FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1257: Raiders Bhatarsaigh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raiders Bhatarsaigh (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS e bana-ghaisgeach na Gàidhlig a th’ ann an Lisa Storey. Airson ùine mhòr, tha Lisa air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis no faisg air a’ bhaile. Bha dreuchd aice mar neach-teagaisg agus b’ i a’ chiad tidsear aig an robh clas de sgoilearan air a’ Ghàidhealtachd a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Bha sin ann am Bun-sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis ann an naoi ceud deug, ochdad ʼs a còig (1985).

Ged a tha i air a bhith a’ fuireach air tìr-mòr thar nan deicheadan, tha mi cinnteach gum buin a cridhe fhathast don eilean anns an do thogadh i – Bhatarsaigh. Mura h-eil sibh eòlach air na h-Eileanan A-muigh, tha Bhatarsaigh ri taobh Bharraigh, agus ceangailte ris an-diugh le cabhsair. Anns an leabhar ùr aice ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, tha Lisa ag innse dhuinn gun robh ‘Gàidhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh’ anns an eilean aice nuair a bha i òg.

Tha an leabhar ag innse mu na Raiders, eileanaich a fhuair fearann dhaibh fhèin ann am Bhatarsaigh le a bhith a’ strì airson an còraichean. Ann an naoi ceud deug ʼs a h-ochd (1908), cheannaich an riaghaltas an t-eilean bhon uachdaran, a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart. Chaidh caogad ʼs a h-ochd croitean a chruthachadh ann.

Airson an suidheachadh a thuigsinn, thèid sinn air ais gu ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). ʼS ann an uair sin a reic MacNèill Bharraigh – an ceann-cinnidh – an oighreachd aige. Cheannaich uachdaran-fearainn à Siorrachd Obar Dheathain i. B’ esan an Còirneal Gòrdan à Cluanaidh. An ceann greis, thòisich e air daoine fhuadachadh à Barraigh. Tha Lisa Storey ag innse dhuinn gun deach mu cheithir cheud gu leth duine à Barraigh gu ruige Canada ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1851).

Cha b’ e sin a-mhàin. Chaidh daoine a chur a-mach às na bailtean aca ann am Barraigh fhèin – gu bailtean eile – airson fearann math a shaoradh do thuathanaich. Bha Eilean Bhatarsaigh air fad na thuathanas. Cha robh air fhàgail aig muinntir an àite ach fearann truagh. Agus bha gu leòr de na daoine nan coitearan. Cha robh fearann aca idir.

Chaochail an Còirneal Gòrdan agus an ceann greis fhuair a nighean-chèile – a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart – sealbh air an oighreachd. Bha i am measg nan uachdaran a bu mhiosa air a’ Ghàidhealtachd riamh. Lean i oirre leis na fuadaichean. Ged a bha an oighreachd na làmhan fad iomadh bliadhna, cha do chuir i a cas oirre ach aon turas.

Tha Lisa Storey a’ mìneachadh mar a chuidich Achd nan Croitearan na croitearan ann am Barraigh, ach cha d’ fhuair na coitearan buannachd sam bith. Bha iadsan fhathast às aonais fearann.

Cha mhòr nach robh Comhairle Siorrachd Inbhir Nis cho dona ris na h-uachdarain, oir bha cumhachd mhòr aig uachdarain air a’ chomhairle an uair sin. Dhiùlt a’ chomhairle fearann a ghabhail airson choitearan fon an Allotments (Scotland) Act. Agus dhiùlt an Congested Districts Board iarrtasan airson fearann ann am Barraigh cuideachd. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air mar ghabh cuid de choitearan fearann ann am Bhatarsaigh dhaibh fhèin, ge b’ oil leis an uachdaran!

Faclan na Litreach: Bun-sgoil a’ Mheadhain: Central Primary School; uachdaran: landlord; a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart: Lady Gordon Cathcart; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; an Còirneal Gòrdan à Cluanaidh: Colonel Gordon of Cluny; gu ruige [Canada]: to [Canada]; coitearan: cottars [people who had no rights to land]; a nighean-chèile: his daughter-in-law; às aonais: without; achd: act (e.g. of Parliament); Comhairle Siorrachd Inbhir Nis: Inverness-shire County Council.

Abairtean na Litreach: ʼS e bana-ghaisgeach na Gàidhlig a th’ ann an Lisa Storey: Lisa Storey is a Gaelic heroine; a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig: who received their education through the medium of Gaelic; a’ fuireach air tìr-mòr thar nan deicheadan: living on the mainland for decades; tha mi cinnteach gum buin a cridhe fhathast don eilean anns an do thogadh i – Bhatarsaigh: I’m certain that her heart still belongs to the island in which she was raised - Vatersay; ceangailte ris an-diugh le cabhsair: connected to it today by a causeway; gun robh ‘Gàidhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh’: ‘that Gaelic was spoken every day and in every situation’; a fhuair fearann dhaibh fhèin: that got land for themselves; a’ strì airson an còraichean: struggling for their rights; ʼs ann an uair sin a reic MacNèill Bharraigh – an ceann-cinnidh – an oighreachd aige: it’s then that MacNeil of Barra – the clan chief – sold his estate; an ceann greis, thòisich e air daoine fhuadachadh à Barraigh: after a while he started to clear people from Barra; cha b’ e sin a-mhàin: it wasn’t just that; airson fearann math a shaoradh do thuathanaich: to release good land to farmers; bha Eilean Bhatarsaigh air fad na thuathanas: Vatersay was a farm in its entirety; cha do chuir i a cas oirre ach aon turas: she only stepped on it on one occasion; ge b’ oil leis an uachdaran: regardless of the landlord.

Puing-chànain na Litreach: Bha dreuchd aice mar neach-teagaisg agus b’ i a’ chiad tidsear aig an robh …: she had a profession as a teacher and she was the first teacher who had … In Gaelic we have a choice of common words used for ‘teacher’. One is neach-teagaisg ‘teaching person’ and the other is tidsear which is a modern loanword from English. Both are legitimate. The plurals are luchd-teagaisg and tidsearan. You might also hear maighstir-sgoile and bana-mhaighstir sgoile although these are now seen as somewhat old-fashioned and are going out of common usage except in a historical context.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mu cheithir cheud gu leth duine: about four hundred and fifty [‘four hundred and a half’] people.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 953

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean