FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1086: A’ Bhaintighearna Liondsaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhaintighearna Liondsaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Gleann Eireachd ann an Siorrachd Pheairt? Tha Uisge Eireachd a’ sruthadh troimhe – sin an abhainn a tha a’ dol tro Bhlàr Ghobharaidh.

Tha Uisge Eireachd a’ tòiseachadh aig Drochaid Challaidh, far a bheil Uisge Àrdail agus an t-Uisge Dubh a’ tighinn còmhla. Dhà no trì mìle deas air Drochaid Challaidh, tha an abhainn a’ sruthadh tro mhòr-chlais. An sin, tha àite gu math inntinneach. Air na mapaichean, tha seo sgrìobhte: Lady Lindsay’s Castle (remains of). Tha e air creag os cionn na h-aibhne.

Mus tig sinn chun an sgeòil, seo na chanas an t-Suirbhidh Òrdanais anns an Leabhar Ainmean aca: ‘Aig oir a’ bhearraidh, chithear fhathast tobhta tùir ... air a bheil Caisteal na Baintighearna Liondsaidh, anns an robh o chionn nan ceudan bhliadhnaichean, nighean a bhuineadh don chinneadh uasal Crawford air a glasadh a-staigh fad a beatha mar thoradh air breith a’ Phàip ...’

Breith a’ Phàip?! Dè bha dol? Agus dè rinn i – a’ Bhaintighearna Liondsaidh a bha seo?

Seo agaibh an sgeulachd. Timcheall na bliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a naoi (1489), bha dithis bhràithrean còmhla ann an caisteal ann an Srath Àrdail. B’ iad Alasdair Liondsaidh, am mac a bu shine aig a’ cheann-chinnidh – Iarla Chrawford – agus a bhràthair, Iain.

Chaidh na bràithrean a-mach air a chèile gu dubh. Thog iad buill-airm an aghaidh a chèile. Bha Alasdair air a leòn. Bha e na laighe san leabaidh an dèidh làimhe, feuch faighinn seachad air call fala, nuair a chuir a bhean cluasag air aodann airson a mhùchadh. Mura b’ e sin, bha daoine dhen bheachd gun robh e air tighinn beò.

B’ i a bhean Seònaid Ghòrdan, nighean aig Seòras, Iarla Hunndaidh, agus a bhean Annabella, nighean aig Rìgh Seumas I. Cho luath ʼs a bha Alasdair Liondsaidh a-mach às an rathad, phòs Seònaid Pàdraig, mac aig Iarla Grey.

Cha robh esan beò fada, ged nach urrainn dhomh a ràdh an do chuir a bhean cluasag an sàs na aghaidh. Ach, goirid an dèidh sin, bha treas pòsadh aice – aig fear Halkerston.

Bha i saor bho chasaidean eucoir airson còrr is deich bliadhna. Ach anns a’ bhliadhna còig ceud deug (1500), fhuaireadh ciontach i de mhurt Alasdair. B’ e a peanas a bhith air a glasadh air mullach Creag an Fhithich, a ruigeas trì cheud troigh os cionn Uisge Eireachd.

Chan eil beul-aithris Shrath Àrdail ag innse dhuinn mar a chaidh am Pàp an sàs anns a’ ghnothach. Ach thathar ag innse dhuinn gun robh a’ Bhaintighearna Liondsaidh gu bhith sa phrìosan fad a’ chòrr de a beatha. A bharrachd air sin, gach latha, bha aice ri snàithlean a shnìomh a ruigeadh an abhainn trì cheud troigh fòidhpe. Chan fhaigheadh i biadh gus an robh an snàithlean deiseil.

Lean i oirre mar sin, latha an dèidh latha, seachdain an dèidh seachdain, bliadhna an dèidh bliadhna, gus an do ràinig i còrr is ceud bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, chaochail i. Ach cha b’ e sin deireadh a sgeòil. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, nochd i a-rithist mar thaibhs, agus thug i taic do shaighdear Seumasach an dèidh Blàr Chùil Lodair.

Faclan na Litreach: Gleann Eireachd: Glen Ericht; Uisge Eireachd: River Ericht; Blàr Ghobharaidh: Blairgowrie; Drochaid Challaidh: Bridge of Cally.

Abairtean na Litreach: far a bheil Uisge Àrdail agus an t-Uisge Dubh a’ tighinn còmhla: where the River Ardle and the Black Water come together; tha an abhainn a’ sruthadh tro mhòr-chlais: the river flows through a ravine; air creag os cionn na h-aibhne: on a crag above the river; seo na chanas an t-Suirbhidh Òrdanais anns an Leabhar Ainmean aca: here’s what the Ordnance Survey says in their Name Book; aig oir a’ bhearraidh, chithear fhathast tobhta tùir: at the edge of the precipice are still to be traced the ruins of a tower; air a glasadh a-staigh fad a beatha mar thoradh air breith a’ Phàip: was confined for life in obedience to a fiat of the Pope; bha dithis bhràithrean còmhla ann an caisteal: two brothers were together in a castle; am mac a bu shine aig a’ cheann-chinnidh – Iarla Chrawford: the eldest son of the clan chief – the Earl of Crawford; chaidh na bràithrean a-mach air a chèile gu dubh: the brothers fell out with each other spectacularly; feuch faighinn seachad air call fala: trying to recover from a loss of blood; nuair a chuir a bhean cluasag air aodann airson a mhùchadh: when his wife put a pillow over his face to suffocate him; cha robh esan beò fada: he didn’t live for long; ged nach urrainn dhomh a ràdh an do chuir a bhean cluasag an sàs na aghaidh: although I cannot say if his wife used a pillow against him; fhuaireadh ciontach i de mhurt Alasdair: she was found guilty of Alexander’s murder; gach latha, bha aice ri snàithlean a shnìomh a ruigeadh an abhainn trì cheud troigh fòidhpe: every day, she had to spin a thread that would reach the river three hundred below her; chan fhaigheadh i biadh: she would get no food.

Puing-chànain na Litreach: Dè bha dol?: What was going on? You might be more familiar with this expression in the present tense – dè tha dol? ‘what’s happening?’ It is used so much in Gaelic that it is the name of two community newspapers, an online information platform and a Facebook page! Note that it should properly be dè tha a’ dol? However, because of the two letters ‘a’ adjacent to each other, the second (the particle a’ ) is lost in speech and therefore, by convention, also in writing.

Gnàthas-cainnt na Litreach: : Mus tig sinn chun an sgeòil: before we come to the story [sgeul].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 782

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean