1: Miann
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Miann
Tha seanfhacal againn ann an Gàidhlig a tha cur nar cuimhne mar a bhios daoine an-còmhnaidh a’ coimhead a-mach – le farmad – air na rudan a th’ aig daoine eile. “’S e miann na lacha an loch air nach bi i.”
Tha sin a’ ciallachadh gum b’ fheàrr leis an lach a bhith ann an àite eile – loch eile – air falbh bhon àite anns a bheil i an-dràsta eadhon ged a bhiodh an loch sin math dhi anns a h-uile dòigh. “’S e miann na lacha an loch air nach bi i.” Ach, mar a tha fios againn uile, ’s ann air daoine agus smuaintean dhaoine a bhios seanfhaclan a-mach, mar is trice. Tha an seanfhacal seo ag innse dhuinn gum b’ fheàrr le daoine a bhith ann an àite far nach eil iad an-dràsta. Mar a th’ aig muinntir na Beurla – “the grass is greener on the other side of the fence.”
Tha e furasda tuigsinn carson a bhiodh beachd mar sin aig mòran ann an Alba bho àm gu àm, gu h-àraidh ann am meadhan a’ gheamhraidh nuair a tha na h-oidhcheannan fliuch, fuar, dorch agus fada; agus nuair a tha na làithean fliuch, fuar, dorch agus goirid. Aig an àm sin, b’ fheàrr le mòran, ’s dòcha, a bhith anns a’ Charibbean seach ann an Càirinis. Neo ann am Morocco seach Moireabh. Neo Rhodes an àite Roghadal.
Ach gabhaibh mo lethsgeul ma bheir mi-fhìn beachd làidir an aghaidh gliocas an t-seanfhacail seo - aig an àm seo dhen bhliadhna co-dhiù. Ann am mìos a’ Chèitein – mìos cho brèagha ’s a th’ againn – nuair a tha lusan de ghach seòrsa a’ nochdadh ann an coilltean is pàircean is monaidhean na Gàidhealtachd. Mìos na Bealltainne, nuair a tha an saoghal a’ tighinn beò a-rithist an dèidh a’ gheamhraidh fhada. Mìos seinn na cuthaige ann an coilltean is doireachan na h-Alba. Cò dh’iarradh a bhith ann an àite sam bith eile air an t-saoghal ach air a’ Ghàidhealtachd anns a’ Chèitean?
’S toigh leam a bhith a’ sreap gu coireachan nam beann aig an àm seo dhen bhliadhna. Chì mi sneachd air na mullaichean, a tha fhathast fuar is gaothach, ach faodaidh e bhith blàth agus ciùin anns na coireachan. Uaireannan bidh e cho blàth ’s gum faod mi mo chuid aodaich a thilgeil dhiom airson a dhol a shnàmh ann an loch. Uill, airson diog neo dhà co-dhiù! ’S dòcha gur ann glic a bhios an lach a theicheas gu loch eile nuair a nochdas mise!
Tha an Cèitean brèagha gu cinnteach. Ach tha aon rud eile ann a tha a’ toirt toil-inntinn dhomh anns a’ mhìos seo. ’S e sin gu bheil grunnan mhìosan a-nise air thoiseach oirnn anns am bi a’ ghrian a’ deàrrsadh, anns am bi mòran – mar a bhios mi-fhìn - a’ dèanamh air na beanntan airson toileachas fhaighinn am measg bòidhchead nàdarrach na h-Alba. Ach gu mi-fhortanach cha mhair an toil-inntinn fada. Goirid an dèidh dhomh tilleadh dhachaigh gach turas, bidh mi a’ coimhead air a’ mhap a-rithist, a’ lorg àite eile far an tèid mi a choiseachd. Cha bhi mi toilichte dìreach a bhith a’ dol don aon àite. Bidh mi an-còmhnaidh a’ coimhead airson beanntan ùra.
A dh’andeoin de chanas mi, ma tha, ’s dòcha gu bheil mi car coltach ris na lachan a chì mi air sgèith thairis air an t-samhradh, eadhon anns a’ mhìos seo fhèin, a’ coimhead airson lochan ùra. ’S e miann Ruairidh a’ bheinn air nach bi e. Mmm. ’S dòcha gu bheil an seanfhacal mun lach nas glice na bha mi a’ dèanamh a-mach aig toiseach na litreach-sa.
Faclan na na Litreach: farmad: envy; miann: desire; seanfhacal: proverb; toil-inntinn: mental pleasure, satisfaction
Abairt na na Litreach: cò dh’iarradh a bhith …? : who would wish to be …?
Puing ghràmair na na Litreach: meadhan a’ gheamhraidh: the middle of the winter; geamhraidh is the genitive of geamhradh, winter. An dèidh a’ gheamhraidh fhada: after the long winter. The compound preposition an dèidh commands the genitive case in the following noun.
Gnàthas-cainnt/seanfhacal na na Litreach: ’S e miann na lacha an loch air nach bi i:the desire of the duck is [to be on] the loch where she is not. The future tense is used here (rather than “an loch air nach eil i” ) to denote the generalized, habitual nature of the observation. This is a common use of the future tense in Gaelic: cf Bidh mi ann an Inbhir Nis a h-uile latha: I am in Inverness every day.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn