1277: Ionnsaighean-adhair ann an Ros an Iar
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Ionnsaighean-adhair ann an Ros an Iar
Dè na h-àiteachan ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd a dh’fhuiling ionnsaighean bhon adhar anns an Dàrna Cogadh? Uill, tha fhios agam co-dhiù gun do dh’fhuiling sgìre Loch Iubh, faisg air Geàrrloch. Bha Loch Iubh air a chleachdadh mar thèarmann airson luingeas. Agus, anns an Ògmhios naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1941), chaidh ionnsaighean a thoirt air bhon adhar ceithir no còig tursan.
’S e Junkers 88 a bh’ anns na h-itealain. Thàinig iad à Stavanger no Trondheim ann an Nirribhidh. Bha Nirribhidh an uair sin fo smachd na Gearmailt.
Tha e inntinneach gun tug an Luftwaffe ionnsaigh air Loch Iubh aig an àm sin. Bha Breatainn air sgur o bhith a’ cleachdadh Loch Iubh mar acarsaid airson longan-cogaidh mòra. Agus cha robh iad air tòiseachadh air Loch Iubh a chleachdadh airson nan conbhboidhean Artach bha a’ dol don Ruis. Cha robh an Ruis agus a’ Ghearmailt nan nàimhdean fhathast. ’S ann anns a’ mhìos sin fhèin a thug a’ Ghearmailt ionnsaigh air an Aonadh Shòibhiatach.
Cha robh na h-ionnsaighean-adhair uabhasach soirbheachail. Air a’ chiad oidhche, bha na Gearmailtich dhen bheachd gun robh iad air boma a leigeil air long mhòr. Ach thug iad ionnsaigh, chan ann air soitheach ach air eilean. Tha Sgeir an Araig ann am meadhan an locha. Tha cumadh bàta oirre. Aig an àm sin, bha seadaichean agus crainn oirre. Bha e air a bhith furasta gu leòr a bhith a’ smaoineachadh – aig leth-uair an dèidh uair anns a’ mhadainn – gur e long a bh’ innte.
Chan ann air an oidhche a ghabh a h-uile ionnsaigh àite. Tha cuimhne fhathast aig feadhainn anns an sgìre air ionnsaigh tron latha. Bha na sgoilearan – aig Bun-sgoil Buail na Lùib faisg air an Allt-Bheithe – a’ cluich anns an raon-chluiche aig àm lòin.
Bha an t-itealan Gearmailteach cho faisg orra ’s gun robh a’ chlann a’ faicinn a’ phìleit. Smèid e orra agus smèid iadsan air ais. Bha am maighstir-sgoile às a bheachd mun ghnothach. Fhuair feadhainn de na sgoilearan strapadh airson a bhith smèideadh air an nàmhaid.
Agus, gu cinnteach, bha droch-rùn aig a’ phìleat. Leag e bomaichean air tè de na longan ann an Loch Iubh. Chaill e a thargaid – an Devon City – ach dh’fhuiling an soitheach-carago damaiste.
Rinn na h-ionnsaighean cron ach chaill an Luftwaffe grunn phlèanaichean. Bha gunnaichean-dìon trang nan aghaidh.
Gu h-annasach, chaill na Gearmailtich itealan ann an Ros an Iar còrr is trì bliadhna an dèidh sin. Bha sin anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1944). Dh’fhàg e Stavanger leis an amas fiosrachadh fhaighinn air an luingeas ann an Scapa Flow ann an Arcaibh. Ach chaidh cùisean ceàrr. Chaidh iad fada gu deas agus fhuair iad trioblaid leis an einnsean. Leum an ceathrar chriutha a-mach, a’ cur feum air na paraisiutan aca. Thàinig an t-itealan sìos faisg air Eilean Mhàrtainn air beul Loch a’ Bhraoin.
Cha do mhair beò ach aon duine – an t-einnseanair-iteil Unteroffizier Heinz Josaf. Tha dùil gun deach an triùir eile a chall aig muir. Gu fortanach dhàsan, thàinig e sìos faisg air a’ chladach anns an Loch Bheag, deasg air Loch a’ Bhraoin. Anns an ath Litir, innsidh mi dhuibh dè thachair dha an uair sin.
Faclan na Litreach: itealain: aircraft (pl); conbhboidhean Artach: Arctic convoys; seadaichean agus crainn: sheds and masts; Eilean Mhàrtainn: Isle Martin; Loch a’ Bhraoin: Loch Broom; einnseanair-iteil: flight engineer; An Loch Beag: Little Loch Broom.
Abairtean na Litreach: ionnsaighean bhon adhar anns an Dàrna Cogadh: attacks from the air in the Second [World] War; bha Nirribhidh fo smachd na Gearmailt: Norway was under the control of Germany; mar acarsaid airson longan-cogaidh mòra: as an anchorage for battleships; cha robh an Ruis agus a’ Ghearmailt nan nàimhdean fhathast: Russia and Germany were not yet enemies; a thug a’ Ghearmailt ionnsaigh air an Aonadh Shòibhiatach: that Germany attacked the Soviet Union; chan ann air soitheach ach air eilean: not on a vessel but on an island; tha cumadh bata oirre: it is the shape of a boat; bha e air a bhith furasta gu leòr a bhith a’ smaoineachadh gur e long a bh’ innte: it would have been easy enough to think she was a ship; bha na sgoilearan – aig Bun-sgoil Buail na Lùib faisg air an Allt-Bheithe – a’ cluich anns an raon-chluiche aig àm lòin: the pupils – at Bualnaluib Primary School near Aultbea – were playing in the playground at lunchtime; bha an t-itealan Gearmailteach cho faisg orra ’s gun robh a’ chlann a’ faicinn a’ phìleit: the German plane was so close to them that the children were seeing the pilot; smèid e orra agus smèid iadsan air ais: he waved to them and they waved back; bha am maighstir-sgoile às a bheachd: the schoolmaster was livid; fhuair feadhainn de na sgoilearan strapadh: some of the pupils received the strap; dh’fhuiling an soitheach-carago damaiste: the merchant ship sustained damage; chaill X grunn phlèanaichean: X lost a number of plans; bha gunnaichean-dìon trang nan aghaidh: defensive guns were busy against them; leis an amas fiosrachadh fhaighinn air an luingeas ann an Arcaibh: with the aim of obtaining intelligence on the shipping in Orkney; leum an ceathrar chriutha a-mach: the four crewmen ejected themselves;
Puing-chànain na Litreach: ’S ann anns a’ mhìos sin fhèin a thug X ionnsaigh: it’s in that particular month that X attacked. Remember that we can start a sentence with ʼs ann when we want to emphasise something in particular – in this the month in question.
Gnàthas-cainnt na Litreach: bha Breatainn air sgur o bhith a’ cleachdadh Loch Iubh: Britain had stopped using Loch Ewe.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 978
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn