FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1063: Eilean Mhàrtainn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhàrtainn

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, chaidh mi a-null a dh’Eilean Mhàrtainn airson a’ chiad turais riamh. A bheil sibh eòlach air Eilean Mhàrtainn? No Isle Martin, mar a chanar ris ann am Beurla. Tha e aig beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul. Bidh cuid ga ghabhail a-steach anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’. Ach, leis an fhìrinn innse, tha Eilean Mhàrtainn pìos beag air falbh bho na h-Eileanan Samhraidh mar a tha cuid gan aithneachadh.

ʼS e eilean beag a th’ ann, timcheall air mìle ann am fad agus leud. Tha an ceann a tuath creagach agus garbh. ʼS ann sa cheann a deas, far a bheil beagan talamh torrach, a bha an sluagh a’ fuireach – aig aon àm. Chan eil duine a’ fuireach anns an eilean an-diugh.

Chaidh mise a-null ann am bàta, a th’ air a ruith le Urras Eilein Mhàrtainn. ʼS ann an làmhan an urrais – urras coimhearsnachd – a tha an t-eilean an-diugh.

Mu choinneimh an eilein, air tìr-mòr, tha baile beag ris an canar Àird Mhèara. ʼS ann às a sin a bhios am bàta a’ falbh. Aig àm an làin, tha an caolas a’ coimhead car mòr, ach tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir a dh’ionnsaigh Eilein Mhàrtainn. Aig ìsle-mhara, chan eil an caolas ach beag. ʼS e Àird na h-Èighe a chanas daoine ris a’ ghob-rubha, oir bhiodh daoine ag èigheachd a-null don eilean airson bàt’-aiseig anns an t-seann aimsir.

Bhiodh corra duine, ge-tà, a’ snàmh a-null don eilean. A rèir aithris, bha aon duine, a bha ag obair anns a’ mhuileann san eilean anns na ceathradan, ach a bha a’ fuireach air tìr-mòr, a’ snàmh a-null ʼs a-nall gach latha.

Chan eil fios le cinnt cò am Màrtainn anns an ainm. ʼS dòcha Naomh Màrtainn à Tours. Tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein – seòrsa a bha ʼs dòcha ceangailte ris an Eaglais Cheiltich uaireigin, ach tha cumadh na croise car annasach.

Anns an ochdamh linn deug, bha iasgaich an sgadain mòr anns an sgìre. Chaidh taigh-giollachd a leasachadh ann an Eilean Mhàrtainn. Bhathar a’ dèanamh dà sheòrsa sgadain ann – sgadain bhàna a bh’ air an cur amh ann an salann, agus sgadain dearga a bh’ air an smocadh anns an eilean.

Tro bhliadhnaichean an Dàrna Cogaidh, bha muileann stèidhichte ann, far an robh a’ dèanamh min-fhlùr. Bha a’ chuid a bu mhotha dhen luchd-obrach a’ fuireach air tìr-mòr. Chaidh am muileann a dhùnadh ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a h-ochd (1948).

Bho na seasgadan dhen fhicheadamh linn (1960s) a-mach, tha Eilean Mhàrtainn air a bhith ann an làmhan uachdaran prìobhaideach agus – cuideachd – Comann Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB. Thug an RSPB seachad e don urras – an-asgaidh – o chionn fichead bliadhna.

Ach chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh ann. Faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann.

Mus fhalbh mi, tha mi airson ceist a chur oirbh. Dè an dà thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhàrtainn a’ còmhdachadh nam ballachan? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach Urras Eilein Mhàrtainn: The Isle Martin Trust; Àird Mhèara:Ardmair; àm an làin: high tide; tìr-mòr: the mainland; taigh-giollachd: processing facility; min-fhlùr: flour; an-asgaidh: free of charge.

Abairtean na Litreach: a-null a dh’Eilean Mhàrtainn airson a’ chiad turais riamh: over to Isle Martin for the first time ever; beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul: the mouth of Loch Broom in Wester Ross, a few miles north of Ullapool; anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’: in the group of islands called ‘The Summer Isles’; mar a tha cuid gan aithneachadh: as some recognise them; mìle ann am fad agus leud: a mile in length and width; tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir: a shingle spit sticks out into the sea; ag èigheachd a-null don eilean airson bàt’-aiseig: shouting over to the island for a ferry; bhiodh corra duine a’ snàmh a-null: the odd person would swim over; tha seann riochdan air an ainm nach eil buileach co-ionann ri: there are old forms of the name that aren’t quite equivalent to; tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein: there is a really old cross in the island’s cemetery; sgadain bhàna a bh’ air an cur amh ann an salann: white herring that were put raw in salt; sgadain dearga a bh’ air an smocadh: red herring that were smoked; ann an làmhan uachdaran prìobhaideach: in the hands of private landlords; chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh: the islanders are not entirely forgotten; faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann: one can learn in a small museum about the families who were living there; dà thogalach ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhàrtainn a’ còmhdachadh nam ballachan: two buildings in Stornoway in which stones from a quarry on Isle Martin are covering the walls.

Puing-chànain na Litreach: far a bheil beagan talamh torrach: where there is a little fertile land. Beagan, as a noun of quantity, commands a further noun in the genitive, so we would say beagan talmhainn, using the gentive form of talamh . However, the presence of the adjective, certainly in modern Gaelic, tends to quash the genitivisation in such phrases (where there is no genitive article), so we get beagan talamh torrach, with talamh (and accompanying adjective) in its nominative form.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ snàmh a-null ʼs a-nall gach latha: swimming over and back every day.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 759

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean