442: Contae Mhaigh Eo
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Contae Mhaigh Eo
An t-seachdain sa chaidh, dh’fhàg mi sibh air taobh siar na h-Èireann ann an Contae Mhaigh Eo. Bha mi ag innse dhuibh mu charragh-cuimhne faisg air an Dubh Loch. Tha grunn sgrìobhaidhean air – ann am Beurla. Nam measg tha seo: “How can men feel themselves honoured by the humiliation of their fellow beings?” : Mahatma Gandhi. Tha sgrìobhadh eile air a tha a’ cuimhneachadh “the hungry poor who walked here in 1849”. Cò bh’ annta?
Uill, anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849), bha muinntir taobh an iar na h-Èireann gu math bochd. B’ e Maigh Eo an dàrna siorrachd as motha ann an Èirinn anns an robh sluagh, a rèir meudachd an fhearainn. Nuair a thàinig gaiseadh a’ bhuntàta, bha an sluagh ann an staing dha-rìribh. Agus cha do rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu leòr airson an cuideachadh.
Cha chreid mi gun robh mòran tachartasan na bu mhiosa nam fear a thachair faisg air an Dubh Loch. Bha buidheann mhòr de dhaoine, agus cion bìdh orra, air a dhol do Thaigh nam Bochd ann an Cluain Cearbán, no Louisburgh, am baile beag gu tuath air an loch. Dhiùlt an t-oifigear a bh’ ann biadh a thoirt dhaibh agus dhiùlt e an leigeil a-steach. Thuirt e gur e am Bòrd a dhèanadh co-dhùnaidhean air sin – ’s e sin The Board of Guardians – agus cha robh iadsan a-staigh.
Ach, thuirt e, bhiodh dithis bhall dhen Bhòrd a’ coinneachadh air an làrna-mhàireach beagan mhìltean air falbh. Bha na daoine ann an èiginn. Bha e a’ fàs dorch. Chuir iad – fir, mnathan is clann – an oidhche seachad a-muigh anns an fhuachd gun bhiadh. Air an làrna-mhàireach, dh’fhalbh iad air chois gu ruige an t-àite far an robh buill a’ Bhùird a’ coinneachadh.
Ràinig iad an t-àite aig meadhan-latha. Bha na buill – an Coirneal Hograve agus Mgr Lecky – a’ gabhail biadh. Cha robh iad deònach nochdadh mu choinneamh an t-sluaigh gus am biodh iad sàsaichte. Sàsaichte le biadh math. Canaidh sinn “neo-charthannachd” ris airson a bhith modhail.
Mu dheireadh, thàinig iad a-mach agus thuirt iad ris na Gàidheil nach fhaigheadh iad dad. Bha na daoine air am bristeadh. Bha iad claoidhte. Bha iad gun dòchas. Bha iad fuar is fliuch, agus lag le acras. Bha aca ri coiseachd air ais a Chluain Cearbán. Bha a’ ghaoth làidir, bha i fuar agus bha an t-uisge ann. Chaochail cuid mhath de na daoine.
Air an làrna-mhàireach chaidh feadhainn à Cluain Cearbán ann airson na mairbh a thiodhlacadh. Ach bha an ùir cho tana, ’s nach b’ urrainn dhaibh uaighean a chladhach. Chaidh mòran de na cuirp a thiodhlacadh còmhla anns an aon sloc.
Chan eilear cinnteach cia mheud duine a fhuair bàs. Tha cuid a’ cumail a-mach gun do thòisich còrr is ceithir cheud duine air an t-slighe is nach do thill ach beagan ficheadan. ’S e cùis-mhulaid a bh’ ann. ’S e masladh a bh’ ann.
Tha buidheann air a bheil Afri – Action From Ireland – a tha a’ coiteachadh às leth còraichean daoine – a’ cumail cuairt gach bliadhna eadar an Dubh Loch is Cluain Cearbán, a’ cuimhneachadh na thachair. O chionn sia bliadhn’ deug bha an t-Àrd-easbaig Desmond Tutu à Afraga a Deas am measg na chaidh air a’ chuairt. ’S ann às dèidh sin a chaidh an carragh-cuimhne a chur suas.
Tha e math gu bheil na daoine a dh’fhuiling an sin air an cuimhneachadh. Ach tha e rudeigin duilich nach do smaoinich buidheann a tha a’ riochdachadh còraichean daonna gun robh iad airidh air a bhith air an cuimhneachadh nan cànan fhèin.
Faclan na Litreach: Contae Mhaigh Eo: County Mayo; carragh-cuimhne: memorial (statue/stone); claoidhte: exhausted; cùis-mhulaid: tragedy; masladh: disgrace; daonna: human (adjective).
Abairtean na Litreach: Cò bh’ annta?: who were they?; gaiseadh a’ bhuntàta: the potato blight; ann an staing dha-rìribh: in a terrible predicament; Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: the government of the UK; cha chreid mi gun robh mòran tachartasan na bu mhiosa: I don’t think there were many worse occurrences; agus cion bìdh orra: who were suffering from a lack of food; Taigh nam Bochd: the poorhouse, workhouse; dhiùlt e an leigeil a-steach: he refused to let them in; gur e am Bòrd a dhèanadh co-dhùnaidhean: that it was the Board that would make decisions; air an làrna-mhàireach: the next day; ann an èiginn: in terrible straits; dh’fhalbh iad air chois gu ruige an t-àite: they left on foot for the place; deònach nochdadh mu choinneamh an t-sluaigh gus am biodh iad sàsaichte: willing to appear in front of the people until they’d had their fill of food; chaochail cuid mhath de na daoine: many of the people died; airson na mairbh a thiodhlacadh: to bury the dead; bha an ùir cho tana, ’s nach b’ urrainn dhaibh uaighean a chladhach: the soil was so thin they couldn’t dig graves; nach do thill ach beagan ficheadan: only a few dozen [twenties] returned; a tha a’ coiteachadh às leth còraichean daoine: who lobby on behalf of people’s rights; a’ cumail cuairt gach bliadhna: organise a walk every year; gun robh iad airidh air a bhith air an cuimhneachadh nan cànan fhèin: that they were worthy of being remembered in their own language.
Puing-chànain na Litreach: an dàrna siorrachd as motha ann an Èirinn anns an robh sluagh, a rèir meudachd an fhearainn : the second most populous county in Ireland, in relation to land mass. This might strike you as being a bit wordy when what I want to express is “second most densely populated county in Ireland”. But I’m fairly confident that the fluent listener would understand it. I might have used dùmhlachd (sluaigh) for “(population) density” and said “ an dàrna siorrachd as motha ann an Èirinn a thaobh dùmhlachd sluaigh”, but dùmhlachd is probably not widely understood in the general community, and it might be confused (to the ear) with dùbhlachd which means “the darkness of midwinter” and is also the Gaelic for the month of December.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Canaidh sinn “neo-charthannachd” ris airson a bhith modhail : we’ll call it “uncharitableness” to be polite – ie we’ll use “neo-charthannachd” as a euphemism.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 138
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn