FaclairDictionary EnglishGàidhlig

166: An cunntas-sluaigh mu dheireadh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An cunntas-sluaigh mu dheireadh

Gaelic Gàidhlig

Feumaidh sinn feitheamh gu tràth an ath-bhliadhna airson faighinn a-mach gu h-oifigeil cia mheud duine aig a bheil Gàidhlig ann an Alba. Ach, a rèir fiosrachadh a thàinig a-mach am-bliadhna os ìosal, tha còrr is seasgad mìle (60,000) ann. Chì sinn.

Bha seasgad ’s a còig mìle (65,000) ann anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh ann an naoi-deug, naochad ’s a h-aon (1991), agus bha dùil gun tuiteadh an àireamh deich mìle no barrachd anns an deichead as dèidh sin. ’S ann mar sin a bha e co-dhiù thairis air bliadhnaichean an fhicheadamh linn.

Ach bha aon deichead ann nuair a bha an call fada na bu mhò nan àbhaist. Thachair sin eadar naoi-deug ’s a h-aon-deug (1911) agus naoi-deug, fichead ’s a h-aon (1921). Thuit an àireamh bho cheud, ochdad ’s a ceithir mìle (184,000) gu ceud, ceathrad ’s a naoi mile (149,000) – call mòr de thrithead ’s a còig mìle (35,000). Agus bidh fios agaibh dè dh’adhbharaich e – an Cogadh Mòr.

Uill, ’s dòcha nach e sin an aon adhbhar, oir bha an stàite air a bhith a’ dèanamh droch làimhseachadh air a’ Ghàidhlig ann an foghlam as dèidh stèidheachadh Achd an Fhoghlaim ann an ochd-deug, seachdad ’s a dhà (1872). Thug sin droch bhuaidh air a’ chànan, gu h-àraidh air tìr-mòr.

Ach ’s e an cogadh as mò a dh’adhbharaich an call. Bha mo sheanair à Eilean Leòdhais agus chaill esan triùir bhràithrean anns a’ chogadh. Bha an suidheachadh sin cumanta anns na coimhearsnachdan aig cridhe a’ chànain. Ann an Leòdhas, chaidh sia mìle is seachd ceud (6,700) duine a-steach do na feachdan cogaidh. B’ e sin fichead ’s a trì às a’ cheud (23%) de shluagh an eilein; faisg air aonan às gach ceathrar.

A-mach às an fheadhainn sin, chaill mìle, ceud, caogad ’s a h-aon (1,151) dhiubh am beatha anns a’ chogadh, seachd-deug às a’ cheud (17%) dhen fheadhainn a chaidh a-steach do na feachdan. Agus a bharrachd air sin, chaidh còrr is dà cheud saighdear Leòdhasach a bhàthadh aig deireadh a’ chogaidh nuair a chaidh an soitheach a bha gan toirt dhachaigh, an Iolaire, fodha taobh a-muigh Steòrnabhaigh. Bha sin air Là na Bliadhn’ Ùire, naoi-deug is naoi-deug (1919). Bidh sinn an dòchas, airson iomadach adhbhar, nach fhaicear a leithid de chall a-chaoidh tuilleadh.

Aon turas, ge-tà, chan e call a bh’ ann eadar an dàrna cunntas-sluaigh agus an ath-fhear, ach àrdachadh. Thachair sin nuair a chaidh a’ cheist atharrachadh. Anns a’ chiad chunntas anns an robh ceist mun Ghàidhlig ann, ann an ochd-deug, ochdad ’s a h-aon (1881), chaidh fhaighneachd dhen t-sluagh am biodh iad ga bruidhinn gu cunbhalach.

Uill, cha robh fios aig cuid dè cho tric ’s a dh’fheumadh iad a bruidhinn airson comharra a chur anns a’ bhocsa sin, agus bha mòran ann, aig an robh Gàidhlig, a chuir fiosrachadh ceàrr air na bileagan aca. Mar sin, chaidh a’ cheist atharrachadh deich bliadhna as dèidh sin gu “a bheil Gàidhlig agaibh?” agus chaidh am figear suas fichead ’s a trì mìle (23,000) gu còrr is dà cheud, caogad ’s a ceithir mìle (254,000).

An-uiridh, chaidh a’ cheist atharrachadh a-rithist, gus clann fo aois trì bliadhna a thoirt a-steach, agus feadhainn a tha a’ tuigsinn na Gàidhlig, ged nach bruidhinn iad i. Air sàilleamh sin, tha mi an dòchas nach bi an àireamh cho ìosal ’s a bha feadhainn a’ cumail a-mach. Agus tha daoine mar sibh fhèin – an luchd-ionnsachaidh – a’ cur ris an àireamh sin gu mòr cuideachd.

’S i a’ cheist a tha nam cheann – cuin’ a chì sinn àrdachadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig? Bidh greis ann fhathast, tha eagal orm, ach, le deòin agus spionnadh agus oidhirp, gabhaidh e dèanamh.

Faclan na Litreach: deichead: decade; an Cogadh Mòr: the Great War (1914-1918); Achd an Fhoghlaim: the Education Act; call: loss; feachdan cogaidh: the armed services.

Abairtean na Litreach: feumaidh sinn feitheamh gu tràth an ath-bhliadhna: we must wait until early next year; anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh:in the last census; bha dùil gun tuiteadh an àireamh: it was expected the number would fall; bidh fios agaibh dè dh’adhbharaich e:you will know what caused it; bha an stàite air a bhith a’ dèanamh droch làimhseachadh air a’ Ghàidhlig: the state had been treating Gaelic badly; thug sin droch bhuaidh air a’ chànan: that had a bad effect on the language; chaill esan triùir bhraithrean anns a’ chogadh: he lost three brothers in the war; faisg air aonan às gach ceathrar: nearly one person in every four; nuair a chaidh an soitheach fodha: when the vessel went down; nach fhaicear a leithid de chall a-chaoidh tuilleadh: that a loss of the like will never be seen again; nuair a chaidh a’ cheist atharrachadh: when the question was changed; am biodh iad ga bruidhinn gu cunbhalach: did they (would they) speak it (fem.) habitually; dè cho tric ’s a dh’fheumadh iad a bruidhinn: how often they would need to speak it (fem.); airson comharra a chur anns a’ bhocsa sin: to put a tick (mark) in that box; gus clann fo aois trì bliadhna a thoirt a-steach: to include children under 3 years of age; cuin’ a chì sinn àrdachadh?: when will we see an increase?; le deòin, spionnadh agus oidhirp, gabhaidh e dèanamh: with purpose, vigour and effort, it can be done.

Puing-ghràmair na Litreach: The Litir this week is full of numbers and I hope you can cope with them. They are all in the modern decimal counting system which is slowly catching on in the community, and which is now taught in schools. I would, however, like to make a point as to how best to deal with percentages in Gaelic. The English per cent/percentage derives from the medieval Latin per centum (“out of a hundred”) and, while Gaels will also use and understand “per cent” when talking Gaelic, they commonly use the Gaelic equivalent of the Latin, às a’ chèud, literally “out of a hundred” eg còig às a’ chèud (5%), deich às a’ cheud (10%), ceathrad ’s a trì às a’ cheud (43%). But be aware of other ways of dealing with figures, particularly as many fluent speakers will not be familiar with the Gaelic decimals. Simplify numbers if possible, eg for 60% you might say sia às gach deich, and for 80% ceithir às gach còig. If you are dealing with percentages of people, you might use the special numerical nouns for people eg dithis às gach còignear (2 out of 5 or 40%), triùir às gach ceathrar (3 out of 4 or 75%).

Gnàthas-cainnt na Litreach: a rèir fiosrachadh a thàinig a-mach os ìosal: according to information that came out covertly, secretly, ie that was leaked.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean