FaclairDictionary EnglishGàidhlig

511: Blàr Khringen

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Blàr Khringen

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mu Bhlàr Khringen ann an sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612)? Thachair e ann an Nirribhidh. Chaidh sgrios a dhèanamh air feachd à Alba. Tha am blàr ainmeil ann an Nirribhidh, gu h-àraidh anns an sgìre far an do thachair e. Ann am baile Otta, tha ìomhaighean ann an àiteachan poblach a tha a’ taisbeanadh eachdraidh a’ bhatail. Ach carson a bha feachd Albannach ann an Nirribhidh? Feumaidh mi beagan eachdraidh Lochlannach a thoirt dhuibh.

Aig toiseach an t-seachdamh linn deug bha an Danmhairg agus Nirribhidh air an riaghladh còmhla mar aon rìoghachd, fo smachd nan Dànach. Bha smachd aig an Danmhairg air a’ chaolas a bha a’ ceangal a’ Chuain a Tuath ris a’ Chuan Bhaltach. Bha na Dànaich a’ cur cìs air luingeas a bha a’ falbh a-mach ’s a-steach. Bhuail sin gu mòr air malairt nan Suaineach.

Lorg na Suainich slighe eile tro cheann a tuath Nirribhidh. Ach cha b’ e slighe mhalairt a-mhàin a bha fa-near dhaibh. Thòisich Rìgh na Suain air cìsean a thogail ann an Nirribhidh agus ghabh e tiotal ùr air fhèin – Rìgh nan Lappach.

Cha robh na Dànaich no Nirribhich toilichte. Chuir na Dànaich feachd de shia mìle duine a dh’ionnsaigh baile Khalmar anns an t-Suain. Rinn iad sèist air.

Dh’fhastaich an t-Suain saighdearan à dùthchannan eile airson an cuideachadh. Am measg sin bha feachd à Alba. Cha b’ urrainn dhaibh dhol don t-Suain seachad air cladach na Danmhairg. Bha aca ri dhol air tìr ann an Nirribhidh agus coiseachd thar nam beann gu ruig’ an t-Suain. Ach bha na Nirribhich air taobh nan Dànach.

Bha a’ chuid a bu mhotha de na h-Albannaich aig Kringen à Gallaibh. Bha trì cheud duine no mar sin à Inbhir Ùige. Bha iad fo smachd a’ Mhorair Seòras Mac na Ceàrdaich. Bha buidheann eile ann à ceann a deas na h-Alba. Bha an Lieutenant-Còirneal Alexander Ramsay os an cionn-san. Dh’fhalbh na h-Albannaich ann an dà shoitheach – tè à Inbhir Ùige agus tè à Dùn Dèagh. Ràinig iad cladach Lochlainn anns an Lùnastal sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612).

A rèir beul-aithris ann an Nirribhidh, chaidh cùisean ceàrr bhon toiseach. Bha feachd eile à Normandaidh no Sasainn gu bhith a’ coinneachadh ris na h-Albannaich ann an Arcaibh. Bhiodh iad a’ falbh a Lochlann còmhla. Cha do thachair sin. Chaidh na Normanaich (no Sasannaich) gu ruige Trondheim. Chaidh na h-Albannaich air tìr gu deas air sin.

Bha na Gallaich rud beag eòlach air an sgìre oir bhiodh iad a’ dol ann bho àm gu àm airson fiodh fhaighinn. Agus bha feachd eile de Dhùitsich is Albannaich air a dhol don t-Suain air an t-slighe sin roimhe. Ach an turas seo, cha robh na Nirribhich a’ dol gan leigeil troimhe gun spàirn.

Thug na h-Albannaich fear-iùil Nirribheach air bòrd. Thug e car asta oir chaidh iad air tìr ann an àite garbh. Lean na h-Albannaich gleann fada air a bheil Gudbrandsdalen. Ach bha feachd de chòig ceud Nirribheach a’ feitheamh riutha gun fhiosta ann an àite air a bheil Kringen, faisg air Otta.

A rèir beul-aithris anns an sgìre sin, bha fios aig Seòras Mac na Ceàrdaich gun robh latha fuilteach gu bhith ann. Gach madainn bhiodh e a’ cur pùdar-gunna air an teine anns a’ phàillean aige. Mar bu trice, bhiodh an toit ag èirigh gu dìreach. Ach air a’ mhadainn sin, chaidh an toit dha ionnsaigh. ’S e manadh a bh’ ann – de dhroch latha do na h-Albannaich, mar a chì sinn an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Nirribhidh: Norway; Inbhir Ùige: Wick; Dùn Dèagh: Dundee; Arcaibh: Orkney; fear-iùil: pilot; manadh: omen.

Abairtean na Litreach: Blàr Khringen: The Battle of Kringen; chaidh sgrios a dhèanamh air feachd à Alba: a fighting force from Scotland was destroyed; air an riaghladh còmhla mar aon rìoghachd: governed together as one kingdom; a bha a’ ceangal a’ Chuain a Tuath ris a’ Chuan Bhaltach: which linked the North Sea to the Baltic Sea; cìs air luingeas: a taxon shipping; cha b’ e slighe mhalairt a-mhàin a bha fa-near dhaibh: it is not just [finding] a trade route that was their intention; ghabh e tiotal ùr air fhèin – Rìgh nan Lappach: he took on a new title – King of the Lapps; rinn iad sèist air: they put it under siege; dh’fhastaich an t-Suain saighdearan à dùthchannan eile: Sweden hired soldiers from other countries; fo smachd a’ Mhorair Seòras Mac na Ceàrdaich: under the command of Lord George Sinclair; os an cionn-san: in charge of them; ceàrr bhon toiseach: wrong from the start; bha na Gallaich rud beag eòlach air an sgìre: the Caithnessians were a little familiar with the area; airson fiodh fhaighinn: to get timber; bha feachd eile de Dhùitsich is Albannaich air a dhol air an t-slighe sin roimhe: a force of Dutch and Scots had already gone on that route; cha robh X a’ dol gan leigeil troimhe gun spàirn: X weren’t going to let them through without a struggle; thug e car asta: he tricked them; gun robh latha fuilteach gu bhith ann: that a bloody day lay ahead; bhiodh e a’ cur pùdar-gunna air an teine anns a’ phàillean aige: he would put gunpowder on the fire in his tent; ag èirigh gu dìreach: rising vertically; dha ionnsaigh: towards him.

Puing-chànain na Litreach: Cha b’ urrainn dhaibh dhol don t-Suain seachad air cladach na Danmhairg: they couldn’t go to Sweden past the coast of Denmark. Remember that the names of countries in Gaelic are almost always feminine and invariably singular ( Na h-Innseachan, India being an obvious exception). If they carry the article (which a majority do), the form of the article in the genitive will always be na eg Seansalair na Gearmailt, Prìomhaire na Suain(e), Ceann-suidhe na Frainge, muinntir na h-Eadailt, prìomh bhaile na h-Eilbheis. Try and get a feel for femininity in nouns so that you automatically form the correct genitive singular article – countries are a good way of remembering the rule.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bhuail sin gu mòr air malairt nan Suaineach: that greatly affected the Swedes’ trade.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 207

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean