320: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt
Thug mi seachad òraid o chionn ghoirid air seanfhaclan Gàidhlig co-cheangailte ri beathaichean. Nuair a bha mi gan rannsachadh, lorg mi feadhainn a bha gu math annasach. Seo fear dhuibh: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè fon ghrèin a tha sin a’ ciallachadh? Dh’fhaodadh mun cuairt dà chiall a bhith air – cum an cat anns an nàbaidheachd, faisg ort. No cum an cat a’ tionndadh.
A rèir aithris, tha e a’ ciallachadh anns an t-seanfhacal seo – cum an cat a’ tionndadh. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Bidh daoine a’ cleachdadh an t-seanfhacail seo nuair a tha iad ag iarraidh air cuideigin cumail air leis an obair aige. Ge bith dè tha a’ tachairt timcheall air, bu chòir dha leantainn air leis an obair. Ach ciamar a dh’èirich an seanfhacal?
A rèir beul-aithris, tha e ceangailte ri seann chleachdadh pàganach air a bheil taghairm. Chì sibh mìneachadh air seo ann am faclair Dwelly. ’S e a bh’ ann dòigh airson an Donas a thoirt am follais. Bhiodh an Donas a’ freagairt ceist no a’ sàsachadh droch iarrtasan mì-laghail.
Nise, mus can mi dad eile mun taghairm, tha mi airson rabhadh a thoirt dhuibh. Ma tha sibh cianail measail air cait, ’s dòcha nach bi sibh airson èisteachd ris a’ chòrr. ’S e droch chleachdadh a bh’ ann. Bhiodh sreath de chait air an ròstadh beò, fear às dèidh a chèile thairis air beagan làithean, air bior-ròstaidh os cionn teine. Mu dheireadh thigeadh buidheann de chait dhubha timcheall, agus iad uile a’ sgreuchail. Bhiodh an Donas nam measg ann an cruth cat dubh.
Nan nochdadh an Donas gu follaiseach na chruth fhèin, bhiodh e an uair sin a’ faighneachd de na daoine dè bha iad ag iarraidh. Bhiodh e a’ sàsachadh an iarrtais. Ach mus tachradh sin, bhiodh cait eile a’ feuchainn ri stad a chur air a’ ghnothach le bhith a’ bruidhinn ris na daoine a bha a’ dèanamh an ròstaidh. A rèir beul-aithris, bhiodh fear de na daoine ag èigheachd air an fhear a bha a’ tionndadh a’ bhior-rostaidh, “Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.”
Tha Dwelly ag innse dhuinn rudeigin eile mun taghairm. Nuair a bha daoine ag iarraidh faighinn a-mach dè bha a’ dol a thachairt san ùine romhpa, bhiodh iad a’ marbhadh damh no bò. Bhiodh iad a’ feannadh a’ bheathaich, agus bhiodh iad a’ cur a’ bhian timcheall air duine.
Bhiodh iad a’ cur an duine air a dhruim dìreach ri taobh eas ann an àite iomallach. Chuireadh na daoine a’ cheist air agus bhiodh iad ga fhàgail airson beagan uairean a thìde leis fhèin. Nuair a thilleadh iad air a shon, bhiodh freagairt aige.
Am measg na tha a’ dèanamh aithris air a’ ghnothach seo, tha Màrtainn Mac Ille Mhàrtainn anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland. Tha e ag aithris mu fhear ann an Leòdhas, John Erach, a chuir seachad oidhche mar sin ann am bian. Bha e air a chur troimh-chèile gu dubh leis. Is beag an t-iongnadh – ged a bha e fhathast beò às dèidh làimh, eucoltach ris na cait a chaill am beatha air a’ bhior-ròstaidh.
Faclan na Litreach: annasach: unusual; a’ tionndadh: turning; an Donas: the Devil; bior-ròstaidh: roasting-spit; a’ sgreuchail: screeching; damh: ox;
Abairtean na Litreach: nuair a bha mi gan rannsachadh: when I was researching them; dh’fhaodadh mun cuairt dà chiall a bhith air: mun cuairt could mean two things; cum an cat anns an nàbaidheachd, faisg ort: keep the cat in the vicinity, close to you; bu chòir dha leantainn air leis an obair: he should keep going with the work; tha e ceangailte ri seann chleachdadh pàganach air a bheil taghairm:it is linked to an old pagan custom called taghairm (a calling of the spirits); a’ sàsachadh droch iarrtasan mì-laghail: satisfying bad and unlawful requests; ’s dòcha nach bi sibh airson èisteachd ris a’ chòrr: perhaps you won’t want to listen to the rest; bhiodh sreath de chait air an ròstadh beò: a series of cats would be roasted alive; ann an cruth cat dubh: in the shape of a black cat; bhiodh cait eile a’ feuchainn ri stad a chur air: other cats would be trying to stop; dè bha a’ dol a thachairt san ùine romhpa:what was going to happen in the future [lit. in the time ahead of them]; air a dhruim dìreach ri taobh eas ann an àite iomallach: flat on his back beside a waterfall in a remote place; leis fhèin: by himself; nuair a thilleadh iad air a shon: when they would return for him; a chuir seachad oidhche mar sin ann am bian: who spent a night like that in an animal hide/skin; bha e air a chur troimh-chèile gu dubh leis: he was deeply traumatised by it; is beag an t-iongnadh: it’s hardly surprising; eucoltach ris na cait: unlike the cats.
Puing-chànain na Litreach: Chì sibh mìneachadh air seo ann am faclair Dwelly: you will see an explanation of this in Dwelly’s dictionary. I want to make a point about possessive names as I sometimes hear Gaelic learners saying “anns an fhaclair Dwelly”. Where a person’s name is in the genitive or possessive case following the preposition ann an (in), the indefinite form of the preposition is used ie ann an, rather than anns an. Thus we would say tha e ann an seòmar Chaluim (not tha e anns an t-seòmar Chaluim) for “it is in Calum’s room”. Similarly for “it is in Helen’s car” we would say tha e ann an càr Eilidh, not tha e anns a’ chàr Eilidh. But, of course, we can put names in the dative, following aig,rather than in the genitive, by saying tha e anns an t-seòmar aig Calum or tha e anns a’ chàr aig Eilidh. This is an important point – I suggest you try making up a few similar sentences to make sure you have a good feel for it.
Seanfhacal na Litreach: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt: whatever you see or hear, keep the cat turning [ie don’t get distracted from your task by anything].
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 16
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn