Bha mi ag innse eachdraidh Sheumais Mhic a’ Phearsain, an ceatharnach
    ainmeil à Bàideanach. Thàinig latha a chrochaidh ri taobh crois na margaidh
    ann am Banbh air an t-siathamh latha deug dhen t-Samhain anns a’ bhliadhna
    seachd ceud deug (1700).
    Thathar ag ràdh anns an ear-thuath, chun an latha an-diugh, gun robh
    teachdaire air an rathad a Bhanbh air muin-eich, le
    stad-breith. Bha sin a’ tighinn bho chùirt nas àirde is nas urramaiche ann
    an Obar Dheathain. Bha fios aig an t-siorram gun robh e air an rathad.
    Chunnaic an siorram an teachdaire leis an stad-breith na làimh, ga
    chrathadh.
    Cha robh e deònach feitheamh oir bha e ag iarraidh gum biodh Mac a’
    Phearsain marbh, agus dh’òrdaich e gum biodh an cloc ann am meadhan Bhanbh
    air a chur air adhart cairteal na h-uarach. Mar sin, thàinig uair a’
    chrochaidh – a rèir a’ chloc co-dhiù – mus do ràinig an teachdaire meadhan
    a’ bhaile. Bha mòran daoine air an tàmailteachadh mu dheidhinn.
    Fhad ʼs a bha e sa phrìosan, a’ feitheamh ri latha a chrochaidh, chruthaich
    Seumas òran, a’ dèanamh iomradh air a bhàs. Aig an àm sin,
    bhiodh cead aig daoine a bha fo bhinn-bhàis òraid a ghabhail mus biodh iad
    air an cur air a’ chroich. Ach, an àite òraid, ghabh Seumas òran, ann am
    Beurla a thuigeadh muinntir an ear-thuath, agus e a’ seinn na fìdhle aig an
    aon àm. Tha diofar riochdan air briathran an òrain san latha an-diugh, agus
    seo fear dhiubh:
    
        Fareweel ye dungeons dark and strang, fareweel, fareweel tae ye,
        
        MacPherson’s time will nae be lang on yonder gallows tree
    
    
        Sae rantinly, sae wantonly, sae dauntinly gaed he
        
        He played a tune and he danced it aroon below the gallows tree
    
    
        It was by a woman’s treacherous hand I was condemned tae dee
        
        Aboon a ledge at a window she sat, a blanket she threw ow’r me
    
    
        There’s some come here tae see me hang, and some tae buy my fiddle
        
        But before that I wid part wi’ her I'd brak her through the middle
    
    
        He took the fiddle intae baith o his hands and he brak it ower a stane
        
        Sayin, nay ither hand shall play on thee when I am dead and gane
    
    
        The reprieve was comin’ ow’r the Brig o Banff tae set MacPherson free,
        
        But they pit the clock a quarter afore, and they hanged him frae the
        tree.
    
    Anns an òran, thathar ag ràdh gun do bhris Seumas fhidheall air clach. Ach
    dh’aithris cuid gun do thog e an ionnsramaid an-àirde. Dh’fhaighnich e am
    biodh duine sam bith dhen t-sluagh a bha a’ coimhead ga gabhail bhuaithe,
    air a’ chùmhnant ʼs gun cluicheadh e no i an aon phort oirre aig taigh-aire
    dha. Cha robh duine deònach an fhidheall a ghabhail air a’ chùmhnant sin,
    le tòrr nàimhdean aig Seumas an làthair. Mar sin, bhris Seumas an fhidheall
    thairis air a ghlùin. Dh’èigh e nach cluicheadh duine eile i. An uair sin,
    chaidh a chrochadh gu bàs.
    Bha càirdean aig Seumas am measg an t-sluaigh, agus thug fear dhiubh an
    fhidheall bhriste air ais a Bhàideanach. Tha i a-nise ann an Taigh-tasgaidh
    Clann Mhic a’ Phearsain ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Ged a tha an fhidheall
    briste, tha an t-òran agus an sgeulachd beò, slàn fhathast.