FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1177: Naomh Drostan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Drostan

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Drostan. Tha e air ainmeachadh ann an Leabhar Dhèir. Ach tha an cunntas seo a’ tighinn bho Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain no Breviarium Aberdonense. Chan eil e soilleir cà’ n do rugadh e, ach tha an leabhar ag innse dhuinn gun do bhuineadh e do chinneadh rìoghail nan Albannach.

Leis gun robh Drostan ag amas air a bhith ag obair ann an seirbheis Dhè, thug a phàrantan e dha uncail – Naomh Calum Cille – a bha a’ fuireach ann an Èirinn. An sin, bhiodh e a’ faighinn ionnsachadh creideimh.

Bha Drostan an uair sin a’ fuireach ann an àite ris an canar Dalquongale. Tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gur e sin Dercongal faisg air Dùn Phris, air a bheil Hollywood an-diugh. Nuair a chaochail an seann aba an sin, bha Drostan air a dhèanamh na aba ann.

Bha e an sin greis. An uair sin, dh’fhalbh e a dh’fhuireach ann an àiteachan iomallach. Bha e a’ fuireach mar aonaran ann an dìthreabhan. Thog e eaglais ann an Gleann Easg ann an Monadh Aonghais.

Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh Drostan co-cheangailte ri aon mhìorbhail. Thug e fradharc às ùr do shagart dall dom b’ ainm Simon.

Feumaidh gun robh e a’ fuireach ann an Gleann Easg fad ùine mhòr. ʼS e duine naomh a bh’ ann agus bha spèis aig an t-sluagh air. Nuair a chaochail e, thachair rud inntinneach. Chaidh na cnàmhan aige a thoirt a dh’Obar Dobhair – an t-àite far an tàinig e fhèin is Calum Cille gu tìr nuair a fhuair iad fearann airson manachainn ann an Dèir. Chaidh na cnàmhan a chur ann an tuam cloiche ann an Obar Dobhair. Bhiodh mòran daoine, a bha a’ fulang le galaran de dh’iomadh seòrsa, a’ dol ann. Bhiodh iad a’ faighinn leigheas ann. Mar a thachair leis a’ ghille aig Bede, thigeadh slàinte thuca.

Ged a tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh ceangal eadar Drostan agus Obar Dobhair, chan eil e a’ dèanamh iomradh sam bith air Dèir. Tha e coltach nach robh an fheadhainn a chuir an Leabhar Ùrnaighean ri chèile eòlach air Leabhar Dhèir.

Cuideachd, ged a tha an Leabhar Ùrnaighean ag ràdh gur e Albannach a bh’ ann an Drostan – a’ ciallachadh Gàidheal – thathar a’ smaoineachadh gur e ainm Cruithneach a bh’ aige. Agus tha e co-cheangailte ri sgìre anns an ear-thuath far an robh na Cruithnich a’ riaghladh fad ùine mhòr.

Ged nach eil sgeul air Manachainn Dhèir an-diugh, a bheil dualchas Dhrostain fhathast beò? Tha, gu dearbh. Tha e air a chuimhneachadh ann an Obar Dobhair far a bheil eaglais air a bheil Eaglais Naoimh Dhrostain. Tha tobar anns a’ bhaile air a bheil Tobar Dhrostain mar ainm.

Tha ainmean-àite ga chuimhneachadh ann an Gleann Easg cuideachd – ach an sin ʼs e Droustie a th’ air. Mar eisimpleir, tha Droustie’s Meadow agus Droustie’s Well ann.

Tha an naomh ceangailte ri Obar Lobhair ann an Srath Spè cuideachd. ʼS e Sgìre Dhrostain a chanas sinn ris a’ pharaiste an sin. Agus tha àiteachan ann an Gleann Urchardain, Bàideanach agus Gallaibh co-cheangailte ris. ʼS iomadh eaglais ann an Alba air a bheil Eaglais Dhrostain mar ainm. Is fhiach an duine a chuimhneachadh gun teagamh.

Faclan na Litreach: Naomh Drostan: St Drostan; Leabhar Dhèir: The Book of Deer; Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary; Gleann Easg: Glen Esk; Monadh Aonghais: the upland of Angus; tuam cloiche: stone tomb; leigheas: cure (medical); tobar: well; Obar Lobhair: Aberlour; Srath Spè: Strathspey.

Abairtean na Litreach: gun do bhuineadh e do chinneadh rìoghail nan Albannach: that he belonged to the royal race of the Scots; ag amas air a bhith ag obair ann an seirbheis Dhè: aiming to work in the service of God; tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gur e sin X faisg air Dùn Phris: the scholars reckon that is X near Dumfries; nuair a chaochail an seann aba an sin, bha Drostan air a dhèanamh na aba ann: when the old abbot died there, Drostan was made abbot; a’ fuireach mar aonaran ann an dìthreabhan: living as a hermit in wild places; co-cheangailte ri aon mhìorbhail: connected to one miracle; thug e fradharc às ùr do shagart dall dom b’ ainm Simon: he restored sight to a blind priest called Simon; ʼs e duine naomh a bh’ ann agus bha spèis aig an t-sluagh air: he was a saintly man and the people greatly respected him; chaidh na cnàmhan aige a thoirt a dh’Obar Dobhair: his bones were taken to Aberdour; chan eil e a’ dèanamh iomradh sam bith air Dèir: it doesn’t mention Deer; far an robh na Cruithnich a’ riaghladh fad ùine mhòr: where the Picts ruled for a long time; ged nach eil sgeul air Manachainn Dhèir an-diugh: although there is no sign of the [original] monastery of Deer today; tha àiteachan ann an Gleann Urchardain, Bàideanach agus Gallaibh co-cheangailte ris: there are places in Glenurquhart, Badenoch and Caithness connected to him; is fhiach an duine a chuimhneachadh: it’s worth remembering the man.

Puing-chànain na Litreach: dh’fhalbh e a dh’fhuireach ann an àiteachan iomallach: he went to live in remote places. In a construction of this nature, we lenite the verbal noun (infinitive) e.g. chaidh e a choimhead a’ ghèam ‘he went to see the game’. But because fh is silent, we insert a dh’ in front of a verbal noun which starts with ‘f’. Chaidh i a dh’fhuireach ‘she went to live there’. Thig mi a dh’fhaicinn dè tha dol ‘I’ll come to see what’s happening’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil e soilleir cà’ n do rugadh e: it’s not clear where he was born.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 873

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean