FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1158: Sandaidh an Dannsair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Seo sgeulachd à Dùthaich MhicAoidh ann am fìor cheann a tuath na Gàidhealtachd. Bha fear Sandaidh Rothach às Armadal, sear air a’ Bhlàran Odhar. Bha e na iasgair. Bha e ag iasgach a-mach à Loch an Inbhir. Bha bean Shandaidh an dùil leanabh.

Chuir Sandaidh agus a bhràthair-chèile, Seumas, romhpa coiseachd dhachaigh. Thug e beagan làithean. Ghabh iad an rathad tro Shrath Nabhair. Bha iad ag amas air a dhol gu dannsa anns a’ Bhlàran Odhar. An ath latha, bhiodh iad a’ coiseachd dhachaigh a dh’Armadal.

Bha Seumas sgìth. Chunnaic e tom a bha còmhdaichte le fraoch fada. Thuirt e gum biodh e math nan gabhadh iad fois an sin. Ràinig iad an tom agus laigh iad sìos. Bha an latha blàth.

Cha mhòr nach robh an dithis nan cadal nuair a chuala iad fuaim – ceòl dannsa. Thug iad sùil mun chuairt. Bha an ceòl a’ tighinn às uamh bheag air cliathaich an tuim.

Chaidh Sandaidh agus Seumas a-null gu sàmhach agus thug iad sùil a-steach. Chunnaic iad solais gheala mar gun robh mìle coinneal lasaichte ann.

Bha Sandaidh gu math dèidheil air dannsa agus spòrs. Mus robh cothrom aig Seumas stad a chur air, a-steach leis, agus sìos tunail cumhang far an deach e à fianais. Dh’èigh Seumas air ach cha d’ fhuair e freagairt. Cha robh Seumas deònach a dhol a-steach ann. Lean e air a thuras. Ràinig e am Blàran Odhar aig ciaradh an fheasgair.

Dh’aithris Seumas na thachair ach cha do chreid duine e. An dèidh seachdain, nuair nach do nochd Sandaidh, bha daoine dhen bheachd gun robh Seumas air a mhurt.

Chaidh daoine a choimhead air an uaimh. Cha deach e fada a-steach don tom idir. Cha robh sgeul air ceòl no dannsa. Chaidh latha is bliadhna a thoirt do Sheumas airson dearbhadh gun robh e neoichiontach.

Thill Seumas don uaimh agus thog e bothan aig a beul. Tro mhìosan an fhoghair ʼs a’ gheamhraidh, cha mhòr gun do ghluais e bhon àite sin.

Thàinig an t-earrach agus an samhradh. An uair sin bha an ìre mhath bliadhna air a dhol seachad bhon a dh’fhalbh Sandaidh. Cha robh ach aon latha air fhàgail aig Seumas airson a neoichiontachd a dhearbhadh.

Nuair a dh’èirich a’ ghrian, chuala Seumas fuaim. Ceòl dannsa a bh’ ann! Dh’èirich e bho a leabaidh agus ruith e a-steach don uaimh. Chunnaic e solais agus chuala e gàireachdaich. Dh’èigh e air Sandaidh ach cha do nochd Sandaidh.

Chaidh ùine seachad. An uair sin, mun àm dhen fheasgar a bha Sandaidh air a dhol à fianais bliadhna roimhe, nochd e. ‘Dè a’ chabhag a th’ ort?’ thuirt e ri Seumas. ‘Bha mi ag iarraidh crìoch a chur air an ruidhle!’

Nuair a dh’inns Seumas dha gun robh e air a bhith sìos an tunail airson bliadhna, cha do rinn Sandaidh ach gàire. ʼS ann nuair a ràinig e Armadal a dh’ionnsaich e gun robh an fhìrinn aig Seumas. Bha Sandaidh na athair aig gille a bha faisg air bliadhna a dh’aois!

Faclan na Litreach: Dùthaich MhicAoidh: far north Sutherland ‘Mackay Country’; Sandaidh Rothach: Sandy Munro; Loch an Inbhir: Lochinver; Srath Nabhair: Strathnaver; ciaradh an fheasgair: dusk.

Abairtean na Litreach: fìor cheann a tuath na Gàidhealtachd: the far north of the Highlands; Armadal, sear air a’ Bhlàran Odhar: Armadale, east of Bettyhill; bha e na iasgair: he was a fisherman; bha bean Shandaidh an dùil leanabh: Sandy’s wife was expecting a baby; chuir Sandaidh agus a bhràthair-chèile, Seumas, romhpa coiseachd dhachaigh: Sandy and his brother-in-law, Jamie, decided to walk home; ag amas air a dhol gu dannsa: intending to go to a dance; tom a bha còmhdaichte le fraoch fada: a knoll that was covered with long heather; thug iad sùil mun chuairt: they looked around; uamh bheag air cliathaich an tuim: a small cave on the side of the knoll; solais gheala mar gun robh mìle coinneal lasaichte ann: white lights as if there were a thousand lit candles; dèidheil air dannsa agus spòrs: keen on dancing and having fun; mus robh cothrom aig Seumas stad a chur air, a-steach leis: before Jamie had an opportunity to stop him, in he went; sìos tunail cumhang far an deach e à fianais: down a narrow tunnel where he disappeared; lean e air a thuras: he continued on his journey; cha do chreid duine e: nobody believed him; dhen bheachd gun robh Seumas air a mhurt: of the opinion that Jamie had murdered him; thog e bothan aig a beul: he built a bothy at its mouth; mìosan an fhoghair ʼs a’ gheamhraidh: the months of autumn and winter; chuala e gàireachdaich: he heard laughter; dè a’ chabhag a th’ ort?: what’s your hurry?; bha X na athair aig gille a bha faisg air bliadhna a dh’aois: X was the father of a lad who was nearly a year old.

Puing-chànain na Litreach: Cha mhòr nach robh an dithis nan cadal: the two [men] were almost asleep. Cha mhòr nach translates as ‘almost’. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’; cha mhòr nach eil i cho àrd riut fhèin ‘she’s almost as tall as you’. However, cha mhòr gu(n) translates as ‘hardly’ – cha mhòr gun do ghluais e ‘he hardly moved’. Cha mhòr gun robh comas labhairt aige ‘he could hardly speak’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha robh ach aon latha air fhàgail aig Seumas airson a neoichiontachd a dhearbhadh: Jamie had only one day left to prove his innocence.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 854

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean