FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1156: An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha naidheachd agam dhuibh, an t-seachdain seo, a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile. B’ iad na bliadhnaichean sin seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715) agus ochd ceud deug fichead ’s a sia (1826).

Ma tha sibh eòlach air eachdraidh na h-Alba, bidh sibh ag aithneachadh na bliadhna seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715). B’ ann anns a’ bhliadhna sin a thogadh bratach nan Seumasach – an toiseach ann am Bràigh Mhàrr. Bha na Seumasaich a’ strì airson na Stiùbhartaich a chur air ais air an rìgh-chathair.

Dìreach latha an dèidh don ar-a-mach tòiseachadh, thogadh bratach nan Seumasach ann an Cill Mhìcheil ann an Srath Àrdail. Bha na ceudan de luchd nam fineachan an làthair.

Bha gaoth làidir ann. Bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn. Agus thuit e gu làr air sàillibh na gaoithe. Bha cuid de na Gàidheil dhen bheachd gur e droch chomharra a bh’ ann. ’S dòcha gun robh iad ceart oir cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail.

Ach cha robh Tighearna Eas an Tulaich airson ’s gum biodh na daoine fo smalan. ‘Coma leibh sin,’ thuirt e. ‘Cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd.’ Is cinnteach gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh. Co-dhiù, feumaidh gun do chuimhnich feadhainn anns an sgìre an abairt sin oir thàinig i am bàrr a-rithist còrr is ceud bliadhna an dèidh sin.

B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826). Bha an aimsir cianail fuar. Bha an sneachd na laighe fad mhìosan. Bha na daoine bochda a’ fulang gu dona. Agus cha robh fàs math ann as t-samhradh. Bha cuimhne aig daoine air a’ bhliadhna sin mar ‘Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid’.

Bha fear a bha seo ann an Srath Àrdail. ’S e duine onarach a bh’ ann agus bha teaghlach òg aige. Bha an t-acras orra fad na h-ùine.

Ri taobh an teaghlaich seo, bha tuathanach beartach a’ fuireach. Bha slochd aige a bha làn bhuntàta. Ach cha robh an tuathanach eadhon deònach buntàta a reic. Bha e a’ feitheamh ris an Earrach nuair a gheibheadh e deagh phrìs.

Chunnaic cuid anns an sgìre mar a bha an teaghlach seo a’ fulang. Chuir iad romhpa gnothaichean a chur ceart. Air an oidhche, chaidh iad gu slochd a’ bhuntàta aig an tuathanach. Lìon iad poca an duine le buntàta. Chaidh iad gu taigh an teaghlaich bhochd.

Cha robh iad airson ’s gum biodh fios aig an teaghlach cò às a thàinig am biadh. Bha an taigh ìosal le mullach tughaidh. Chaidh na daoine air a’ mhullach. Thug iad sùil sìos an t-similear. Cha robh teine ann. Bha an teaghlach gu lèir air an glùinean, ag ùrnaigh airson biadh. Dhòirt na daoine na buntàta sìos an t-similear, fear an dèidh a chèile.

Cha b’ urrainn do dh’fhear an taighe creidsinn na bha a’ tachairt. Bha na ceudan bhuntàta air tighinn sìos an t-similear agus bha iad nan laighe air ùrlar an taighe.

‘Uill,’ thuirt e, ‘Is fìor na thuirt Tighearna Eas an Tulaich latha togail na brataich – nach tàinig droch rud riamh bho gu h-àrd!’

Faclan na Litreach: Cill Mhìcheil: Kirkmichael; Srath Àrdail: Strathardle; Tighearna Eas an Tulaich: The Laird of Ashintully; cianail fuar: terribly cold; a’ fulang: suffering; Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid: the year of the short corn; slochd a’ bhuntàta: the potato pit; tuathanach: farmer.

Abairtean na Litreach: a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile: that links two years to each other; bidh sibh ag aithneachadh: you will recognise; b’ ann anns a’ bhliadhna sin a thogadh bratach nan Seumasach – an toiseach ann am Bràigh Mhàrr: it’s in that year that the Jacobite banner was raised – first in the Braes of Mar; airson na Stiùbhartaich a chur air ais air an rìgh-chathair: to return the Stuarts to the throne; dìreach latha an dèidh don ar-a-mach tòiseachadh: just a day after the rebellion began; bha na ceudan de luchd nam fineachan an làthair: hundreds of clansmen were present; bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn: there was a golden ball at the top of the flagpole; thuit e gu làr air sàillibh na gaoithe: it fell to the ground because of the wind; dhen bheachd gur e droch chomharra a bh’ ann: of the opinion that it was a bad sign; cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail: the rebellion was not successful; coma leibh sin: disregard that; cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd: only good things ever came from above; gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh: gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh: that he was thinking about God and Heaven; fad mhìosan: for months; cha robh fàs math ann as t-samhradh: there was no good growth in the summer; bha an t-acras orra fad na h-ùine: they were hungry all the time; chuir iad romhpa gnothaichean a chur ceart: they made up their minds to correct matters; air an glùinean, ag ùrnaigh: on their knees, praying; dhòirt iad na buntàta sìos an t-similear: they poured the potatoes down the chimney.

Puing-chànain na Litreach: Lìon iad poca an duine le buntàta: they filled one bag per person with potatoes. Duine can refer to ‘man’ i.e. male person but also to a (genderless) person. Dà cheapaire an duine ‘one sandwich per person’. Dè chosgas e? Còig notaichean an duine (£5 each).

Gnàthas-cainnt na Litreach: gum biodh na daoine fo smalan: that the people would be gloomy.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 852

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean