FaclairDictionary EnglishGàidhlig

577: Oidhche nan Seachd Suipearan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Oidhche nan Seachd Suipearan

Gaelic Gàidhlig

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dh’fhaighnich mi dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan . Oidhche nan Seachd Suipearan. Uill, ’s e sin an oidhche as fhaide dhen bhliadhna, ann am meadhan a’ gheamhraidh. ’S dòcha aig an àm mus robh solas an dealain ann gum biodh an oidhche sin fada dha-rìribh.

Bha sinn a’ toirt sùil air abairt eile co-cheangailte ri seachd. B’ e sin Sìde nan Seachd Sian the weather of the seven elements – aimsir fìor dhona. Uill, an latha eile, lorg mi seanfhacal mun aimsir anns a bheil iomradh air “sìde nan seachd sian”. Seo e: An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian. Ma tha tàirneanaich ann sa gheamhradh, thig deagh aimsir no fìor dhroch aimsir às a dhèidh. An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.

Thig tàirneanaich as t-samhradh cuideachd; gu dearbh, tha sinne air a’ Ghàidhealtachd nas buailtiche tàirneanaich fhaighinn as t-samhradh na tha sinn sa gheamhradh. Agus chanainn gu bheil e nas buailtiche tighinn feasgar seach sa mhadainn. Dè ur beachd fhèin air sin?

Co-dhiù bhiodh na seann daoine a’ mothachadh rudan mar sin. Agus tha dà sheanfhacal againn, a’ dèanamh ceangal eadar an t-àm dhen latha anns am biodh tàirneanaich ann agus an aimsir a bhiodh a’ leantainn air, ’s dòcha airson ùine mhòr. Seo an dà sheanfhacal air an cur còmhla: Tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Thunder in the afternoon, thunder of fertility and plenty; thunder before noon, thunder of famine and cold. Tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Bidh sinn an dòchas, ma bhios tàirneanaich ann a dh’aithghearr, gur ann feasgar a bhitheas e!

Co-dhiù bu mhath leam tilleadh airson mionaid no dhà don àireamh seachd. Tha i a’ nochdadh ann am mòran beul-aithris na Gàidhlig. Seo rann ainmeil a tha a’ tighinn à beul-aithris a tha làn dhen àireimh sin:

Seachd sgadain, sàth bradain;

Seachd bradain, sàth ròin;

Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;

Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;

Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;

Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Tha sàth a’ ciallachadh gu leòr de bhiadh a shàsaicheas creutair. Seachd sgadain, sàth bradain – tha sin a’ ciallachadh “seven herrings, a full meal for a salmon”. Seachd bradain, sàth ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, sàth muice-mara bhig – “seven seals, a full meal for a small whale”, agus mar sin air adhart. Èistibh ris an rainn a-rithist. Saoil a bheil e a-mach air modail eageòlach?!

Seachd sgadain, sàth bradain;

Seachd bradain, sàth ròin;

Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;

Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;

Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;

Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.

Dè th’ ann an cionnan-crò ? Uill, ’s e sin rud ris an canar ann am Beurla “the bull whale” – a’ mhuc-mhara a tha os cionn nam mucan-mara eile anns an sgaoth. Agus ’s e mial mhòr a’ chuain – the leviathan of the ocean. Chan eil mi cinnteach dè th’ ann ach, gu dearbh, ’s e a dhitheas gu leòr!

Faclan na Litreach: tàirneanaich: thunder; nòin: noon; gort: famine, want of food, beul-aithris: oral tradition; sgadan: herring; bradan: salmon.

Abairtean na Litreach: an oidhche as fhaide dhen bhliadhna, ann am meadhan a’ gheamhraidh: the longest night of the year, in the middle of winter; aig an àm mus robh solas an dealain ann: at the time before electric light existed; anns a bheil iomradh air: which contains a reference to; an dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian: after winter thunder comes either good weather or terrible weather; nas buailtiche tàirneanaich fhaighinn as t-samhradh: more likely to get thunder in summer; bhiodh na seann daoine a’ mothachadh rudan mar sin: the old people would notice things like that; an t-àm dhen latha anns am biodh tàirneanaich ann: the time of day when thunder occurred; an aimsir a bhiodh a’ leantainn air: the weather that would follow it; tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir: thunder after noon, thunder of fertility and plenty; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd: thunder before noon, thunder of famine and cold; ma bhios tàirneanaich ann a dh’aithghearr, gur ann feasgar a bhitheas e: if we soon have thunder, that it will come in the afternoon; seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir: seven small whales, a full meal for a big whale; seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò: seven big whales, a full meal for a bull whale; a bheil e a-mach air modail eageòlach?: is it expounding an ecological model?; mial mhòr a’ chuain: the leviathan or great serpent of the ocean..

Puing-chànain na Litreach: Sàth , meaning “plenty, abundance, satiety, as of meat or drink” is not a word you will often hear in everyday conversation but it’s well known in proverbs and sayings. Here are two other proverbs containing sàth, both concerning dogs: chan ith a shàth ach an cù (none but a dog eats his fill); is mòr sàth a’ choin ghortaichte (great is the gorging of a famished dog). One might say of ravenous teenagers: dh’ith iad an sàth (they ate their fill). Don’t, however, confuse this word with sàth (pronounced the same) meaning a stab or thrust with a knife or sword.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Oidhche nan Seachd Suipearan: the longest night of the year [lit. the night of the seven suppers].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 273

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean