FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1157: Sgeulachdan nan Gaisgeach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sgeulachdan nan Gaisgeach

Gaelic Gàidhlig

O chionn beagan is dà mhìos, chuir mi fhìn is mo mhac, Calum, làrach-lìn ùr air chois. Tha e na ghoireas do dh’fhileantaich ach chanainn gum bi ùidh aig feadhainn agaibh innte. ’S e an t-ainm a th’ oirre Sgeulachdan nan Gaisgeach. Tha i ri lorg aig gaisgeach.com. Air an làraich, tha fichead sgeulachd a bhuineas do bheul-aithris nan Gàidheal ann an Alba. Tha iad air an sgrìobhadh agus air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-diugh.

Gheibhear teacs airson gach sgeulachd agus faidhle claisneachd mp3 cuideachd. Tha a h-uile rud an-asgaidh. Faodaidh sibh na faidhlichean a luchdadh a-nuas don inneal agaibh fhèin.

Thàinig an dàrna cuid de na sgeulachdan bhon chorpas aig an sgeulaiche, Seòras Mac a’ Phearsain à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach. Tha mi airson tè ghoirid dhiubh innse dhuibh an-dràsta. ’S e an t-ainm a th’ oirre ‘Gaisge Oscair’.

B’ e Oscar ogha Fhinn mhic Cumhail, ach bha e na bhriseadh-dùil do a sheanair oir cha bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an spòrs nam Fianna. Gu dearbh, bha Oscar gu math leisg. Bhiodh e a’ falbh a laighe fo sgàil craoibhe, a’ gabhail norrag fhad ʼs a bhiodh càch a’ sealg nam fiadh. Ach thuirt am Buidseach Grìs-fhionn ri Fionn, ‘Leig leis. Tha fhios a’m gu bheil e na bhumailear leisg, cearbach an-dràsta, ach ’s fheàrr leigeil leis, oir ’s e am fear as gaisgeile a bhios ann de na Fianna gu lèir.’

Uill, cha robh Fionn ro dhèidheil air a’ bheachd sin, ach leig e leis a’ ghille a bhith mar a bha e, agus dh’fhàs Oscar suas a rèir a stiùiridh fhèin. Nuair a bhiodh càch a’ sealg nam fiadh, bhiodh esan na shuain fo chraobh. Cha robh càil a b’ fheàrr a chòrd ris na cadal fhaighinn.

Thàinig latha nuair a bha Fionn agus na Fianna glacte air a’ bheinn-sheilg. Fhad ’s a bha iad a’ sealg, thàinig feachd de nàimhdean. Bha na nàimhdean a’ gabhail brath air an t-suidheachadh oir cha robh na Fianna air an uidheamachadh airson sabaid. Thug na nàimhdean ionnsaigh orra agus bha na Fianna ann am fìor èiginn.

Bha Oscar, mar a bh’ àbhaist, air a dhol cuide riutha pàirt dhen rathad, ach ’s ann a lorg e craobh far am faigheadh e fois is fasgadh. Bha e air a dhol a chadal fòidhpe agus bha e fhathast na chadal.

Fhad ’s a bha e na chadal, chuala e èigheachd nam Fianna agus fuaim na sabaid. Dhùisg e, leum e gu a chasan, agus choimhead e timcheall air. Chunnaic e a sheanair, Fionn, agus na Fianna, agus iad fo ìmpidh, oir bha an nàimhdean a’ toirt ionnsaigh orra. Cha robh ball-airm aig Oscar ach, a dh’aindeoin sin, ruith e a dh’ionnsaigh blàr a’ chatha.

Ruith e seachad air craobh-dharaich mhòr agus spìon e a’ chraobh bhon talamh. Ruith e air cùl nàimhdean Fhinn. Ghabh e dhaibh leis a’ chraoibh, agus mharbh e mòran dhiubh. Thionndaidh na nàimhdean air an sàilean agus theich iad ro Oscar. ’S ann mar sin a choisinn Oscar cliù dha fhèin mar am ball a bu ghaisgeile de na Fianna.

Faclan na Litreach: làrach-lìn: website; an-asgaidh: free of charge; Gaisge Oscair: the heroism of Oscar; ogha Fhinn mhic Cumhail: Fionn mac Cumhail’s grandson; leisg: lazy; am Buidseach Grìs-fhionn: the grizzled wizard [called ‘The Old Grey Magician’ by George MacPherson]; bumailear: oaf; cearbach: clumsy; fois is fasgadh: rest and shelter; fòidhpe: under it (fem.); èigheachd: shouting; dhùisg e: he woke up; fo ìmpidh: under duress; craobh-dharaich: oak tree.

Abairtean na Litreach: Tha e na ghoireas do dh’fhileantaich: it is a resource for fluent speakers; a bhuineas do bheul-aithris nan Gàidheal: that belong to the oral tradition of the Gaels; air an sgrìobhadh agus air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-diugh: written and told in modern Gaelic; faodaidh sibh na faidhlichean a luchdadh a-nuas don inneal agaibh fhèin: you can download the files to your own device; thàinig an dàrna cuid de na sgeulachdan bhon chorpas: half of the stories come from the corpus; Seòras Mac a’ Phearsain à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach: George MacPherson from Glendale in Skye; bha e na bhriseadh-dùil do a sheanair: he was a disappointment to his grandfather; fo sgàil craoibhe, a’ gabhail norrag fhad ʼs a bhiodh càch a’ sealg nam fiadh: under the shade of a tree while the others were hunting the deer; ’s fheàrr leigeil leis: better let him be; dh’fhàs Oscar suas a rèir a stiùiridh fhèin: Oscar grew up according to his own guidance; bhiodh esan na shuain fo chraobh: he would be slumbering under a tree ; cha robh càil a b’ fheàrr a chòrd ris na cadal fhaighinn: there was nothing he enjoyed more than sleeping; glacte air a’ bheinn-sheilg: stuck on the hunting mountain; feachd de nàimhdean: an enemy force; a’ gabhail brath air an t-suidheachadh: taking advantage of the situation; air an uidheamachadh airson sabaid: equipped for fighting; thug na nàimhdean ionnsaigh orra: the enemies attacked them; a dh’ionnsaigh blàr a’ chatha: he ran towards the battlefield; spìon e a’ chraobh bhon talamh: he plucked the tree from the ground; ghabh e dhaibh: he thumped them; choisinn Oscar cliù dha fhèin: Oscar won a reputation for himself.

Puing-chànain na Litreach: Gheibhear teacs airson gach sgeulachd: text for each story can be obtained. Literally, gheibhear means ‘will be got/obtained’ and it is a really useful construction, being a future passive. You will see it used a lot on websites e.g Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig X ‘more information can be obtained at X’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chanainn gum bi ùidh aig feadhainn agaibh innte: I’d say that some of you will be interested in it.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 853

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean