FaclairDictionary EnglishGàidhlig

542: Eilean Chanaigh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Chanaigh (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi fhathast anns na h-Eileanan Beaga an t-seachdain seo. Ach tha mi air gluasad bho Eige gu ruige Canaigh. Bha mi toilichte cluinntinn o chionn ghoirid gu bheilear a’ dol a dhèanamh rannsachadh air seann làrach eachdraidheil ann an Canaigh. Chan e rannsachadh a th’ ann air eachdraidh an àite – ach rannsachadh air mar a ghabhas an t-àite sàbhaladh. Mura tèid rudeigin a dhèanamh a dh’aithghearr, tuitidh e às a chèile.

’S e Coroghon Castle an t-ainm air ann am Beurla, ged nach e caisteal àbhaisteach a th’ ann. Ann an Gàidhlig ’s e an Corra-dhùn a th’ air. Bidh sibh eòlach air an fhacal corra-bheinn, tha mi an dùil. A steep or pointed hill or mountain. Corra-dhùn, ma-thà, steep fort or hill. Gu dearbh, ’s e sin a th’ ann. Ged nach eil e mòr, tha e gu math cas.

Chaidh mi a’ choimhead air a’ Chorra-dhùn an turas mu dheireadh a bha mi ann an Canaigh, agus bha e follaiseach nach maireadh an “caisteal” fada às aonais obair-càraidh mhòr. ’S e a th’ anns a’ chaisteal togalach beag cloiche faisg air mullach cnuic an cois a’ chladaich. Tha an togalach a’ coimhead a-mach a dh’ionnsaigh an dà chuid cladach an eilein agus taobh na mara – às an tigeadh cunnart anns an t-seann aimsir.

Tha e a’ coimhead coltach gur e nàdar de dhùn a bh’ ann far am biodh daoine a’ dol airson an dìon fhèin nuair a bha cogadh ann. Bhiodh e furasta gu leòr a dhìon ’s dòcha. Air an làimh eile, chan eil uisge ann agus cha b’ urrainn mòran bìdh a bhith air a stòradh ann. Tha e dìreach ro bheag. Mar sin, cha mhaireadh e fada an aghaidh feachd mhòr às aonais taic bhon taobh a-muigh. Ach bha e faisg air baile far an robh sluagh uaireigin. An deach na daoine ann fhad ’s a bha iad a’ feitheamh ri taic bho Chloinn Raghnaill ann an Uibhist no air tìr-mòr?

Tha sanasan ann an-diugh a tha a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ streap air an dùn. Tha e ro chunnartach. ’S e Urras Nàiseanta na h-Alba a chuir na sanasan ann. Agus chuir iad air na sanasan “Coroghon Castle/Prison”. Saoil an e prìosan a bh’ ann, seach caisteal?

Chaidh agallamh a dhèanamh le seann eileanach, Aonghas Dòmhnallach, leis an neach-cruinneachaidh beul-aithris, Calum MacIlleathain. Rugadh Aonghas ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a trì (1863). Chan e “caisteal” a thuirt esan ach “prìosan”. Agus tha beul-aithris ag innse dhuinn gun robh an togalach air a chleachdadh mar phrìosan o shean. Cò bh’ air a chumail ann mar phrìosanach? Uill, bha bean fear de na cinn-chinnidh. Bha i uabhasach brèagha agus bha an ceann-cinnidh mì-thoilichte gun robh fir eile ga suirghe.

Ann am beul-aithris b’ e Dòmhnall Dubh na Cuthaig an ceann-cinnidh sin. Bha e na cheann-cinnidh do Chloinn Raghnaill agus chaochail e ann an Canaigh ann an sia ceud deug, ochdad ’s a sia (1686). Tha cuid a’ dèanamh dheth gun do ghlais e a bhean Mòr ann am Prìosan a’ Chorra-dhùin.

Ma tha sin fìor, tha an togalach a’ dol air ais gu co-dhiù an seachdamh linn deug. Nochd a’ chiad dhealbh dheth ann an clò anns an ochdamh linn deug anns an leabhar a sgrìobh Tòmas Pennant mu a thuras a dh’Alba ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1772). ’S fhiach an togalach a shàbhaladh ma ghabhas e dèanamh. Ach saoilidh mi nach bi sin furasta no saor.

Faclan na Litreach: Na h-Eileanan Beaga: The Small Isles; àbhaisteach: normal: An Corra-dhùn: Coroghan (Castle); cas: steep; cunnartach: dangerous; Urras Nàiseanta na h-Alba: The National Trust for Scotland; prìosan: prison; Dòmhnall Dubh na Cuthaig: Black-haired Donald of the Cuckoo; chaochail: died.

Abairtean na Litreach: bho Eige gu ruige Canaigh: from Eigg to Canna; gu bheilear a’ dol a dhèanamh rannsachadh air seann làrach eachdraidheil: that they are going to do research on an old historical site; mar a ghabhas an t-àite sàbhaladh: how the place can be saved; mura tèid rudeigin a dhèanamh a dh’aithghearr: if nothing is done soon; tuitidh e às a chèile: it will fall to pieces; nach maireadh X fada às aonais obair-càraidh mhòr: that X wouldn’t last long without a lot of repair work; airson an dìon fhèin nuair a bha cogadh ann: to defend themselves at time of war; cha b’ urrainn mòran bìdh a bhith air a stòradh ann: not much food could be stored there; cha mhaireadh e fada às aonais taic bhon taobh a-muigh: it wouldn’t last long without help from the outside; bho Chloinn Raghnaill ann an Uibhist: from Clanranald in Uist; gun a bhith a’ streap: not to climb; cò bh’ air a chumail ann mar phrìosanach?: who was held there as a prisoner?; bean fear de na cinn-chinnidh: the wife of one of the clan chiefs; gun robh fir eile ga suirghe: that other men were seeking her favours; an seachdamh linn deug: the Seventeenth Century; ann an clò: in print; saoilidh mi nach bi sin furasta no saor: I reckon that will not be easy or cheap.

Puing-chànain na Litreach: togalach beag cloiche faisg air mullach cnuic an cois a’ chladaich: a little stone building close to a hilltop next to the shore. How are you at recognizing nouns in the genitive case? Can you identify the three in this sentence [have a look before reading on!]? The first is cloiche , the genitive singular of clach, a feminine noun. It is working here as an adjective meaning “made of stone”. Cnuic is the genitive singular of the masculine noun cnoc; it means “of a hill”. And a’ chladaich means “of the shore”, cladaich being the genitive singular form of the masculine noun cladach. This word is in the genitive following the compound preposition an cois.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S fhiach an togalach a shàbhaladh ma ghabhas edèanamh: it’s worth saving the building if it can be done.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 238

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean