A bheil fios agaibh dè tha am facal fillte “muir-thìreach” a’ ciallachadh? Muir- thìreach. Tha mi ga chleachdadh an-diugh mar ainmear,
        no  noun. Ach nochd e anns an Litir dà bhliadhna air ais ann an riochd buadhair, no  a  djective. 
    
    
        Uill, ma dh’aithnicheas sibh gu bheil e air a dhèanamh dhen dà fhacal  muir agus  tìr, bidh e furasta gu leòr. Muir-thìreach –  something that lives both in the sea and on the land. Nise, nuair a chleachd mi mu
        dheireadh e, bha mi a’ dèanamh tuairisgeul air an ròn.
    
    
        Bha mi a’ dèanamh iomradh air argamaid eadar fear Pròstanach agus fear Caitligeach anns na h-Eileanan an Iar ri linn Mhàrtainn MhicIlleMhàrtainn. Bha
        na Caitligich ag ithe feòil an ròin aig àm a’ Charghais, no  L  ent. Bha am Pròstanach ag ràdh gun robhar a’ briseadh riaghailtean na
        h-Eaglaise Caitligich oir chan e ròn iasg. Thuirt an Caitligeach gun robh an ròn ag ithe iasg, gun robh e muir-thìreach agus gun robh e a’ dèanamh
        braidhmean – rud nach b’ urrainn iasg a dhèanamh!
    
    
        Uill, chan urrainn dhomh dearbhadh a bheil sin fìor mu èisg ach co-dhiù, faodar a ràdh gu bheil ròin muir-thìreach. Ge-tà, mar ainmear tha
        muir-thìreach a’ ciallachadh
         “amphibian”.  
        Agus, leis a’ chiall sin air an fhacal, chan e ròn muir-thìreach. ’S e ròn mamail.
    
    
        Thàinig mi tarsainn air an fhacal  muir-thìreach  air an eadar-lìon an latha eile. Bha mi a’ coimhead air làrach-lìn ùr a chaidh a chruthachadh
        le Dualchas Nàdair na h-Alba. Tha mòran eòlach air a’ bhuidhinn fo ainm ann am Beurla –  Scottish Natural Heritage  no SNH. ’S e an t-ainm a
th’ air an làraich ùir Faclan Nàdair SNH. Gheibhear lorg air aig        www.snh.org.uk/gaelic/dictionary.
    
    
        ’S e an rud a tha sònraichte math mu fhaclairean air an eadar-lìon gun gabh rudan a lorg gu luath le bhith a’ cur lorgair an sàs. Chuir mi am facal
        Beurla  amphibian  
        don lorgair, bhrùth mi am putan agus fhuair mi  muir-thìreach.
    
    
        Nise, ma tha sibh gu math eòlach air nàdar, ’s dòcha gun can sibh – mmm – ’s e muir-thìreach a th’ anns an losgann ach, gu dearbh, cha bhi losgann sam
        bith a’ dol faisg air a’ mhuir. Dhèanadh an salann cron air. Bidh e a’ dol eadar uisge – sin fìor- uisge – agus tìr. Saoil nach e “uisge-thìreach” a bu
        chòir a bhith againn air  amphibian, seach muir-thìreach?
    
    
        Uill, dh’fhaodamaid an aon seòrsa gearain a dhèanamh mun fhacal  amphibian 
        ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bho fhreumhaichean Greugach a tha a’ ciallachadh
        “beatha dhùbailte” no  double life.  Tha sin ceart gu leòr, ach chan eil e a’ dèanamh iomradh air uisge is tìr.
    
    
        Chan e faclair SNH an aon fhear ùr a nochd air an eadar-lìon o chionn ghoirid. Nochd an seann fhaclair aig Dwelly mar ghoireas eadar-lìn cuideachd –
        agus innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain. Co-dhiù, chaidh mi do làrach Dwelly, chuir mi am facal  amphibious  a-steach don
        lorgair, agus bhrùth mi am putan. Ach cha do nochd  muir-thìreach  idir.
    
    
Ri linn Dwelly – agus cuimhnichibh gu bheil am faclair sin ceud bliadhna a dh’aois – bhathar a’ cleachdadh airson  amphibious  am facal fillte         dà-bheathach. Dà-bheathach.  Double life. Coltach ris a’ Bheurla.
    
    
Dè chanamaid, ma-thà, ann an Gàidhlig, airson  amphibious vehicle ? Chanainn nach biodh  carbad dà-bheathach  cho ciallach ri         carbad muir-thìreach.  Ach dè mu dheidhinn  amphibiousness? Muir-thìreachas?  Uill, fàgaidh mi sin do latha eile.