1225: Nighean Aonghais Òig
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Nighean Aonghais Òig
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn Mo Rùn Geal Òg. An t-seachdain seo, tha mi airson sùil a thoirt air dàn eile co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach. A-rithist, bha e air a sgrìobhadh le boireannach. B’ ise tè a tha aithnichte mar Nighean Aonghais Òig. Chan eil sinn cinnteach dè an t-ainm-baistidh a bh’ oirre. Bhuineadh i do Dhòmhnallaich na Ceapaich ann an Loch Abar.
Bha Dòmhnallaich na Ceapaich gu math taiceil do dh’adhbhar nan Seumasach. Agus bha Nighean Aonghais Òig a’ dol leis na cinn-chinnidh aice. Thathar ag ràdh gur e bana-bhàrd a bh’ innte ach, gu mì-fhortanach, chan eil againn an-diugh ach aon dàn a sgrìobh i le cinnt. ʼS e sin Òran air Teachd Phrionnsa Teàrlach ‘a song on the coming of Prince Charles’.
Seo agaibh a’ chiad rann. Feuchaibh ri innse an robh e air a sgrìobhadh ro Bhlàr Chùil Lodair no às a dhèidh. An ulaidh phrìseil bha uainne ’S ann a fhuair sinn an-dràst’ i, Gum b’ i siud an leug bhuadhach, Ga ceangal suas leis na gràsan, Ged leig Dia greis air adhart, Don mhuic bhith cladhach nad àite, Nis o thionndaidh a’ chuibhle, Thèid gach traoidhtear fo’r sàiltean.
Tha an dàn seo gu tur eadar-dhealaichte bhon fhear anns an Litir mu dheireadh, nach eil? Bha Mo Rùn Geal Òg mu dheidhinn call air sàillibh blàr. Bha e air a sgrìobhadh an dèidh latha Chùil Lodair. Ach chaidh Òran air Teachd Phrionnsa Teàrlach a sgrìobhadh ron latha sin, nuair a bha dòchas fhathast aig na Seumasaich gum biodh buaidh aca. Thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a sgrìobhadh as t-fhoghar seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745).
Tuigidh sibh gun robh Nighean Aonghais Òig fada an aghaidh nan Hanoibhèirianach, gan samhlachadh air mucan. Sgrìobh i: Ged leig Dia greis air adhart, Don mhuic bhith cladhach nad àite. Rinn i soilleir gun robh a’ chuibhle air tionndadh agus gum biodh an riaghaltas Hanoibhèirianach air a shaltradh fo chasan nan Seumasach.
Seo agaibh an siathamh rann: Tha dream foghainteach, fearail, À Gleanna Garadh ’s à Cnòideart, Fo n’ cinn-fheadhna nach tilleadh, ʼS nach gabhadh giorag ro chòmhrag, Gu borb, armailteach, lìonmhor, A’ dol sìos anns a’ chòmhdhail, ’S mairg a tharladh for buillibh, A shìl nan curaidhean còire!
Tha Nighean Aonghais Òig ag ainmeachadh meuran de Chloinn ʼic Dhòmhnaill – à Gleanna Garadh agus à Cnòideart. Tha iad foghainteach is fearail. They are valiant and manly.
Seo na tha seantansan eile a’ ciallachadh. Fo n’ cinn-fheadhna nach tilleadh. Under the clan chiefs who wouldn’t retreat. ʼS nach gabhadh giorag ro chòmhrag. And who wouldn’t panic in combat. Gu borb, armailteach, lìonmhor. Wild, well-armed and in large number.
Aig a’ cheann thall, cha deach an t-ar-a-mach leis na Dòmhnallaich no le Nighean Aonghais Òig. Gu mì-fhortanach, chan eil fios againn an do sgrìobh i dàn eile, a’ comharrachadh deireadh iomairt a’ Phrionnsa Theàrlaich.
Faclan na Litreach: ainm-baistidh: first (Christian) name; air sàillibh: because [of]; air a shaltradh: trampled; meuran: branches.
Abairtean na Litreach: co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach: connected to the Jacobite rebellion; aithnichte mar Nighean Aonghais Òig: recognised as the daughter of young Angus; bhuineadh i do Dhòmhnallaich na Ceapaich: she belonged to the MacDonalds of Keppoch; a’ dol leis na cinn-chinnidh aice: agreed with her clan chiefs; an ulaidh phrìseil bha uainne: the priceless treasure that we lost; ’s ann a fhuair sinn an-dràst’ i: we just got it [back]; an leug bhuadhach: the virtuous jewel; ga ceangal suas leis na gràsan: set around by the graces; ged leig Dia greis air adhart don mhuic bhith cladhach nad àite: although God allowed the pig to dig in your place for a while; thèid gach traoidhtear fo’r sàiltean: every traitor will go under our heels; gum biodh buaidh aca: that they would be victorious; tuigidh sibh: you’ll understand; fada an aghaidh nan Hanoibhèirianach: completely opposed to the Hanoverians; aig a’ cheann thall: in the end; cha deach an t-ar-a-mach leis na Dòmhnallaich: the MacDonalds were not successful in the rebellion; gu mì-fhortanach: unfortunately; chan eil fios againn an do sgrìobh i dàn eile: we don’t know if she wrote another poem; a’ comharrachadh deireadh iomairt a’ Phrionnsa Theàrlaich: marking the end of Prince Charles’s campaign.
Puing-chànain na Litreach: Òran air Teachd Phrionnsa Teàrlach ‘a song on the coming of Prince Charles’: this is how the name of the song has been handed down to us. In the modern era, we would be more likely to call it ‘Òran air Teachd a’ Phrionnsa Theàrlaich’, employing the article and genitive forms of Prionnsa and Teàrlach, as in the final sentence of the Litir. But the 18th century poetess, or those who handed the song down to us, preferred to indicate the genitive (or possessive) form of the name ‘Prionnsa Teàrlach’ by leniting the first word of the phrase so that ‘Phrionnsa Teàrlach’ means ‘of Prince Charles’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: gan samhlachadh air mucan: likening them to pigs.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 921
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn