FaclairDictionary EnglishGàidhlig

506: An Rèisimeid Ghàidhealaich

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Rèisimeid Ghàidhealaich

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir ceud, trithead ’s a còig (135) anns an Fhaoilleach dà mhìle ’s a dhà (2002), bha mi ag innse dhuibh mun rèisimeid Ghàidhealaich, na 78th Highlanders, agus mar a bha iad ann an Dùn Èideann greis. Bha sin anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Uill, tha ceangal eadar sin agus an Litir an t-seachdain sa chaidh, anns an do dh’innis mi dhuibh mu ainm-àite ann an Dùn Èideann – Piper’s Walk – air Suidhe Artair. Bhuineadh am pìobaire don rèisimeid sin.

Chaidh an rèisimeid a chruthachadh le Iarla Shìophort, ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich. Bha timcheall air mìle duine innte. Bha iad nan Gàidheil, à oighreachd Iarla Shìophort. Chaidh an cur gu ruige Lìte, port Dhùn Èideann, as t-samhradh seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Bha an riaghaltas ag iarraidh orra dhol air bòrd soitheach. Aig a’ cheann thall, ’s ann gu ruige Eileanan Chaolas Shasainn a chaidh iad, agus rinn iad obair ghaisgeil ann a bhith a’ dìon nan eilean sin an aghaidh nam Frangach.

Ach bha na saighdearan fhèin dhen bheachd gu robh e mar phàirt dhen chùmhnant aca nach biodh aca ri dhol a-null thairis. Agus nuair a bha iad ann an Lìte, chaidh fathann timcheall gun robh iad gu bhith a’ falbh chun nan Innseachan. Bha iad gu math feargach. Cha d’ fhuair iad gealltanas bho na h-oifigearan aca nach robh na soithichean aca a’ dol do na h-Innseachan.

Dh’fhalbh mu shia ceud dhiubh. Rinn iad caismeachd, ann an deagh òrdugh, a-mach à port Lìte, agus rinn iad air Suidhe Artair. Bha pìobairean aig an ceann. A rèir aithris, chaidh iad suas air a’ chnoc agus rinn iad gu math soilleir nach tigeadh iad sìos gus am faigheadh iad gealltanas nach biodh iad a’ dol a-null thairis. No gus an toireadh saighdearan eile sìos iad le fòirneart. Bha Dùn Èideann air bhoil.

Tha e coltach gun robh co-fhaireachdainn aig mòran ann an Dùn Èideann do na saighdearan. Thug iad biadh is deoch dhaibh. Cha do rinn na saighdearan cron sam bith air a’ bhaile. Chùm iad smachd glè mhath orra fhèin. Ach bha iad deimhinne nach robh iad a’ dol do na h-Innseachan.

Cha robh iad a’ campachadh air Suidhe Artair ach airson trì latha. Ach anns na trì latha sin, chaidh ainm a thoirt – feumaidh – le muinntir a’ bhaile do shlighe air am biodh pìobaire Gàidhealach a’ coiseachd, agus a’ seinn na pìoba. ’S e sin Piper’s Walk.

Gu fortanach, thàinig an gnothach gu crìch gu sìtheil. Ged a bha ceannardan an airm air saighdearan gu leòr a thoirt a Dhùn Èideann, roghnaich iad gun a bhith a’ sabaid. Chùm iad còmhraidhean leis na Gàidheil, agus thàinig iad gu aonta. Cha bhiodh an rèisimeid a’ dol do na h-Innseachan idir, ach a dh’Eileanan Chaolas Shasainn. Agus cha bhiodh duine air a pheanasachadh airson an “ar-a-mach”.

Beagan làithean às dèidh do na saighdearan Suidhe Artair fhàgail, rinn iad air Lìte a-rithist, le pìobairean aig an ceann. Bha mòran de mhuinntir an àite aig oir an rathaid airson am faicinn. Chaidh iad a dh’Eileanan Chaolas Shasainn agus ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1781) dhìon iad Jersey an aghaidh feachd às an Fhraing.

Bha na saighdearan Gàidhealach onarach. Ach dè mu dheidhinn nan ùghdarrasan? Às dèidh dhaibh Jersey a dhìon, chaidh na saighdearan a chur a-null do na h-Innseachan. Chaochail mòran air an t-slighe, agus ’s e glè bheag dhiubh a chunnaic Alba a-rithist.

Faclan na Litreach: rèisimeid: regiment; soitheach: vessel [ship]; Suidhe Artair: Arthur’s Seat; Iarla Shìophort: The Earl of Seaforth; gaisgeil: heroic; fathann: rumour; co-fhaireachdainn: sympathy; cron: damage; aonta: agreement; onarach: honourable.

Abairtean na Litreach: bhuineadh am pìobaire don rèisimeid sin: the piper belonged to that regiment; ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich: the chief of the Clan Mackenzie; chaidh an cur gu ruige Lìte: they were sent to Leith; a’ dìon nan eilean sin an aghaidh nam Frangach: defending those islands against the French; gu robh e mar phàirt dhen chùmhnant aca: that it was part of their contract; nach biodh aca ri dhol a-null thairis: that they wouldn’t have to go overseas; a’ falbh chun nan Innseachan: going to India; cha d’ fhuair iad gealltanas bho na h-oifigearan aca: they didn’t receive a promise from their officers; nach robh na soithichean aca a’ dol do na h-Innseachan: that their vessels weren’t going to India; ann an deagh òrdugh: in good order; bha pìobairean aig an ceann: there were pipers at their head; nach tigeadh iad sìos gus am faigheadh iad gealltanas: they wouldn’t come down until they got a promise; no gus an toireadh saighdearan eile sìos iad le fòirneart: or until other soldiers brought them down by force; air bhoil: in a state of frenzy; chùm iad smachd glè mhath orra fhèin: they maintained good discipline; chaidh ainm a thoirt – feumaidh: the [a] name was given – it must have been; thàinig an gnothach gu crìch gu sìtheil: the matter came to an end peacefully; cha bhiodh duine air a pheanasachadh airson an “ar-a-mach”: nobody would be punished for the “mutiny”; chaochail mòran air an t-slighe: many died on the way.

Puing-chànain na Litreach: ’s ann gu ruige Eileanan Chaolas Shasainn a chaidh iad: it was to the Channel Islands that they went. I could have said chaidh iad gu ruige... but I put the ’s ann first. This was in order to emphasize the Channel Islands, because I was about to tell you that they thought they were going to a different destination – India. Try using that phraseology in your everyday Gaelic if you can. You might say things like ’s ann à Glaschu a tha mi (to emphasize Glasgow rather than any other place), ’s ann dha-rìreabh a tha mi (I’m deadly serious), ’s ann tric a bhithinn a’ faicinn iolairean sna làithean ud (it’s often I would see eagles in those days), ’s ainneamh a thachras sin (it’s rarely that happens).

Gnàthas-cainnt na Litreach: roghnaich iad gun a bhith a’ sabaid: they chose not to fight.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 202

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean