FaclairDictionary EnglishGàidhlig

494: Litir a nochdas anns a’ Bhìoball

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Litir a nochdas anns a’ Bhìoball

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach an t-seachdain seo le litir. Tè a tha mòran nas ainmeile na Litir do Luchd-ionnsachaidh, feumaidh mi aideachadh. Litir a nochdas anns a’ Bhìoball. Seo pàirt dhith.

“Ach tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa, nach ann a rèir duine a tha e. Oir cha b’ ann o dhuine a fhuair mi e, ni mò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Criosd.”

A bheil sibh eòlach air an Litir sin? ’S e sin dà earrainn a-mach à Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach. Tha e anns an Tiomnadh Nuadh. Seo earrann eile bhon Litir – Caibideil a Trì, Earrann a h-Aon. Tha e a’ sealltainn nach robh Pòl agus na Galatianaich a’ tarraing buileach air an aon ràmh, co-dhiù nuair a sgrìobh Pòl an litir thuca:

“O a Ghalatianacha amaideach, cò a chuir druidheachd oirbh, ionnas nach bitheadh sibh umhail don fhìrinn, d’ an robh Criosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair bhur sùl, air a cheusadh nur measg?”

Bha Pòl air a bhith ann an Galatia roimhe, a’ searmonachadh. Tha e ag ràdh ann an Leabhar Ghnìomharan nan Abstol gun deach e “tro thìr Galatia uile... a’ neartachadh nan deisciobal uile.” Agus tha e ag ràdh anns an Litir aige – anns a’ cheathramh is còigeamh Earrann deug dhen cheathramh Chaibideil – gun d’ fhuair e fàilte chridheil chridheil bho mhuinntir an àite aig an àm ud. “Tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh,” tha e a’ sgrìobhadh, “nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a-mach bhur sùilean fhèin agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.”

Ach, anns an eadar-ama, tha cùisean air a dhol an aghaidh teachdaireachd Phòil agus an aghaidh an iompachaidh a rinn e, a rèir na sgrìobhas e. Anns an Litir aige, tha e ag iarraidh air na Galatianaich tilleadh don teagasg aige fhèin.

Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach, nuair a bha Pòl ann an Galatia, dè an cànan a bha e a’ bruidhinn ris an t-sluagh. Bha Galatia ann am meadhan na dùthcha ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. Ghabh Pòl sgrìob mhòr tron dùthaich sin. An-diugh, tha sinn nas eòlaiche air Asia Minor mar Anatolia – ’s e sin a’ chuid mhòr dhen Tuirc. B’ e prìomh bhaile nan Galatianach àite ris an canadh iad Ancyra. ’S e sin far a bheil prìomh bhaile na Tuirc an-diugh – baile mòr air a bheil Ankara.

Carson a tha mi a’ togail ceist mun chànain a bh’ aig na Galatianaich? Tha, a chionn ’s gur e Ceiltich a bh’ annta. Tha an Gal- aig toiseach an ainm ag innse sin. Bha iad càirdeach do na Gàidheil, is do mhuinntir Ghaul is muinntir Ghalicia – is bha barrachd na aon Ghalicia ann.

’S dòcha gur iad na Galatianaich na Ceiltich a b’ fhaide sear a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh. Gu deimhinne, bha iad càirdeach dhuinn fhèin, fad às. Agus tha e a’ coimhead gu math coltach gun robh iad fhathast a’ bruidhinn cànan Ceilteach nuair a bha an t-Abstol Pòl nam measg. Chaidh aithris anns a’ cheathramh linn AC gun robh cànan aca fhathast a bha co-ionann ris a’ chànan aig treubh eile a bha a’ fuireach ann am meadhan na Roinn Eòrpa – taobh Abhainn Rhine.

Ach ciamar a dh’èirich suidheachadh far an robh Ceiltich a’ fuireach ann an Asia Minor? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Am Bìoball: The Bible; An Tiomnadh Nuadh: The New Testament; Caibideil: Chapter; Earrann: Verse; gu deimhinne: certainly; treubh: tribe.

Abairtean na Litreach: tè a tha mòran nas ainmeile na: one [fem] that is much better known than ; feumaidh mi aideachadh: I must admit; tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean: I tell you, brothers; an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa: the gospel preached by me; nach ann a rèir duine a tha e: it is not according to [made by] man; ni mò a theagaisgeadh dhomh e: neither was I taught it; tre fhoillseachadh Iosa Criosd: by the revelation of Jesus Christ; Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach: The Letter of the Apostle Paul to the Galatians; a’ tarraing buileach air an aon ràmh: altogether in agreement [pulling on the same oar]; cò a chuir druidheachd oirbh?: who bewitched you?; ionnas nach bitheadh sibh umhail don fhìrinn: so that you’d not be obedient to the truth; air a cheusadh nur measg: crucified among you; Leabhar Ghnìomharan nan Abstol: The Book of the Acts of the Apostles; a’ neartachadh nan deisciobal uile: strengthening all the disciples; nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a-mach bhur sùilean fhèin: if it had been possible, that you’d have plucked out your own eyes; agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad: and you’d have given them to me; anns an eadar-ama: meantime; aghaidh an iompachaidh a rinn e: against the conversion[s] he made; ghabh Pòl sgrìob mhòr: Paul made a big journey; a’ chuid mhòr dhen Tuirc: the major part of Turkey; na Ceiltich a b’ fhaide sear a chaidh a chlàradh: the most easterly Celts [ever] recorded; anns a’ cheathramh linn AC: in the 4th Century AD.

Puing-chànain na Litreach: a Ghalatianacha amaideach: O foolish Galatians. Paul is here addressing the Galatians and the Gaelic word Galatianach [“Galatian”] is therefore in its vocative plural form (not something you come across often in everyday speech). I dealt a little with the vocative plural in Litir 197 in March 2003 . Note how it is formed in this instance. A similar example would be “a bhodacha” [or “a bhodachaibh” ] used in addressing a group of old men. The Bible is a very good resource for any student of Gaelic who wants to access the language in a high-register which follows traditional grammatical modes.

Gnàthas-cainnt na Litreach: fa chomhair bhur sùl : before your eyes. Sùl is the genitive plural of sùil [following the compound preposition fa chomhair].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 190

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean