FaclairDictionary EnglishGàidhlig

247: Am Mary Ann

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Mary Ann

Gaelic Gàidhlig

Tha mi an dùil gun cuala sibh uile mun Pholitician, an long a chaidh fodha faisg air Eirisgeigh tìde a’ chogaidh, anns an robh uiread de dh’uisge-beatha. Ach an cuala sibh mu thachartas ann am meadhan an naoidheamh linn deug ann an Ìle nuair a chaidh long, le deoch làidir air bòrd, fodha far costa siar an eilein? Bha aimhreit is bàs na lùib, agus seo mar a thachair.

Anns a’ Chèitean ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859), chaidh am Mary Ann, a bha a’ seòladh a-mach à Grianaig, air sgeir faisg air baile beag ris an canar Cille Chomainn. Thòisich bogsaichean làn branndaidh, uisge-beatha, sine agus fìon air dhol air tìr agus chuir sin muinntir na sgìre air bhoil!

Chaidh na ceudan ann, a rèir aithris ann am pàipear-naidheachd aig an àm. Nam measg bha a h-uile h-iasgair à Port na h-Abhainne. Ach, eucoltach ri muinntir Eirisgeigh anns an fhicheadamh linn, cha do chuir iad an deoch am falach. Uill, ’s docha nach eil sin buileach fìor. Chaidh mòran dhith am falach, ceart gu leòr, ach am broinn nan daoine. An ceann greis bha na ceudan air mhisg. Bha feadhainn cho truagh ’s nach b’ urrainn dhaibh gluasad, is thòisich feadhainn eile air sabaid nam measg fhèin. Bha obair dhoirbh ron dithis phoileas a chaidh ann – an Sairdseant Ceanadach agus an Constabal Siosalach.

Tron là chaidh aig na poilis air smachd a chumail air an t-suidheachadh ach, nuair a thàinig dorchadas na h-oidhche, thòisich cuid dhen fheadhainn a bha an làthair air dèanamh follaiseach nach robh iad toilichte gu robh ùghdarrasan na stàite ann. Dh’fheuch aon duine ri baraille de dh’uisge-beatha fhosgladh, agus chuir na poilis stad air. An uair sin thòisich ùpraid. Bha sabaid ann, a rèir a’ phàipeir-naidheachd, eadar an dithis phoileas agus còrr is deich duine fichead de mhuinntir an eilein. Mhair sin leth-uair a thìde, agus b’ fheudar do na poilis teicheadh lem beatha gu baile-fearainn mìle air falbh.

Leig bean an tuathanaich, a’ Bhean-phòsta Simpson, a-steach iad, agus ghlas i an doras mòr an aghaidh an luchd-aimhreit. Thug i gunnaichean do na h-oifigearan airson an dìon fhèin. Nuair a chuala an sluagh gu robh gunnaichean aig na poilis, thill iad don chladach.

Air an làrna-mhàireach, bha cùisean air a dhol bhuaithe buileach. Bha iasgair mòr tapaidh à Port na h-Abhainne na shìneadh marbh air a’ chladach. Bha cliù aig Dòmhnall MacPhàidein mar an fhear a bu làidire ann an Ìle ach, mar a sgrìobh am fear-naidheachd anns a’ phàipear, bha am branndaidh na bu làidire eadhon na esan. Dh’fhàg e bean is teaghlach às a dhèidh.

Bha feadhainn eile faisg air bàs leis na bha iad air òl de dheoch làidir, agus chaidh an toirt gu taighean anns an sgìre airson cobhair a dhèanamh orra. Ach cha robh dotair anns an sgìre sin ann. Bha am fear a b’ fhaisg’ orra còig mìle deug air falbh. Agus, as aonais cobhair mhedigeach, chaochail dithis eile. ’S e gnothach tàmailteach a bh’ ann gun teagamh.

Agus cha b’ e sin an deireadh dheth oir thàinig là tiodhlacadh Dhòmhnaill MhicPhàidein. Bha aimhreit ann eadhon aig an tiodhlacadh oir bha cuid mì-thoilichte nach robh deoch làidir ann airson “soraidh cheart a leigeil leis an duine”. Chan eil am pàipear-naidheachd ga mhìneachadh, ach saoilidh mi gun deach casg a chur air deoch ann, leis mar a bha mòran anns an eilean air an dubh-mhaslachadh mun chùis, agus leis gur ann air sàilleamh na dighe a fhuair Dòmhnall bochd bàs.

Faclan na Litreach: Eirisgeigh: Eriskay; Ìle: Islay; an Cèitean: May; Grianaig: Greenock; Cille Chomainn: Kilchoman;eucoltach (ri): unlike; ùghdarrasan: authorities; ùpraid: uproar; teicheadh: fleeing; baile-fearainn: farm; Dòmhnall MacPhàidein: Donald MacFadyen; chaochail: died; tàmailteach: disgraceful.

Abairtean na Litreach: tha mi an dùil gun cuala sibh: I expect you’ve heard; tìde a’ chogaidh: during the war; nuair a chaidh long fodha: when a ship went down; bha aimhreit is bàs na lùib: there was disorder and death involved in it; bogsaichean làn branndaidh, uisge-beatha, sine agus fìon: boxes full of brandy, whisky, gin and wine; chuir sin X air bhoil: that drove X into a frenzy; a h-uile h-iasgair à Port na h-Abhainne: every fisherman from Portnahaven; chaidh mòran dhith am falach: much of it was hidden; bha na ceudan air mhisg: hundreds were intoxicated; an Sairdseant Ceanadach agus an Constabal Siosalach: Sergeant Kennedy and Constable Chisholm; chaidh aig na poilis air smachd a chumail air X: the police managed to control X; deich duine fichead:thirty people (in the old counting system which still holds sway in traditional Gaelic-speaking communities); mhair sin leth-uair a thìde: that lasted half an hour; an aghaidh an luchd-aimhreit: against the rioters; air an làrna-mhàireach: on the next day; bha cùisean air a dhol bhuaithe: things had deteriorated; na shìneadh marbh: lying dead; airson cobhair a dhèanamh orra: to give them assistance; gu robh mòran air an dubh-mhaslachadh: that many were utterly ashamed.

Puing-ghràmair na Litreach: gur ann air sàilleamh na dighe a fhuair Dòmhnall bochd bàs: that it was because of the drink that poor Donald met his death. The point this week is an orthographic one. Sometimes the consonantal sound represented by “v” in English, which is usually given as “bh” in Gaelic, is given as “gh”. This is not a whimsical decision by heartless orthographers who want to be hard on learners, but because of dialectal differences. In some cases the “gh” is pronounced like a “y”. In today’s most strongly Gaelic-speaking areas, dighe (the genitive of deoch, drink) is generally pronounced as “dibhe”and, indeed, it is sometimes written that way, although not as a standard in the dictionaries. Another good example is èigheachd (shouting) which is alternatively pronounced (to momentarily give a semi-anglicised orthography) “èiyachd” or “èivachd”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: nach robh deoch làidir ann airson “soraidh cheart a leigeil leis an duine”: that there wasn’t alcoholic drink there to “farewell the man properly”. Tha X a’ leigeil soraidh (slàn) le Y: X is bidding farewell to Y.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean