275: Blàr Dhùn Neachtain
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Blàr Dhùn Neachtain
Càite an do thachair Blàr Dhùn Neachtain? ’S e sin am batail a bh’ ann eadar na Cruithnich agus na Sasannaich à Northumbria anns a’ bhliadhna sia ceud, ochdad ’s a còig (685). Bha am blàr sin air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba, oir bha na Sasannaich a’ feuchainn ri crìochan an rìoghachd a sgaoileadh gu tuath. Bha iad airson smachd fhaighinn air na Breatannaich, na Gàidheil agus na Cruithnich a bha uile a’ fuireach ann an Alba. Chaill na Sasannaich Blàr Dhùn Neachtain, ge-tà. Agus dh’fhàg sin gu robh na trì slòigh sin – na Cruithnich, na Gàidheil is na Breatannaich – saor.
Gu h-annasach, tha fiosrachadh mionaideach againn mu là a’ bhatail. Thachair e Disathairne am ficheadamh là dhen Chèitean, sia ceud, ochdad ’s a còig. Ach chan eil fios againn le cinnt air làrach a’ bhlàir. Airson ùine mhòir, bha daoine a’ dèanamh dheth gur e Dunnichen ann an machair Aonghais an Dùn Neachtain a bh’ air ainmeachadh anns na làmh-sgrìobhainnean Gàidhealach. Agus bha na leabhraichean eachdraidh Beurla a-mach air “The Battle of Dunnichen”. Do na Sasannaich, ’s e Nechtansmere an t-ainm a bh’ air a’ bhlàr o shean. Chanadh na Breatannaich Lin Garan ris – ’s e sin “Loch na Corra-grithich”.
Ach an robh am blàr ga chumail ann an machair Aonghais? A bheil Dunnichen co-ionann ri Dùn Neachtain? Uill, chaidh mi a dh’òraid o chionn ghoirid a chuir teagamh mòr air sin. B’ e an t-òraidiche fear-eachdraidh à Oilthigh Chill Rìmhinn, Alex Woolf. Tha esan dhen bheachd gur dòcha gu robh am batail ann na b’ fhaide gu tuath ann an Dunachton ann am Bàideanach. Ann an Gàidhlig ’s e sin Dùn Neachtain.
Tha dà eileamaid anns an argamaid aige. Sgrìobh am fear-eachdraidh Sasannach, Bede, gun do tharraing na Cruithnich na Sasannaich gu ruige dùthaich gharbh làn bheanntan. Tha fhios againn cuideachd gu robh loch ann. Ann an Dunnichen ann am machair Aonghais chan eil beanntan ann is chan eil loch ann a bharrachd. Ach ann am Bàideanach tha Dùn Neachtain làimh ri loch mòr ris an canar Loch Ìnnse. Agus tha e air a chuairteachadh le beanntan mòra – am Monadh Ruadh agus am Monadh Liath.
A rèir nan làmh-sgrìobhainnean, ’s e an t-ainm a bh’ air rìoghachd nan Cruithneach “Fortriu”. Chan eil fios le cinnt càit’ an robh Fortriu, ach tha Alex Woolf a’ cumail a-mach gur dòcha gu robh e timcheall air Inbhir Nis. A rèir làmh-sgrìobhainnean, bha batail ann eadar fir Fortriu agus Lochlannaich anns a’ bhliadhna naoi ceud ’s a ceithir (904). Anns an dearbh bhliadhna bha batail ann an Srath Èireann. Bha luchd-eachdraidh an dùil gur e an aon bhatail a bh’ ann agus gu robh Fortriu ann an, no faisg air, Srath Èireann. Nise, bha iad dhen bheachd gum b’ e sin Srathearn ann am meadhan na h-Alba is gum biodh sin a’ ciallachadh gu robh na Cruithnich a’ dìon rìoghachd ann am meadhan na h-Alba.
Ach tha Srath Èireann eile ann – anns a’ cheann a tuath – Srathdearn ann am Beurla. Tha sin eadar Bàideanach agus Inbhir Nis. Dh’fhaodadh gu robh Fortriu anns a’ cheann a tuath. Ma tha sin fìor, bhiodh e coltach gum biodh an dà arm a’ sabaid ann am Bàideanach, eadar Inbhir Nis agus a’ Ghalldachd.
Ge bith càit an robh Blàr Dhùn Neachtain, tha fhios againn gun do chaill rìgh nan Sasannach, Ecgfrith, a bheatha is gun deach a’ chuid mhòr de na saighdearan aige a mharbhadh. Dh’fhàg sin Alba gu bhith na rìoghachd Cheilteach seach Sasannach.
Faclan na Litreach: Blàr Dhùn Neachtain: The Battle of Nechtansmere (Dunnichen?); Breatannaich: Britons; machair Aonghais: the low country of Angus; làmh-sgrìobhainnean: manuscripts; òraid: lecture; òraidiche: lecturer; Oilthigh Chill Rìmhinn; St Andrews University; eileamaid: element; am Monadh Ruadh: the Cairngorms; a’ dìon: defending; a’ Ghalldachd: the Lowlands.
Abairtean na Litreach: eadar na Cruithnich agus na Sasannaich: between the Picts and the English (Saxons); a’ feuchainn ri crìochan an rioghachd a sgaoileadh: trying to spread the boundaries of their kingdom; na trì slòigh sin: those three peoples; an ceann greis: after a while; bhiodh rìoghachd na h-Alba air a cruthachadh: the kingdom of Scotland would be created; loch na corra-grithich: the loch of the heron; a chuir teagamh mòr air: that cast great doubt upon; na b’ fhaide gu tuath: further north; gun do tharraing X Y gu ruige dùthaich gharbh làn bheanntan: that X drew Y into a rough land full of mountains; chan eil beanntan ann is chan eil loch ann a bharrachd:there are no mountains and neither is there a loch; làimh ri loch: adjacent to a loch; ris an canar Loch Ìnnse: which is called Loch Insh; eadar Bàideanach agus Inbhir Nis: between Badenoch and Inverness; bhiodh e coltach:it would be likely; gun do chaill X a bheatha: that X lost his life; gun deach a’ chuid mhòr de na saighdearan aige a mharbhadh: that most of his soldiers were killed; gu bhith na rìoghachd Cheilteach seach Sasannach: to be a Celtic, rather than a Saxon, kingdom.
Puing-chànain na Litreach: Bha am blàr sin air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba: that battle was exceptionally important in the history of Scotland. Air leth is a co-bhuadhair or adjective modifier (an adjective is buadhair in Gaelic). These are words or word combinations which precede an adjective and modify its meaning, often strengthening it. They occur in two groups – those which lenite the adjective (if it’s lenitable) and those which do not cause lenition. Air leth obviously is a non-leniter (we say air leth cudromach not air leth chudromach). Other examples of this group are anabarrach (anabarrach slaodach), caran (caran doirbh), uabhasach (uabhasach mòr) and fiadhaich (tha i fiadhaich fuar an-diugh). Among the co-bhuadhairean causing lenition are glè (tha sin glè mhath) and ro (tha thu ro choibhneil).
Gnàthas-cainnt na Litreach bha na leabhraichean eachdraidh Beurla a-mach air “The Battle of Dunnichen”: the English-language history books were on about “The Battle of Dunnichen”.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn