aca ri eadar-theangachadh gu Beurla. Mar an ceudna, an rathad eile. Gach rud a bha iad a’ dèanamh ann am Beurla, bha aca ri eadar-theangachadh gu Gàidhlig.
Bha iad ag ionnsachadh cunntadh anns an dà chànan. Agus, leis nach robh eadar-theangachadh dhen Bhìoball ann aig an àm, bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill ann am Beurla agus ga eadar-theangachadh gu Gàidhlig Siorrachd Pheairt.
Thathar ag innse dhuinn gun robh Dùghall rudeigin cruaidh anns an t-seòmar-oideachaidh ach gum biodh e a’ falbh a-mach a chluich cuide ris a’ chloinn anns an raon-chluiche. Mar sin, bha a’ chlann gu math measail air. Bidh tuilleadh agam mu Dhùghall Bochanan ann an Raineach an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; an t-Urramach Iain Mac na Ceàrdaich: the Rev John Sinclair; Both Chuidir: Balquhidder; Druim a’ Chaisteil: Drumchastle; Ceann Loch Raineach: Kinloch Rannoch; oideachadh: instruction; cunntadh: counting.
Abairtean na Litreach: ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh: in translating the New Testament; bha gràdh mòr aig daoine air anns an dà sgìre: people in both areas loved him; feumaidh sinn cuimhneachadh: we must remember; gun robh a’ Ghàidhlig làidir ann an Siorrachd Pheairt agus Na Tròisichean aig an àm sin: that the Gaelic language was strong in Perthshire and the Trossachs at that time; nach b’ urrainn duine na b’ fheàrr fhaighinn mar mhaighstir-sgoile ann an Raineach: that it wouldn’t have been possible to get a better man as a schoolmaster in Rannoch; bha e a’ cur sùim anns na sgoilearan aige: he respected his pupils; b’ e a’ chiad rud a rinn e: the first thing he did was; gun deach e a thadhal air a h-uile pàrant anns a’ cheàrnaidh: that he went to visit every parent in the area; dh’iarr e orra an cuid cloinne a chur don sgoil: he asked them to send their children to the school; balaich agus clann-nighean: boys and girls; cha robh Beurla aig gin aca: none of them spoke English; chomharraich e gach rud anns an t-seòmar-sgoile: he pointed out everything in the schoolroom; dh’iarr e air na sgoilearan an eadar-theangachadh gu Beurla: he asked the pupils to translate them into English; bhiodh sgilean sgrìobhaidh a’ tighinn na b’ fhaide air adhart: writing skills would come at a later stage; bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill ann am Beurla agus ga eadar-theangachadh gu Gàidhlig Siorrachd Pheairt: they would be reading the Bible in English and translating it into Perthshire Gaelic; thathar ag innse dhuinn gun robh Dùghall rudeigin cruaidh: we are told that Dugald was a bit strict; a’ falbh a-mach a chluich anns an raon-chluiche: going out to play in the playground; bha a’ chlann gu math measail air: the children were very respectful of him.
Puing-chànain na Litreach: Bha a’ Ghàidhlig aig Dùghall sàr-mhath, mar a bha a chuid Beurla: Dugald’s Gaelic was excellent as was his English. Cuid here refers to his own particular command of the language. A chuid mhac = ‘his (particular) sons’. A cuid mhac = ‘her (particular) sons’. Dwelly’s dictionary gives a good account of ‘cuid’ and its various meanings and uses.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Mar an ceudna, an rathad eile: likewise, the other way.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 970
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn