902: Breviarium Aberdonense
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Breviarium Aberdonense
Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Faolan. Chaidh e gu àite air an robh ‘An Srath’ ann an ceann shuas Ghleann Dochard Bha làrach air a comharrachadh an sin airson eaglais a thogail. Bha torc-nimhe air a bhith a’ cur dragh air na daoine ann ach dh’iomain Faolan agus a chù beag air falbh e. Tha an stòiridh seo inntinneach dhomh oir tha an sgìre sin gu mòr co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne. Am measg sin, tha ‘Diarmad agus Gràinne’ anns a bheil torc-nimhe.
Co-dhiù, fhad ʼs a bha Faolan a’ togail na h-eaglaise, chaidh na daimh aige fhuasgladh bho na cairtean a bha iad a’ tarraing. Air an oidhche, thàinig madadh-allaidh. Dh’ith e fear de na daimh.
Anns a’ mhadainn dh’aithnich Faolan gun robh e gann de dhamh. Rinn e ùrnaigh do Dhia gun tilleadh an aon mhadadh-allaidh agus gum biodh e soitheamh, socair. ʼS e sin a thachair. Leig am madadh-allaidh le Faolan a chur ri crann mar gur e damh a bh’ ann. Dh’obraich e mar dhamh fhad ʼs a bhathar a’ togail na h-eaglaise. An dèidh sin, dh’fhalbh am madadh-allaidh agus chaidh e air ais mar a bha e.
Rinn Faolan iomadh mìorbhail eile agus bha gràdh aig muinntir an àite air. Chaochail e mu dheireadh air an naoidheamh latha dhen Fhaoilleach. Agus ʼs e Srath Fhaolain a chanadh daoine ris an t-srath bho sin a-mach.
Chanainn dà rud mun sgeul. Tha am facal Faolan a’ ciallachadh ‘madadh-allaidh beag’. Agus ’s e am Faoilleach – mìos a’ mhadaidh-allaidh – mìos a bhàis. Co-dhiù tha an dà rud sin cudromach ann an dòigh sam bith, chan urrainn dhomh a ràdh.
Thàinig an sgeulachd sin à Breviarium Aberdonense – The Aberdeen Breviary a dh’ainmich mi an t-seachdain sa chaidh. Cuiridh mi crìoch air an Litir le sgeulachd eile bhon dearbh leabhar. ʼS ann mu dheidhinn Naoimh Ma-ruibh a tha i – naomh le ceangal sònraichte don Chomraich, an dùthaich agam fhìn.
Thàinig Dànaich don Chomraich. Tha amharas agam gur e Nirribhich a bh’ annta ach tha an leabhar ag ràdh gur e Dànaich a bh’ annta. Canaidh mi ‘Lochlannaich’ riutha. Bha iad a’ dèanamh sgrios air a’ Ghàidhealtachd. Dh’inns na pearsaichean-eaglais dhaibh gun robh an dùthaich sin na comraich airson sia mìle air gach àird bho Eaglais a’ Chlachain. Bha sin air sgàth buadhan Ma-ruibhe.
Ach bha na Lochlannaich coma. Cha do ghabh iad sùim dhen dualchas eaglaiseil aig muinntir an àite. Ghoid iad tòrr stuth, sprèidh nan daoine nam measg. Thill iad do na bàtaichean aca. Tha neach-aithris an sgeòil ag innse dhuinn nach robh na Lochlannaich air dad òl no ithe fhad ʼs a bha an casan air tìr.
Chaidh iad air bòrd nan soithichean aca. Chuir iad na siùil an-àirde. Bha iad a’ falbh air chùrsa a bha a’ coimhead fàbharach dhaibh. Ach feumaidh gun robh beachd eile aig Dia. Ged nach robh fairge mhòr sam bith ann, gu h-obann shluig a’ mhuir iad uile agus bha iad air am bàthadh.
Ged a fhuair Maolrubha fhèin bàs anns an Eilean Dubh, tha fios aig muinntir na Comraich eadhon an-diugh far an robh e air a thiodhlacadh ann an Cladh a’ Chlachain. Agus tha an cunntas anns a’ Bhreviarium ag innse dhuinn gur e an naomh fhèin a dh’iarr gum biodh a dhust air a ghiùlan don Chomraich.
Faclan na Litreach: Naomh Faolan: Saint Fillan; Ghleann Dochard: Glen Dochart; torc-nimhe: wild boar; madadh-allaidh:wolf; mìorbhail: miracle; Nirribhich: Norwegians; Lochlannaich: Scandinavians; pearsaichean-eaglais: clerics; sprèidh: livestock.
Abairtean na Litreach: dh’iomain Faolan agus a chù beag air falbh e: Fillan and his small dog drove it away; gu mòr co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne:that area strongly connected to Fingalian legends; chaidh na daimh aige fhuasgladh bho na cairtean: his oxen were untied from the carts; dh’aithnich Faolan gun robh e gann de dhamh: Fillan recognised that he was short of an ox; gun tilleadh an aon mhadadh-allaidh agus gum biodh e soitheamh, socair:that the same wolf would return and that it would be gentle and tranquil; leig am madadh-allaidh le Faolan a chur ri crann:the wolf allowed Fillan to fix it to a plough; fhad ʼs a bhathar a’ togail na h-eaglaise: while the church was being built ; ʼs e Srath Fhaolain a chanadh daoine ris an t-srath: the people called the strath Strathfillan; ’s e am Faoilleach – mìos a’ mhadaidh-allaidh – mìos a bhàis: January – the wolf month – is the month of his death; co-dhiù tha an dà rud sin cudromach ann an dòigh sam bith: whether [or not] those two things are important in any way; mu dheidhinn Naoimh Ma-ruibh: about St Maolrubha ; thàinig Dànaich don Chomraich: Danes came to Applecross; gun robh X na comraich airson sia mìle air gach àird bho Eaglais a’ Chlachain: that X was a sanctuary for six miles in each direction from the Clachan Church; air sgàth buadhan Ma-ruibhe: because of Maolrubha’s virtues; cha do ghabh iad sùim dhen dualchas eaglaiseil: they took no notice of the church heritage; nach robh X air dad òl no ithe: that X hadn’t drunk or eaten anything; ged nach robh fairge mhòr sam bith ann: although it was fairly calm; shluig a’ mhuir iad: the sea swallowed them; gum biodh a dhust air a ghiùlan: that his mortal remains would be carried.
Puing-chànain na Litreach: Bha iad a’ falbh air chùrsa a bha a’ coimhead fàbharach dhaibh: they were going on a [sailing, navigational] course that was looking favourable for them. An old grammatical rule, in which nouns were lenited in the indefinite dative singular, is fossilized today for us in certain phrases eg air mhàl, mean air mhean, beag air bheag, air thoiseach, air chuairt . Here is a maritime example. In some dialects the terminal ‘a’ is elided in speech ie tha i air chùrs’ ‘she is on course’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Chuir iad na siùil an-àirde : they hoisted the sails.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 598
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn