1142: ‘Ciamar a tha thu?’
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
‘Ciamar a tha thu?’
Tha cuimhne agam nuair a bha mi ann an Èirinn o chionn fhada, agus a’ togail beagan Gaeilge. Bha e follaiseach gu leòr cò às a bha cuideigin a rèir mar a chanadh iad ‘Ciamar a tha thu?’ ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bidh Ultaich anns a’ cheann a tuath ag ràdh ‘Cad é mar atá tú?’ Ann am Mumhan anns a’ cheann a deas, canaidh daoine, ‘Conas atá tú?’ Agus bidh muinntir Chonnacht ag ràdh, ‘Cén chaoi a bhfuil tú?’ Tha fhios gu bheil dòighean eile ann a bharrachd air sin, ach sin na trì as cumanta.
Airson gnothaichean a dhèanamh furasta do luchd-ionnsachaidh, bidh sinn ag innse dhaibh gum bi a h-uile duine ann an Alba ag ràdh, ‘Ciamar a tha thu?’ Uill, leis an fhìrinn innse, chan e sin an dealbh gu lèir. Tuigidh a h-uile duine ‘Ciamar a tha thu?’ ach cluinnear rudan eile cuideachd.
Ann am pàirtean de thìr-mòr, leithid Dùthaich MhicAoidh agus Ros an Iar, canaidh daoine uaireannan ‘Cionnas a tha thu?’ Cionnas a tha thu. Tha e a’ ciallachadh an aon rud ri Ciamar a tha thu? Agus cluinnear seo ann an cuid de dh’àiteachan – ‘Dè mar a tha thu?’ Dè mar a tha thu?
Bidh daoine a’ freagairt na ceist le ‘Tha gu math’ no ‘Tha gu math, taing’ no ‘Glè mhath, tapadh leat’, no rudeigin dhen t-seòrsa sin. Cuideachd, bidh daoine a’ freagairt le ‘Chan eil adhbhar a bhith [a’] gearain’. There’s no reason to complain. Chan eil adhbhar a bhith gearain. Agus gu tric cluinnear ‘Chan eil guth ri ràdh’. There’s nothing to be said i.e. ‘tha mi ceart gu leòr’. Chan eil guth ri ràdh.
A bheil dòighean eile ann airson faighneachd de chuideigin mar a tha iad, seach a bhith a’ cur na ceist – ‘Ciamar no cionnas no dè mar a tha thu? Uill, tha – gu leòr dhiubh. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dòighean airson còmhradh a thòiseachadh le abairtean eile seach ‘Ciamar a tha thu?’ Bidh mi a’ toirt sùil a-mhàin air abairtean co-cheangailte ris an dàrna pearsa singilte – thu seach sibh. Airson gach ceist, innsidh mi dhuibh freagairt a bhiodh freagarrach. Agus bheir mi eadar-theangachadh dìreach dhuibh.
Dè do chor? Tha sin cumanta gu leòr. What’s your condition? Dè do chor? Cor math, tapadh leat. Cor math dha-rìribh.
Dè do thrum? What’s your trim? Dè do thrum? Chan eil adhbhar a bhith gearain.
Dè do bheò? What’s your living? Dè do bheò? No Dè am beò a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat.
Dè an saod a th’ ort? What’s your condition? Dè an saod a th’ ort? Chan eil sin cho cumanta san latha an-diugh. Cuideachd, Dè an sunnd a th’ ort? What’s your state of humour? Dè an sunnd a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat. No dè fonn a th’ ort? What’s your state of mind? Dè fonn a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat. Chan eil adhbhar a bhith gearain.
Uaireannan, bidh feadhainn dìreach ag ràdh, ‘Ciamar a tha an duine?’ no ‘A bheil thu ann an sunnd?’ no eadhon ‘Dè tha dol?’ Tha am fear mu dheireadh a’ ciallachadh ‘what’s doing?’ Dè tha dol? Gu tric, bithear a’ freagairt sin le ‘Chan eil mòran’. Not much. Chan eil mòran.
A bheil sibh fhèin ann am fonn math an-diugh? Tha mi an dòchas gu bheil!
Faclan na Litreach: Ultaich: Ulster folk; Mumhan: Munster; muinntir Chonnacht: the people of Connaught; cumanta: common; dealbh: picture; gu lèir: entire.
Abairtean na Litreach: nuair a bha mi ann an Èirinn o chionn fhada: when I was in Ireland a long time ago; a’ togail beagan Gaeilge: picking up a bit of Irish Gaelic; follaiseach gu leòr cò às a bha cuideigin a rèir mar a chanadh iad: pretty obvious where somebody was from according to how they would say; airson gnothaichean a dhèanamh furasta do luchd-ionnsachaidh: to make matters easy for learners; ann am pàirtean de thìr-mòr, leithid Dùthaich MhicAoidh agus Ros an Iar: in parts of the mainland, such as the Mackay Country (North Sutherland) and Wester Ross; chan eil adhbhar a bhith gearain: there’s no reason to complain (i.e. I’m fine); gu tric cluinnear ‘Chan eil guth ri ràdh’: often ‘fine, nothing to say’ is heard; a bheil dòighean eile ann airson faighneachd de chuideigin mar a tha iad: are there other ways of asking somebody how they are, seach a bhith a’ cur na ceist: rather than posing the question; a’ toirt sùil a-mhàin air abairtean co-cheangailte ris an dàrna pearsa singilte: only looking at phrases connected to the second person singular; math gu leòr, tapadh leat: fine thanks; ciamar a tha an duine?: how is the man i.e. how are you? [a phrase often used between males who know each other well]; gu tric, bithear a’ freagairt sin le: often that is replied to with; a bheil sibh fhèin ann am fonn math an-diugh?: are you on good form today?.
Puing-chànain na Litreach: Look through the alternative ways of starting a conversation other than ‘Ciamar a tha thu?’ and practice a couple of them when you next have an opportunity. Also listen carefully to what native speakers say and copy them. You’ll find lots of good ways to initiate conversation and your speech will sound more natural if it is not too ‘formulaic’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: cluinnear rudan eile cuideachd: other things are [will be] heard also.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 838
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn