FaclairDictionary EnglishGàidhlig

655: Dùghall Bochanan (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dùghall Bochanan (2)

Gaelic Gàidhlig

Anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain, tha Dùghall ag innse dhuinn mar a bha e teagmhach mun chreideamh aige nuair a bha e eadar naoi bliadhna is dusan bliadhna a dh’aois. Tha e a’ sgrìobhadh gur e Sàtan a bha ag obair air: “[Thàinig] mi a dh’ionnsaigh an t-saoghail seo le sìol gach gnè pheacaidh air a chur nam chridhe, nì air a bheil am bàrr tarbhach a thionail Sàtan bho mo leanabachd na dhearbhadh soilleir.” Nuair a bha e òg, tha Dùghall ag ràdh gun robh e “làn uabhair, sainnt, fuatha agus dioghaltais &c, gach aon nì dhiubh seo gan nochdadh fhèin gu pailt air an adhbhar a bu lugha.”

Dhàsan, b’ e rathad an Tighearna am fuasgladh dha. An duine nach leanadh rathad an Tighearna, gheibheadh e “dearbh nàdar agus ìomhaigh an diabhail ann an aineolas, dorchadas, nàimhdeas, uabhar, rag-mhuinealachd, gamhlas ... iodhal-adhrach, fèin-spèis agus iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean fuathmhor…” Mu na làithean tràtha aige, tha e a’ sgrìobhadh nach robh e “umhail do ghuth an Tighearna, oir bha mo mhuineal mar fhèith iarainn agus mo mhalaichean mar umha. Agus bha mi nam chiontach bho bhroinn mo mhàthar.”

Thogadh Dùghall ann an teaghlach diadhaidh. Bha athair na mhuillear agus na thuathanach. Bha a mhàthair uabhasach diadhaidh ach, mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, chaochail i nuair a bha Dùghall dìreach sia bliadhna a dh’aois. Nuair a ràinig e aois dà bhliadhn’ deug, fhuair e obair le teaghlach eile, a’ teagasg leughadh don chloinn aca.

Cha robh sin furasta idir, ge-tà. Seo tuairisgeul aig Dùghall dhiubh: “Bha an teaghlach seo sònraichte airson gach seòrsa aingidheachd a chur an gnìomh, gach aon dhiubh a’ toirt bàrr air a chèile ann am mallachadh ’s am mionnan ’s an dubhailcean eile, ach bean an taighe na h-aonar, a tha mi làn chreidsinn air an robh eagal an Tighearna.” Dh’fhuirich Dùghall còmhla riutha airson còig mìosan agus thog e fhèin droch chainnt bhuapa.

Agus thachair aon rud annasach dha . Oidhche Shàbaid gheamhraidh a bha seo, bha bean an taighe a’ bruidhinn mu latha a’ bhreitheanais, mar a thilleadh Crìosd. Thuirt i gun tachradh e air oidhche Shàbaid anns a’ gheamhradh agus mun tigeadh Crìosd, gum biodh tàirneanaich is frasan de chlachan-meallain ann.

Uill, air an oidhche sin fhèin, thàinig an stoirm a bu mhiosa a dh’fhairich Dùghall riamh. “Bha na h-uinneagan fosgailte,” tha e a’ sgrìobhadh, “agus thaom na clachan-meallain a-steach don t-seòmar, agus bha na ballachan a’ deàlradh le plathaidhean soilleir nan dealanach. Chrith mi le eagal gum b’ e seo toiseach bròin, oir thàinig gach nì gu crìch a rèir a’ chunntais a thug bean an taighe dhuinn air latha a’ bhreitheanais air tùs na h-oidhche, agus rinn cho ainneamh ’s a chunnaic mi stoirm dhen t-seòrs’ ud sa gheamhradh a thoirt orm a dhaingneachadh nam bharail gum b’ e an latha deireannach a bh’ ann da-rìreadh.”

Dh’fhàg Dùghall an teaghlach sin agus e fhathast dà bhliadhn’ deug a dh’aois. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Agus cha b’ fhada gus an robh tachartas eile ann a thug buaidh mhòr air, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: teagmhach: dubious; Sàtan: Satan, The Devil; Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; diadhaidh: pious, godly; aingidheachd: wickedness.

Abairtean na Litreach: le sìol gach gnè pheacaidh air a chur nam chridhe: with the seed of every sort of sin put into my heart; nì air a bheil X na dhearbhadh soilleir:a thing that clearly proves X ; am bàrr tarbhach a thionail Sàtan bho mo leanabachd:the productive crop that Satan collected from my childhood; làn uabhair, sainnt, fuatha agus dioghaltais: full of insolence, covetousness [more commonly sannt], hatred and revenge; air an adhbhar a bu lugha: for the slightest reason; aineolas, dorchadas, nàimhdeas, uabhar, rag-mhuinealachd, gamhlas, … iodhal-adhrach, fèin-spèis:ignorance, darkness, enmity, insolence, obstinacy, malice,… idolatry, self-conceit; iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean fuathmhor: many other similar odious desires; umhail do ghuth an Tighearna: obedient to the voice of the Lord; bha mo mhuineal mar fhèith iarainn agus mo mhalaichean mar umha: my neck was like iron sinews and my brow like bronze; bha mi nam chiontach bho bhroinn mo mhàthar: I had been [was] a sinner since [I had been] inside my mother[’s womb]; gach aon dhiubh a’ toirt bàrr air a chèile ann am mallachadh ’s am mionnan ’s an dubhailcean eile: every one of them outdoing the other in cursing and swearing and other vices; ach bean an taighe na h-aonar: except only for the woman of the house; thog e droch chainnt bhuapa: he picked up bad language from them; latha a’ bhreitheanais: the day of judgment; gum biodh tàirneanaich is frasan de chlachan-meallain ann: that there would be lightning and hail showers; an stoirm a bu mhiosa a dh’fhairich Dùghall riamh: the worst storm that Dugald ever felt; air tùs na h-oidhche: at the beginning of the night; rinn cho ainneamh ’s a chunnaic mi stoirm dhen t-seòrs’ ud sa gheamhradh a thoirt orm a dhaingneachadh nam bharail: how rarely I had seen a winter storm like that caused me to become more strongly of the opinion.

Puing-chànain na Litreach: bha na ballachan a’ deàlradh le plathaidhean soilleir nan dealanach: the walls were lit up by the bright flashes of the lightning bolts. Do you know the word plath or plathadh ? It means ‘a glance, a twinkling, a gust (as of wind) or the momentary appearance of anything such as lightning or a meteorite’. Bha e mar phlathadh dealanaich – it was like a flash of lightning. A good word to add to the ‘briathrachas Gàidhlig’ in your head!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chrith mi le eagal: I shook with fear.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 351

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean