An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu dhualchainnt nan iasgairean ann an Cromba – dualchainnt aig a bheil dìreach dithis
luchd-labhairt a tha fileanta an-diugh. Thàinig leabhar beag a-mach mu a deidhinn o chionn ghoirid –  The Cromarty Fisherfolk             Dialect. Chaidh a chur ri chèile le Am Baile, stòrlann eadar-lìn a bhuineas do Chomhairle na  Gàidhealtachd.
    
    
            Bha mi a’ coimhead tro liosta de dh’fhaclan anns an dualchainnt sin agus tha feadhainn dhiubh furasta gu leòr a thuigsinn. Tha iad coltach ri
faclan ann an dualchainntean eile de dh’Albais. Seo eisimpleir no dhà –  bauchles (seann slioparan),  belligut  (neach sanntach),             guloot  (fear a tha gròt a dhìth an tastain) agus howp  (balgam ri  òl). Agus tha faclan aca nach fhaighear ann an
            dualchainntean eile, mar eisimpleir  sallikatazaar  a tha a’ ciallachadh “deillseag”.
    
    
            Ach bha Cromba air a chuairteachadh fad ùine mhòr le Gàidhlig agus tha faclan ann an dualchainnt nan iasgairean a dh’èirich bho thùsan Gàidhlig.
Seo eisimpleirean bhon leabhar:  amitan (a fool),  boddach (odd, old man),  brachtan (a young chaffinch – bhon Ghàidhlig             breacan),  buss (a mouth),  callach (old woman),  cootyach (family group, company or clan) agus  crogs 
            (fingers).
    
    
Seo feadhainn eile:  doorcans (fir cones used to smoke fish – bhon Ghàidhlig  durcan), dossan  (fringe, forelock),             gob  (the opening or mouth of a receptacle) agus gullachan  (an earwig). Agus tha greesoch  ann. Tha sin a’ ciallachadh
            “shivery, shuddery”.  Ged a thàinig a’ Ghàidhlig  grìs, grìseach bho Albais bho thùs, tha e coltach gun d’ fhuair na Crombaich am
            facal  greesoch bhon bhuadhair Ghàidhlig.
    
    
Seo corra fhacal eile ann an dualchainnt iasgairean Chrombaidh a thàinig bhon Ghàidhlig a rèir choltais:  laroch (a house site), meenyach (greedy for dainty fare),  parton (small crab),  ropach (untidy),  sheemie (straw rope – bhon Ghàidhlig             sìoman),  smoorach (fire ash) agus  spatyel (grand or well-dressed – chanadh iad “he’s rael spatyel the day”).
        
    
    
            ’S e am facal a bh’ aca orra fhèin  Croompach – sin cuideigin a bhuineas do Chromba. Tha sin gu cinnteach bhon Ghàidhlig  Crombach.
            Agus, gu h-inntinneach chanadh iad  Ballachalls ris na daoine a bhuineadh do dh’Inbhir Pheofharain.
            Ann an Ros an Ear ’s e  Bail’ a’ Chàil  a chanadh muinntir an àite ri Baile Inbhir Pheofharain airson ùine mhòr.  Eadhon an-diugh
            tha feadhainn anns an sgìre leis am b’ fheàrr Baile a’ Chàil a bhith ann mar ainm Gàidhlig seach Inbhir Pheofharain no, mar a chanar ann an Ros an
            Iar, Inbhir Pheafharain.
    
 
            Ann an Cromba bha seann tobar ann air an robh  The Stroopie Well. Bha muinntir an àite a’ dèanamh dheth gun robh an t-uisge sin na leigheas
            airson iomadach rud. Airson a
        bhith èifeachdach, ’s e clann òg a dh’fheumadh an t-uisge a thoirt dhachaigh. Agus gheibheadh a’ chlann duais. B’ e sin bonnach beag le toll anns a’
        mheadhan a bh’ air a dhèanamh leis an taois agus min-fhlùir a bh’ air fhàgail air a’ chlàr-fhuine nuair a bha an t-aran air a dhol don àmhainn.
Ann an Gàidhlig ’s e  bonnach fallaid a chanadh daoine ri a leithid. Ann an dualchainnt nan iasgairean Crombach, chanadh iad         bonnach faaly ris. Bhathar a’ creidsinn gun robh am bonnach sin a’ toirt deagh fhortan don taigh. Air an làimh eile, thigeadh droch fhortan
        nan cuirte min-fhlùir air ais don chiste.
   Bha an aon chleachdadh aig na Gàidheil. Bha iad fhèin agus iasgairean Chrombaidh a’ creidsinn an aon rud. 
   Bha diofar chànanan aca, ach bha mòran anns a’ chumantas eatarra.