FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Màiri NicEalair (3)

Dhealaich Màiri bhon duine aice

Audio is playing in pop-over.

Màiri NicEalair (3)

Chaidh Màiri NicEalair, a bhana-bhàrd Abrach, a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Ceithir bliadhna an dèidh sin, dhealaich i bhon duine aice. Cha robh mòran airgid aice agus bha i a’ fuireach ann an seòmraichean air mullach teanamant.

Ach bha beartas cultarach aice oir fhuair i eòlas air daoine a bha an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig. Bha i eòlach air Alasdair MacIlleMhìcheil a bha a’ cruinneachadh beul-aithris, agus air Iain MacMhuirich, a bha a’ deasachadh a’ phàipeir-naidheachd, The Highlander.

Bha i cuideachd eòlach air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie, a bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus air Niall MacLeòid, am bàrd Sgitheanach. Nuair a dh’fhoillsich MacLeòid an cruinneachadh de bhàrdachd aige – Clàrsach an Doire – sgrìobh Màiri dàn a bha a’ moladh a chuid obrach.

Goirid an dèidh dhi a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Èideann, chaidh inbhe shònraichte a bhuileachadh oirre. Chaidh a taghadh mar Bhàrd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an Comunn dìreach còig bliadhna a dh’aois ach bha e a’ fàs cliùmhor, agus ’s e urram a bh’ ann do Mhàiri, aig àm nuair nach robh boireannaich a’ faighinn aithne mar a bhitheadh an-diugh.

Sgrìobh i agus leugh i dàn airson Co-chruinneachadh a’ Chomuinn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). ’S e dàn mòr a bh’ ann, anns an robh còrr is trithead rann. ’S e an tiotal a bh’ air ‘Còmhradh eadar am Bàrd ’s a’ Chlàrsach’. Anns an dàn, tha a’ chlàrsach ag innse don bhàrd mar a tha i gun chomas ceòl a dhèanamh a chionn ’s gu bheil i brònach mu chall nan daoine ann an glinn na Gàidhealtachd.

Bha Màiri dlùth ris an Urramach Alasdair MacGriogair, a bha an sàs ann an Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, agus a bha taiceil dhi. Nuair a chaochail e, sgrìobh i marbhrann dha a nochd ann an Tìm an Òbain. Tha e stèidhichte air ruitheam an òrain ainmeil on ochdamh linn deug, a bha cuideachd air a sgrìobhadh le boireannach – Mo Rùn Geal Òg. Seo rann bhuaithe:

Fhir na h-aghaidh a bha màlda
Gum bu chàirdeil thu dhòmhsa,
Fhir a’ ghuth bha cho ciùin,
Ri osag chùbhraidh an Ògmhios,
Bha do làmh mar an sìoda
Ann am mìnead ’s am bòidhchead,
’S truagh nach fhaic mi ’m fèith-gàire
A bha nad bhlàth-shùil an-còmhnaidh
An tìr nam beò.

Choisinn Màiri cliù mar bhàrd agus thàinig i gu aire na Banrigh Bhictoria. Bha Màiri toilichte gun robh a’ Bhanrigh taiceil don Ghàidhlig. Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), fhuair i cùmhnant airson an dàrna leabhar de Queen Victoria’s Highland Journal eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ge-tà, cha robh an teachd a-steach a bha an cois a cuid sgrìobhaidh mòr gu leòr. Cha b’ urrainn dhi a màl a phàigheadh airson an àite-fuirich aice, agus ghluais i a-steach còmhla ri a piuthar-chèile a bha na banntrach.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a seachd (1887) fhuair i taic airgid bho mhaoinean poblach. Chùm iad sin a’ dol i, ach bha i a-nise a’ fulang droch shlàinte. Cha bhiodh air fhàgail aice ann an tìr nam beò ach trì bliadhna. Bheir sinn sùil air deireadh a beatha agus air an dìleib aice anns an ath Litir.

Litir 1394 Litir 1394

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!