FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Brot Cuilinn

Dè tha ann an Brot Cuilinn

Audio is playing in pop-over.

Brot Cuilinn

Bha latha ann, agus chan eil e fada bhuaithe, nuair a bha tuathanaich agus croitearan gu math eòlach air ‘AI’. Anns an latha an-diugh, ma nì sibh rannsachadh air an eadar-lìon fo ‘farming and AI’, gheibh sibh fiosrachadh mu ‘Artificial Intelligence’ seach ‘Artificial Insemination’.

Tha an saoghal didseatach a’ sìor atharrachadh. Agus tha a’ Ghàidhlig an lùib nan atharrachaidhean. Tha goireasan eadar-theangachaidh ann – Beurla gu Gàidhlig – ach feumaidh sinn a bhith faiceallach ma tha sinn gan cur gu feum.

An latha eile, thàinig mi tarsainn air abairt air an eadar-lìon. Cha robh mi buileach ga thuigsinn anns a’ chiad dol a-mach. B’ e an abairt Brot Cuilinn. Seadh – Brot Cuilinn – C.U.I.L.I.N.N. ’S e biadh Albannach ainmeil a th’ ann.

Nise, air a’ chiad shealladh, tha ‘brot cuilinn’ a’ ciallachadh ‘holly soup’. Tha cuileann a’ ciallachadh ‘holly’. Craobh-chuilinn – a holly tree. Cha bhiodh sin ro bhlasta, chanainn! Agus chan e sin a th’ ann.

Mus mìnich mi an gnothach, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a nì sibh Brot Cuilinn. Math dh’fhaodte gun tuig sibh an uair sin dè th’ ann. Bruichibh adag smocte ann an uisge. Ann am pana eile, bruichibh uinneanan sgudaichte ann an ìm. Bruichibh buntàta ciùbaichte anns an dàrna pana agus cuiribh a h-uile rud còmhla. Dìreach mus cuir sibh am brot ann am bobhla, cuiribh bainne no uachdar ris agus measgaichibh a h-uile rud còmhla.

’S e an rud as cudromaiche ann am Brot Cuilinn – an adag smocte no smoked haddock. Tuigidh sibh gur e brot èisg a th’ ann am Brot Cuilinn. Ach dè tha ‘cuilinn’ a’ ciallachadh?

Ann am Beurla, canaidh sinn ‘Cullen skink’ ris a’ bhrot seo. ’S e skink seann fhacal Albais a tha a’ ciallachadh ‘brot’. Agus ’s e Cullen baile beag air costa Mhoireibh, le beagan is mìle duine a’ fuireach ann. ’S e baile iasgaich a bh’ ann uaireigin.

Nise, cò às a thàinig an t-ainm-àite, Cullen? Thathar a’ smaoineachadh gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig e. Cha bu chòir sin a bhith na iongnadh. Tha ainmean-àite gu leòr ann am Moireibh a thàinig bhon Ghàidhlig.

’S e Invercullen a bh’ air Cullen uaireigin ann am Beurla. Tha sgoilearan a’ dèanamh dheth gun robh Invercullen a’ riochdachadh Inbhir Cuilinn, a’ ciallachadh ‘the mouth of the holly stream’. Ged as e ‘Burn of Cullen’ a th’ air an allt an-diugh, tha dùil gur e Allt Cuilinn no Allt a’ Chuilinn a bh’ air nuair a bha Gàidhlig air a bruidhinn anns an sgìre.

Tuigidh sibh a-nise carson as e Brot Cuilinn a gheibh sibh air an eadar-lìon nuair a chuireas sibh a’ cheist ‘what’s the Gaelic for Cullen skink?’ Tha muinntir an àite moiteil as a’ bhrot ainmeil aca. A h-uile bliadhna, bidh farpais mhòr ann, agus daoine ga frithealadh à iomadh ceàrn is dùthaich air feadh an t-saoghail. Is i sin The Cullen Skink World Championships – no mar a chanamaid, math dh’fhaodte, ann an Gàidhlig – Farpais-Chruinne Brot Cuilinn.

Litir 1396 Litir 1396

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!