Halò a-rithist, a chàirdean. An toigh leibh tòimhseachain? Fhuair mi lorg
    air feadhainn an latha eile ann an seann phàipear-naidheachd a chaidh
    fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug – An Gàidheal. Gabhaidh e
    leughadh air an eadar-lìon.
    An toiseach, dà thòimhseachan a tha a’ cleas leis an fhacal ‘fada’. Seo
    agaibh a’ chiad fhear: Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a
    shon? A bheil sibh a’ tuigsinn slaodair? Cuideigin a tha leisg is
    slaodach. Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A
chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte. Bùm bùm, mar a thuirt am fear eile.    Because he is too long in it. A chionn ʼs gu bheil e ro fhada
    innte.
    Seo agaibh tòimhseachan eile anns an aon iris dhen Ghàidheal: Cò an sluagh
    as leisge, agus carson? Cò an sluagh as leisge, agus carson? ʼS e am
    fuasgladh – An fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’
    leabaidh na càch!
    Bha na seann Ghàidheil riamh measail air tòimhseachain, agus bhiodh e math
    a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann. Seo agaibh fear eile:
    Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Carson a tha
    muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Mar as luaithe a chuireas
    tu às i, ʼs ann as fheàrr. The quicker you put it out, the better.
    Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr.
    Agus fear eile. Bha m’ athair nach maireann na fhiaclair. Mar sin, tha am
    fear seo a’ còrdadh rium. Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach
    ri nì a chaidh air dìochuimhne? Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing
    coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? ʼS e am fuasgladh – dh’fhalbh e às
    a’ cheann!
    Agus aon fhear eile. ʼS dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh, ach
    smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta. Carson a tha deòir coltach ri buntàta?
    Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Tha iad
    a’ fàs às an t-sùil. Nì sin an gnothach airson tòimhseachain an-dràsta,
    nach dèan?
    Tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh, a nochdas anns an aon iris dhen
    Ghàidheal. Tha tòrr fìrinn anns na h-abairtean seo, agus tha iad brìghmhor.
    Seo agaibh tè: Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.
    
        A small fire that warms a person is better than a big fire that burns
        them.
    
    Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.
Seo feadhainn eile:Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir.    It’s better to have a thin baking than to be without bread. Is
    fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir.
Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.    It’s hard to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn
    glan a thoirt à tobar salach.
Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire.    Little separates tears from laughter. Is beag a th’ eadar do ghal
    ʼs do ghàire.
    Agus seo agaibh smuain a tha a cheart cho fìor an-diugh ʼs a bha i riamh:
    
        Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’
    
    .