FaclairDictionary EnglishGàidhlig

42: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain ’s a chaidh, thug sinn sùil air an t-sionnach, neo madadh-ruadh. Agus bidh cuimhn’ agaibh gu robh facal eile ann air a shon – balgair. Tha e inntinneach mar a tha beachdan nan Gàidheal air an t-sionnach air atharrachadh thairis air ùine. Ged nach eil muinntir na Gàidhealtachd cho measail air sealg nan sionnach mar spòrs ’s tha daoine ann an ceàrnaidhean eile de Bhreatainn, agus ged a tha an fheadhainn a tha gan sealg ag obair gu tric leotha fhèin gun dùdach neo còta dearg, chan eil croitearan is sionnaich mòr aig a chèile. Tha adhbhar math airson sin – caoraich.

Ach cha robh e mar sin a-riamh agus bha àm ann nuair a bha spèis na bu mhotha aig na Gàidheil air sionnaich na th’ aca an latha an-diugh. Bu mhath leam pìos bàrdachd – seann bhàrdachd – a leughadh dhuibh mar shamhla dhen sin. ’S e an t-ainm a th’ air an dàn Òran nam Balgairean:

Mo bheannachd aig na balgairean,

A chionn bhi sealg nan caorach

An iad na caoraich cheann-riabhach,

Rinn aimhreit feadh an t-saoghail?

Am fearann a chur fàs oirnn,

Is am màl a chur an daoiread?

Cha robh am bàrd uabhasach measail air caoraich, an robh? Mo bheannachd aig na balgairean, tha e ag ràdh. ’S e mo mhallachd air na balgairean as buailtich’ a chluinneadh tu an-diugh! Ach nuair a chaidh an dàn seo a sgrìobhadh bha treudan mòra chaorach a’ tighinn a-steach don Ghàidhealtachd, agus a’ cur às don t-seann dòigh-beatha. Cha robh na Gàidheil measail air caoraich an uairsin, mar a tha iad an-diugh.

Tha am bàrd a’ coireachadh nan caorach airson fearann fàs a dhèanamh agus airson am màl a bha daoine a’ pàigheadh a dheanamh daor neo, mar a sgrìobh e-fhèin, am màl a chur an daoiread. Gu dearbh, aig an àm sin, chan iad na balgairean a bha a’ dèanamh aimhreit feadh an t-saoghail (neo feadh na Gàidhealtachd co-dhiù) ach na caoraich.

Agus cò am bàrd a sgrìobh na faclan seo? Uill, duine a tha gu math ainmeil – Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, neo Donnchadh Bàn nan Òran. Rugadh e ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724) agus chaochail e ann an ochd ceud deug is a dhà-dheug (1812). Ann an Òran nam Balgairean thug e droch bheachd air na caoraich agus deagh bheachd air na sionnaich a bha gam marbhadh. Seo mar a tha an dàn a’ tighinn gu crìch:

Is diombach air an duine mi

A nì na sionnaich aoireadh;

A chuireas cù gan ruagadh,

Neo thilgeas luaidhe chaol orr’.

Guma slàn na cuileanan

Tha fuireach ann an saobhaidh

Nam faigheadh iad mo dhùrachd

Cha chùram dhaibh cion saoghail.

Bhiodh piseach air an òigridh

Is bhiodh beò gus am marbhadh aois iad.

’S dòcha gu bheil facal neo dhà ann a sin air nach eil sibh eòlach. Tha diombach a’ ciallachadh mi-thoilichte. Is diombach air an duine mi – tha mi mi-thoilichte leis an duine, a nì na sionnaich aoireadh, a bhios a’ toirt mallachd air na sionnaich. Agus a thilgeas luaidhe chaol orra? Uill, tha luaidh chaol a’ ciallachadh lead shot. Ma thilgeas tu luaidh chaol, tha thu a’ loisgeadh air rudeigin le gunna.

Agus dè mu dheidhinn an fhacail saobhaidh? Tha sin a’ ciallachadh àite far am bi beathach fiadhaich, gu h-àraidh sionnach, a’ fuireach. Anns a’ Mhonadh Liath, faisg air Inbhir Nis, mar eisimpleir, tha co-dhiù ceithir mullaichean air a bheil Càrn na Saobhaidh mar ainm.

Ach ’s ann do cheàrnaidh fada bho sgìre a’ Mhonaidh Lèith a bhuineadh Donnchadh Bàn. Agus bheir sinn sùil a bharrachd air a bheatha, agus air a chuid bhàrdachd, an ath sheachdain.

Faclan na Litreach: ceàrnaidhean: districts; caoraich: sheep (pl.); dàn: poem; beannachd: blessing; mallachd: curse; treudan:flocks; a’ coireachadh: blaming; Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; chaochail e: he died; mullaichean: summits; Càrn na Saobhaidh: hill of the fox’s den.

Abairtean na Litreach: thairis air ùine: over time; cho measail air sealg: as keen on hunting; leotha fhèin gun dùdach neo còta dearg:by themselves without a bugle or red coat; cha robh e mar sin a-riamh: it was not always like that; mar shamhla dhen sin: as an example of that; a chionn bhi sealg nan caorach: because (they) hunt the sheep; an iad na caoraich cheann-riabhaich (a) rinn aimhreit feadh an t-saoghail?: is it the brindled-headed sheep which created disorder throughout the world?; am fearann a chur fàs oirnn:turning the land to desolation; as buailtich’ a chluinneadh tu an-diugh: which you are most likely to hear today; a’ tighinn gu crìch:coming to an end; a chuireas cù gan ruagadh: who sends a dog in pursuit of them; guma slàn na cuileanan:health to the (fox) cubs; nam faigheadh iad mo dhùrachd, cha chùram dhaibh cion saoghail; if they got as I wished, they would have no worries over a lack of a long life; bhiodh piseach air an òigridh, is bhiodh beò gus am marbhadh aois iad: the youngsters would be successful and alive until old age killed them; sgìre a’ Mhonaidh Lèith: the district of the Monadh Liath.

Puing ghràmair na Litreach: am màl a chur an daoiread: (which) increased the rent. Instead of saying a dheanamh nas daoire, you can say a chur an daoiread, where –(a)d is added to the end of the comparative form of the adjective (nas daoire). Other reasonably common examples are lughad (beag/nas lugha) and miosad (dona/nas miosa). Chaidh na h-èisg an lughad thairis air ùine (the fish got smaller over time). Tha i air a dhol am miosad am bliadhna (she has got worse this year).

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan eil croitearan is sionnaich mòr aig a chèile: crofters and foxes are not friendly, do not like each other. Ged a bha iad mòr aig a chèile an-uiridh, cha bhruidhinn iad ri chèile a-nise idir (although they were friendly last year, they won’t speak to each other now at all).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean