187: Iomain (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Iomain (1)
‘Air Gàidhealtachd na h-Alba,’ leugh mi o chionn ghoirid, ‘tha e na chleachdadh aig a’ mhòr-shluagh a bhith ri cur-seachad anns a’ gheamhradh, air a bheil “iomain”… Thig buidhnean mòra cruinn ann an saor-làithean na Nollaig, uaireannan le dàrna paraiste a’ cluich an aghaidh tè eile. Anns an spàirn eadar na cluicheadairean, nithear buillean cruaidh, agus gu tric bidh lurgann air a briseadh, no bho àm gu àm tachraidh tubaist nas miosa na sin.’
Chaidh an tuairisgeul sin de spòrs nàiseanta nan Gàidheal a sgrìobhadh o chionn fhada – ann an ochd-deug, trithead ’s a còig (1835). Agus, uill, dh’fhaodadh gu bheil e fìor gu ìre fhathast, ged a tha beagan òrdugh anns na geamannan an là an-diugh.
’S dòcha gur e an gèam as ainmeile a th’ air a chluich ann am meadhan a’ gheamhraidh an-diugh, am fear aig àm na Bliadhna Ùire eadar dà sgioba faisg air Inbhir Nis – Lòbhat, a tha stèidhichte ann an Cill Targhlain, agus a’ Mhanachainn. Tha iad nan nàbannan do chèile agus bidh còmhstri mhòr ann eatarra. Am-bliadhna, bha an gèam air an dàrna là dhen Fhaoilleach anns a’ Mhanachainn agus thàinig sluagh mòr ga choimhead.
Agus bha spàirn gu leòr ann. Fhuair aon chluicheadair, airson na Manachainn, sgleog air a cheann agus bha fuil a’ sruthadh às a’ chluais aige. Ach chan eil an iomain mar a tha spòrs eile. Chithear, fiù ’s ann an rugbaidh, gu feum cluicheadair a’ phàirc fhàgail ma bhios fuil a’ sruthadh às. Is, gu dearbh, tha daoine gu math faiceallach an-diugh mun dòigh ’s a bheil iad a’ dèiligeadh ri fuil, eagal ’s nach gabh iad galar air choreigin.
Ach tha iomain eadar-dhealaichte. As dèidh greis, gun iarrtas sam bith bhon chluicheadair, rinn an rèitire fead agus rinn feadhainn cobhair air a’ chluicheadair. Cha tàinig e far na pàirce, ge-tà. Chaidh uisge a dhòrtadh air a chluais, chaidh a shuathadh le spong mòr, agus a thiormachadh le searbhadair, agus rinn an rèitire fead a-rithist, is lean an gèam. Cha do rinn an cluicheadair bìog de ghearan. Chan e sin an dòigh aig cluicheadairean iomain!
Tha e inntinneach anns an t-seann airteagal gu robh an iomain air a comharrachadh mar spòrs geamhraidh, oir ’s e sin a th’ ann fhathast, agus tha eachdraidh mhòr aig geamannan na Bliadhna Ùire. Ach tha beachd aig cuid ann an saoghal na h-iomain gum bu chòir dhaibh cluich as t-samhradh agus feumaidh na clubaichean beachdachadh air.
Saoilidh mise gur e deagh rud a bhiodh ann, oir ’s e spòrs a th’ ann a tha nas fheàrr air pàirc thioram luath, seach air feur fliuch trom a’ gheamhraidh. Uaireannan, tha na geamannan as t-samhradh, mar Chuairt Dheireannach Chupa na Camanachd, air leth math. Tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, tha i blàth, agus tha na cluicheadairean is an luchd-coimhead air an dòigh. Agus, air a’ Ghàidhealtachd, chan eil spòrs mòr sam bith eile a’ dol, oir tha seusan a’ bhall-coise seachad. Chanainn gur e sin an argamaid as mò a th’ ann airson iomain a chluich as t-samhradh – nach bi i ann am farpais le ball-coise. Cha robh farpais sam bith ann bho bhall-coise ann an ochd-deug, trithead ’s a còig.
Seo pìos eile dhen airteagal, agus mar a bhuannaich aon sgioba: ‘Chunnaic an sgrìobhadair gèam anns an do ruith fear de na cluicheadairean … mìle leis a’ bhall na làimh, agus an sgioba aige fhèin agus an fheadhainn eile, an tòir air, gus an do ràinig e an ceann thall.’ Chan fhaod thu tadhal a chur mar sin ann an iomain an-diugh!
Faclan na Litreach: cur-seachad: pastime; iomain: shinty; paraiste: parish; spàirn: struggle; tuairisgeul: description; fead:whistle; searbhadair: towel; bìog: cheep; clubaichean: clubs; Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd: the Camanachd Cup Final; seusan: season (as in football, shinty).
Abairtean na Litreach: tha e na chleachdadh aig a’ mhòr-shluagh: it is customary for the population; ann an saor-làithean na Nollaig: in the Christmas holidays; nithear buillean cruaidh: heavy blows are struck; bidh lurgann air a bhriseadh: a shin is broken; Lòbhat a tha stèidhichte ann an Cill Targhlain, agus a’ Mhanachainn: Lovat, which is based in Kiltarlity, and Beauly; bidh còmhstri mhòr ann eatarra: there is great rivalry between them; air an dàrna là dhen Fhaoilleach: on the 2nd of January; bha fuil a’ sruthadh às a’ chluais aige: blood was running from his ear (not internally, thank goodness!); gu feum cluicheadair a’ phàirc fhàgail: that a player must leave the field of play; eagal ’s nach gabh iad galar air choreigin: for fear of catching some disease or other; rinn feadhainn cobhair air a’ chluicheadair: some people gave the player assistance; cha tàinig e far na pàirce:he did not come off the field of play; chaidh a shuathadh le spong mòr: he was rubbed with a large sponge; mìle leis a’ bhall na làimh: a mile with the ball in his hand; an tòir air, gus an do ràinig e an ceann thall: in pursuit of him, until he reached the far end; chan fhaod thu tadhal a chur mar sin: you can’t score a goal in that manner.
Puing-ghràmair na Litreach: Agus, air a’ Ghàidhealtachd, chan eil spòrs mòr sam bith eile a’ dol: and, in the Highlands/Gàidhealtachd, no other major sport is taking place. Have you noticed how frequently the roimhear, or preposition, in Gaelic does not correspond strictly to the preposition used in the equivalent phrase in English? There are a number of place-names in which the Gaelic equivalent of the preposition ‘in’, which would normally be ‘ann an/anns an’, must be disregarded, for its use would be wrong. The idiomatically correct preposition is ‘air’, meaning ‘on’ as in air a’ Ghàidhealtachd and air a’ Ghalldachd (in the Lowlands). Note also the example at the start of the Litir: air Gàidhealtachd na h-Alba. It is important to know such examples in your own community. For example, if you live in Lewis, remember that we say air a’ Bhacfor ‘in Back’ and not anns a’ Bhac. Similarly, air na Lochan means ‘in Lochs’ (a parish in Lewis). In Harris, air an Tairbeartis the equivalent for ‘in Tarbert’. And in Ross-shire, we say ‘air a’ Chomraich’(literally ‘on the Sanctuary’) for ‘in Applecross’. Sometimes it works the other way. For example ‘on Skye’ is anns an Eilean Sgitheanach, not air an Eilean Sgitheanach. And ‘on Barra’ is ann am Barraigh.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Fhuair aon chluicheadair sgleog air a cheann: one player received a blow on his head. Sgleog means a sharp blow or slap.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn