FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1283: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Chaillich Bheura mar a tha i a’ nochdadh anns an leabhar Wonder Tales from Scottish Myth and Legend le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich. Anns an dàrna caibideil, tha MacCoinnich ag innse dhuinn mu Bhrìde.

Fad a’ gheamhraidh, bha bana-phrionnsa òg aig a’ Chaillich ann am bruid. B’ ise Brìde. Bha farmad air a’ Chaillich ri bòidhchead Brìde agus rinn i beatha na bana-phrionnsa doirbh.

Latha a bha seo, thug a’ Chailleach rùsg-caorach donn do Bhrìde. ‘Glan seo anns an allt,’ thuirt a’ Chailleach, ‘gus am bi e cho glan ris an òr agus cho geal ris an t-sneachd’.

Thug Brìde an rùsg a-bhàn don allt. Chuir i seachad an latha, feuch an rùsg donn a dhèanamh geal. Ach bha e do-dhèante. ‘Chan eil feum sam bith annad,’ thuirt a’ Chailleach. ‘Chan eil e dad nas gile na bha e nuair a thòisich thu.’

Thill Brìde don aon obair an ath latha agus an latha an dèidh sin ach cha robh dòigh ann airson a’ chlòimh dhonn a dhèanamh geal. Bha Brìde a’ sileadh nan deur shìos aig an allt nuair a thàinig bodach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Brìde an suidheachadh dha.

‘Is mise Bodach a’ Gheamhraidh,’ thuirt e. ‘Thoir dhomh an rùsg-caorach agus nì mi fhìn geal e.’

Thug Brìde an rùsg dha. Chrath e trì tursan e agus cha robh e donn tuilleadh. Bha e cho geal ris an t-sneachd. Nuair a thug am Bodach an rùsg air ais do Bhrìde, thug e cuideachd bad de ghealagan-làir – lus beag a dhearbhas gu bheil an geamhradh seachad. ‘Ma nì a’ Chailleach trod,’ thuirt e, ‘inns dhi gun d’ fhuair thu iad anns a’ choille-ghiuthais. Inns dhi cuideachd gu bheil a’ bhiolair a’ fàs suas air bruaichean nan allt agus gu bheil feur ùr anns na pàircean.’ Agus, le sin, dh’fhalbh am Bodach.

Thill Brìde gu daingneach na Caillich. Chuir i an rùsg-caorach air an làr. Ach cha robh a’ Chailleach a’ coimhead air. Bha a sùilean air na gealagan-làir. ‘Càit an d’ fhuair thu na flùraichean sin?’ thuirt i.

‘Tha iad a’ fàs anns a’ choille-ghiuthais,’ thuirt Brìde. ‘Chan e sin a-mhàin, ach tha a’ bhiolair a’ fàs suas air bruaichean nan allt agus tha feur ùr sna pàircean.’

‘Is uabhasach an naidheachd agad!’ thuirt a’ Chailleach. ‘Teich às mo shealladh!’ Bha a’ Chailleach feargach oir bha fios aice gun robh an geamhradh a’ tighinn gu ceann.

Thug i còmhla an t-ochdnar shearbhantan aice – cailleachan eile. Dh’iarr i orra stoirm is reothadh a thoirt leotha don a h-uile h-àite. Cha robh i airson ʼs gum biodh dad a’ fàs ann an àite sam bith.

Dh’fhalbh na cailleachan air muin-ghobhar agus sgaoil iad stoirm is reothadh. Bhuail a’ Chailleach Bheura fhèin a h-uile càil leis an òrd shònraichte aice gus nach biodh dad a’ fàs.

Bha mic aig a’ Chaillich. Bha a’ chuid a bu mhotha dhiubh nan trustaran. Ach bha aon duine aca laghach is onarach. B’ e sin Aonghas Òg. Bha Aonghas air gaol a ghabhail air Brìde mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich: Donald Alexander Mackenzie; dàrna: second; rùsg-caorach donn: a brown sheep’s fleece; do-dhèante: impossible; Bodach a’ Gheamhraidh: Father Winter; trod: scolding; coille-ghiuthais: pine forest; daingneach: stronghold; stoirm is reothadh: storm and frost.

Abairtean na Litreach: Fad a’ gheamhraidh, bha bana-phrionnsa òg aig a’ Chaillich ann am bruid: all winter long, the Cailleach held a young princess in custody; gus am bi e cho glan ris an òr agus cho geal ris an t-sneachd: until it was as clean as the gold and as white as the snow; chuir i seachad an latha, feuch an rùsg donn a dhèanamh geal: she spent the day trying to make the brown fleece white; chan eil feum sam bith annad: you are useless; chan eil e dad nas gile na bha e nuair a thòisich thu: it’s no whiter than it was when you started; cha robh dòigh ann airson a’ chlòimh dhonn a dhèanamh geal: there was no way of making the brown wool white; a’ sileadh nan deur: weeping; bad de ghealagan-làir: a bunch of snowdrops; lus beag a dhearbhas gu bheil an geamhradh seachad: a wee plant that shows the winter is over; gu bheil a’ bhiolair a’ fàs suas air bruaichean nan allt: that the watercress is growing up on the stream banks; gu bheil feur ùr anns na pàircean: that there is new grass in the pastures; is uabhasach an naidheachd agad!: what appalling news!; teich às mo shealladh: get out of my sight; thug i còmhla an t-ochdnar shearbhantan aice: she brought together her eight servants; air muin-ghobhar: mounted on goats; bha a’ chuid a bu mhotha dhiubh nan trustaran: most of them were rascals; bha Aonghas air gaol a ghabhail air Brìde: Angus had fallen in love with Bride.

Puing-chànain na Litreach: Bha farmad air a’ Chaillich ri bòidhchead Brìde: the Cailleach was envious of Bride’s beauty. I have here chosen not to lenite Bride’s name in the genitive case. In fact, you will find both models in the language community – bòidhchead Brìde and bòidhchead Bhrìde. Centuries ago, names of both genders were not lenited in their genitive form (thus we say Fèill Brìde and Fèill Pàdraig for their feast days) but in more recent times, lenition has become standard with masculine given names, although less so with feminine names.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Dè tha a’ cur ort?: what is upsetting you?

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 979

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean