ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1138: Fèill na Bealltainn (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu Fhèill na Bealltainn agus mu na teintean a bhathar a’ togail air mullaichean chnoc. Ann an Carmina Gadelica, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag innse dhuinn tuilleadh mun teine. Bha a h-uile teine anns an sgìre air a mhùchadh. Cha robh ann an uair sin ach an aon teine air mullach cnuic no mullach monaidh. ʼS e teine-èiginn a chanadh daoine ris an fhear sin. A rèir choltais, cha robh e air a chur thuige le bhith a’ cleachdadh lasairean no èibhleagan bho na seann teintean. ʼS e teine gu tur ùr a dh’fheumadh a bhith ann. Bha na teintean taighe air an dèanamh às ùr bhon teine mhòr seo.

Mar phàirt dhen deas-ghnàth, bha an teine-èiginn air a roinn na dhà leth. An uair sin, bha daoine agus crodh air an cur eadar ‘dà theine Bhealltainn’ mar dhòigh gus an dèanamh ‘fìorghlan’.

Nuair a bha e ann an Leòdhas ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873), chuala MacIlleMhìcheil seanfhacal mun chùis aig bodach: A Mhoire! A mhicein, bu dorra dhòmhsa sin a dhèanamh dhut na dhol eadar dà theine mhòr Bheaill. Nise, tha e doirbh a ràdh an tuirt am bodach ‘Bheaill’, mar a tha sgrìobhte ann an Carmina Gadelica, no ʼs dòcha ‘Bheul’. Ach ʼs e sin a chlàr MacIlleMhìcheil – Ah Mary! Lad, it would be more difficult for me to do that for you than to pass between the two great fires of Beall. A Mhoire! A mhicein, bu dorra dhòmhsa sin a dhèanamh dhut na dhol eadar dà theine mhòr Bheaill.

Bha an abairt aig daoine cuideachd – eadar dà Bhealltainn. O shean, bha e a’ ciallachadh bliadhna – an t-àm eadar a’ Bhealltainn agus an ath Bhealltainn. Ge-tà, a rèir choltais, dh’atharraich ciall na h-abairt an dèidh don mhìosachan atharrachadh. Bha i an uair sin a’ ciallachadh a’ chiad cheala-deug dhen Chèitean, eadar a’ Bhealltainn agus a’ Bhealltainn dhen t-seann nòs. ʼS e àm math a th’ ann a bhith a’ cur eadar an dà Bhealltainn. Tha mi a’ ciallachadh le sin a bhith a’ cur glasraich no lusan eile.

Chruinnich an sagart ainmeil, Maighstir Ailein, beul-aithris o chionn còrr is ceud bliadhna. Seo abairt a chruinnich e: Latha Buidhe Bealltainn, thig a’ chuthag às a taigh geamhraidh. At Beltane the cuckoo emerges from its winter home.

Tha a’ chuthag ceangailte gu mòr ris a’ Bhealltainn ann am mac-meanmna nan Gàidheal. Ach tha eun eile ann a fhuair ainm Gàidhlig ann an co-cheangal ris a’ Bealltainn. ʼS e sin an leth-ghuilbneach. Ann am Beurla, canaidh daoine whimbrel ris. Ach ʼs e an t-ainm Gàidhlig as cumanta a th’ air – Eun-Bealltainn. Bidh e a’ tighinn am follais aig an an àm sin dhen bhliadhna.

Tha ‘eun’ eile ceangailte ris an fhèill seo. ʼS e sin glaisean cumhach na Bealltainn – the mournful wee bird of Beltane. Chan e seo eun ann an dha-rìribh, ge-tà – ach gaoth fhuar a bhios a’ sèideadh ann am meadhan a’ Chèitein – mar a chanadh am bodach eile – am blast mu dheireadh dhen gheamhradh.

Faclan na Litreach: teine-èiginn: ‘need-fire’; fìorghlan: pure; a mhicein: lit. son sonnie (vocative case); glasraich: vegetables; cuthag: cuckoo; eun-Bealltainn: whimbrel.

Abairtean na Litreach: na teintean a bhathar a’ togail air mullaichean chnoc: the fires that were being built on hilltops; bha a h-uile teine anns an sgìre air a mhùchadh: every fire in the area was extinguished; cha robh e air a chur thuige le bhith a’ cleachdadh lasairean no èibhleagan bho na seann teintean: it wasn’t lit by the use of flames or embers from the old fires; ʼs e teine gu tur ùr a dh’fheumadh a bhith ann: it had to be a new fire; bha daoine agus crodh air an cur eadar ‘dà theine Bhealltainn’: people and cattle were put between the ‘two fires of Beltane’; dh’atharraich ciall na h-abairt an dèidh don mhìosachan atharrachadh: the meaning of the phrase changed after the calendars changed; a’ chiad cheala-deug dhen Chèitean, eadar a’ Bhealltainn agus a’ Bhealltainn dhen t-seann nòs: the first fortnight of May, between Beltane and the Old Style Beltane; ʼs e àm math a th’ ann a bhith a’ cur: it’s a good time to be planting; chruinnich an sagart ainmeil, Maighstir Ailein, beul-aithris: the famous priest, Father Allan, collected oral tradition; bidh e a’ tighinn am follais aig an an àm sin dhen bhliadhna: it becomes obvious at that time of the year; tha ‘eun’ eile ceangailte ris an fhèill seo: there is another ‘bird’ connected to this festival; glaisean cumhach na Bealltainn: the mournful wee bird (e.g. sparrow) of Beltane; chan e seo eun ann an dha-rìribh, ge-tà: this is not a bird in reality, however; gaoth fhuar a bhios a’ sèideadh ann am meadhan a’ Chèitein: a cold wind that blows in the middle of May: mar a chanadh am bodach eile: as the other old man would say [i.e. ‘as might be said’]; am blast mu dheireadh dhen gheamhradh: the last blast of winter.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mar phàirt dhen deas-ghnàth, bha an teine-èiginn air a roinn na dhà leth: as part of the ceremony, the ‘need-fire’ was divided into two halves.

Seanfhacal na Litreach: Latha Buidhe Bealltainn, thig a’ chuthag às a taigh geamhraidh: on Beltane day, the cuckoo emerges from its winter home.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 834

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean