FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1081: Am Brusach ann an Inbhir Nis (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Brusach ann an Inbhir Nis (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha ceist agam dhuibh. Cuin a nochd Rìgh na h-Alba ann an Inbhir Nis airson ainm a chur ri co-chòrdadh eadar-nàiseanta? Uill, tha e a’ dol air ais dhan bhliadhna trì cheud deug ʼs a dhà-dheug (1312). ʼS e Raibeart am Brusach a bh’ air rìgh-chathair na h-Alba. Bha Blàr Allt a’ Bhonnaich gu bhith ann dà bhliadhna an dèidh sin.

Ann an Litir ochd ceud, seachdad ’s a h-aon (871), dh’inns mi dhuibh mu Cho-chòrdadh Pheairt, a thug gu crìch an smachd a bh’ aig na Lochlannaich air ceann an iar-thuath na h-Alba – agus sgìrean is eileanan deas gu Eilean Mhanainn. Chaidh an t-aonta a tharraing ri chèile le riochdairean aig Nirribhidh agus Alba ann am Peairt anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ’s a sia (1266).

Bha sin trì bliadhna an dèidh Cath na Leargaidh Ghallta eadar Nirribhidh agus Alba. Bha Alasdair III na rìgh aig Alba aig an àm sin. A rèir an aonta, bhiodh Alba a’ pàigheadh sùim de cheithir mìle marg agus an uair sin ceud marg gach bliadhna – agus gheibheadh i smachd air tìrean nan Lochlannach ann an Alba, agus faisg air Alba, ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn. A bharrachd air sin, bha aonta ann a thaobh mar a bhiodh dìon is còraichean aig maraichean Lochlannach a chailleadh an soitheach mar long-bhriseadh far cladaichean na h-Alba.

Ach cha b’ e sin deireadh an sgeòil airson Co-chòrdadh Pheairt, a bha eadar Alasdair agus Rìgh Nirribhidh, Mànas IV. Chaidh a dhaingneachadh ann an Inbhir Nis nuair a bha am Brusach air an rìgh-chathair. Bha an Rìgh fhèin an làthair airson ainm a chur ris an sgrìobhainn.

Tha dreach dhen aonta – air eadar-theangachadh gu Beurla – anns an leabhar Invernessiana, a chaidh a chur ri chèile le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich. Thàinig an dà thaobh ri chèile air an latha mu dheireadh dhen Dàmhair ann an trì cheud deug is dhà-dheug (1312). Ann an sgioba na h-Alba, a bharrachd air an rìgh, bha co-dhiù ceathrar easbaigean – Obar Dheathain, Mhoireibh, Rois is Ghallaibh. Agus bha co-dhiù triùir iarlan ann – Rois, Athall is Mhoireibh. Ciamar a tha fios againn air sin? Uill, tha iad uile air an ainmeachadh anns an sgrìobhainn. Chuir iad an seulachan pearsanta rithe.

Cha robh Rìgh Nirribhidh, Håkon V, an làthair, ge-tà. Bha e air a riochdachadh le àrd-easbaig, dithis easbaigean, iarla agus dithis bharan. Tha Friseal-Mac an Tòisich a’ sgrìobhadh nach robh riamh coinneamh cho cudromach, a bha ag amas air gnothach sìtheil, ann an Inbhir Nis. Bha e a’ sgrìobhadh mus robh coinneamh Caibineat na Rìoghachd Aonaichte air a cumail ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1921) – airson bruidhinn air suidheachadh na h-Èireann. Ach, eadhon le sin, dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil beachd Fhriseil-Mhic an Tòisich fhathast ceart.

Cha deach an t-aonta atharrachadh. Dhearbh am Brusach gun cumadh Alba ris na dleastanasan aice. Bhiodh i a’ cur ceud marg a h-uile bliadhna gu sìorraidh gu Rìgh Nirribhidh agus oighrean. Bhiodh an t-airgead air a thoirt seachad air Fèill Eòin ann an Eaglais an Naoimh Mhànais ann am Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh – tìr a bhuineadh do Rìgh Nirribhidh.

A bheil sin a’ ciallachadh gum bi Alba fhathast a’ cur sùim co-ionann ri ceud marg gu Nirribhidh gach bliadhna? Bheir sinn sùil air sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Blàr Allt a’ Bhonnaich:The Battle of Bannockburn; Co-chòrdadh Pheairt:The Treaty of Perth; Cath na Leargaidh Ghallta:The Battle of Largs; Alasdair III: Alexander III; Mànas:Magnus; sgrìobhainn: document; gu sìorraidh:forever; oighrean: [his] descendants; Fèill Eòin: the feast-day of St John.

Abairtean na Litreach: : airson ainm a chur ri co-chòrdadh eadar-nàiseanta: to put his name to an international treaty; ʼs e Raibeart am Brusach a bh’ air rìgh-chathair na h-Alba: it’s Robert the Bruce that was on the throne of Scotland; a thug gu crìch an smachd a bh’ aig na Lochlannaich: that brought to an end the Scandinavian control; deas gu Eilean Mhanainn: south to the Isle of Man; bhiodh Alba a’ pàigheadh sùim de cheithir mìle marg: Scotland would pay a sum of four thousand merks; ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn: except for Orkney and Shetland; a thaobh mar a bhiodh dìon is còraichean aig maraichean Lochlannach: how Scandinavian mariners would have protection and rights; a chailleadh an soitheach mar long-bhriseadh far cladaichean na h-Alba: that lost their vessel as a shipwreck off the shores of Scotland; deireadh an sgeòil: the end of the story; an latha mu dheireadh dhen Dàmhair: the last day of October; ceathrar easbaigean – Obar Dheathain, Mhoireibh, Rois is Ghallaibh: four bishops – of Aberdeen, Moray, Ross and Caithness; chuir iad an seulachan pearsanta rithe: they put their personal seals on it; air a riochdachadh le àrd-easbaig: represented by an archbishop; mus robh coinneamh Caibineat na Rìoghachd Aonaichte air a cumail ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd: before the meeting of the UK cabinet was held in the Highland capital; eadhon le sin, dh’fhaodamaid a ràdh: even with that, we might say; dhearbh X gun cumadh Alba ris na dleastanasan aice: X confirmed that Scotland would meet its obligations; Eaglais an Naoimh Mhànais ann am Baile na h-Eaglaise: the Church of St Magnus in Kirkwall.

Puing-chànain na Litreach: beachd Fhriseil-Mhic an Tòisich: The double-barrelled surname Friseal-Mac an Tòisich (Fraser-Mackintosh) would be traditionally genitivised by genitivising each component of the compound. Friseal becomes Fhriseil and Mac an Tòisich becomes Mhic an Tòisich . However, such norms are less strictly adhered to today, and many people would use the nominative form of such a complex name as the genitive (or use the anglicised form). I have heard people refer to the famous naturalist, Frank Fraser Darling (no hyphen), who lived in the Highlands for many years, as ‘Fhriseil Darling’ in the genitive eg leabhar Fhriseil Darling ‘Fraser Darling’s book’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: : a chaidh a chur ri chèile: that was compiled, drawn together.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 777

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean