FaclairDictionary EnglishGàidhlig

639: An Gille Buidhe agus an t-Òr

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Gille Buidhe agus an t-Òr

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Locha Druing faisg air Geàrrloch agus sgeulachd a’ Ghille Dhuibh. Uill, tha stòiridh eile agam dhuibh às an dearbh sgìre. Tha e mu dheidhinn mar a bhiodh comas aig cuid de dhaoine rudan a dhèanamh do-fhaicsinneach le seun no geas. Bha Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh air fear dhen fheadhainn sin aig an robh seuntan. Bha esan a-muigh leis a’ Phrionnsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Thig sinn gu Donnchadh an-ceartuair.

Beagan às dèidh Blàr Chùil Lodair, nochd dà shoitheach ann an Loch Iùbh. A rèir choltais, bha iad a’ dol a choinneachadh ri teachdaire aig an robh òr bhon Fhraing. Bha na soithichean a’ dol a thoirt an òir don Phrionnsa a bha am falach ann am badeigin air taobh an iar na Gàidhealtachd. Ach cha do nochd an teachdaire agus sheòl na soithichean air falbh.

Goirid às dèidh sin, bha fear de mhuinntir an àite, Eachann Cross, aig àirigh air

Beinn Làir faisg air Leitir Iùbh. Thàinig Gàidheal òg le falt buidhe don bhothan-àirigh aige. Dh’iarr e fasgadh agus rudeigin ri òl is ithe. Thug nighean Eachainn bobhla barra dha. Dh’òl e am bàrr agus shìn e am bobhla don nighinn, le bonn òir ann. Sgaoil an naidheachd gun robh òr aig a’ ghille bhuidhe.

Fhuair an gille cuid na h-oidhche còmhla ri Eachann ’s a theaghlach, agus dh’fhalbh e an ath mhadainn. Goirid às dèidh sin, chualas brag gunna. Chaidh corp a’ ghille a lorg, ach cha robh sgeul air an òr. Bha fios aig muinntir an àite cò am murtair ach bha cùisean riaslach air a’ Ghàidhealtachd às dèidh Blàr Chùil Lodair agus cha deach ceartas a dhèanamh.

Thàinig e a-mach tro thìde gun robh an Gille Buidhe ag obair do Theàrlach Òg Stiùbhart. Bha e air an rathad a Pholl Iùbh leis an òr airson coinneachadh ris na soithichean a chuir a-steach don loch. Bha e a’ giùlain an òir ann an ceann an fhèilidh aige, a bh’ air a dhèanamh mar phoca. Ach cha d’ fhuair am Prionnsa gin dhen òr sin.

Bha am Prionnsa fhathast feumach air ionmhas, ge-tà. Agus seo far a bheil Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh a’ tighinn a-steach don stòiridh. Bha esan dìleas don Phrionnsa. Bha e còmhla ris aig Cùil Lodair agus, às dèidh a’ bhatail, thug e taic dha faighinn air falbh. Chaidh òr a chur do na Seumasaich bho luchd-taice san Fhraing. Fhuair an Gille Buidhe pàirt dheth. Fhuair Donnchadh pàirt eile dheth. Bha Donnchadh a’ dol ga thoirt don Phrionnsa nuair a bhiodh cothrom aige.

Bha e cunnartach an t-òr a bhith na chois, ge-tà, agus an t-arm dearg an tòir air a’ Phrionnsa air feadh na Gàidhealtachd. Latha a bha seo, thug Donnchadh is dithis eile poit làn òir tarsainn Loch Iùbh bho Mheallan Theàrlaich gu ruige an Uamhghaidh, no Cove. Às a sin, thug iad a’ phoit gu Locha Druing agus chuir iad am falach i ann an sloc air cùl an locha, ris an canar Am Feadan Mòr.

Cha robh aca ri mòran a dhèanamh airson a’ phoit a chur a-mach à sealladh, oir bha an seun aig Donnchadh. Rinn esan a’ phoit do-fhaicsinneach. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Geàrrloch: Gairloch; Bliadhna Theàrlaich: the year of the Jacobite rebellion 1745-6; an-ceartuair: shortly; teachdaire:messenger; àirigh: shieling; bàrr: cream; ceartas: justice; dìleas: loyal; Meallan Theàrlaich: Mellon Charles; slochd: hollow.

Abairtean na Litreach: às an dearbh sgìre: from the same area; mar a bhiodh comas aig cuid de dhaoine rudan a dhèanamh do-fhaicsinneach le seun:how some people were capable of making things invisible with a charm; beagan às dèidh Blàr Chùil Lodair:shortly after the Battle of Culloden; nochd dà shoitheach ann an Loch Iùbh: two vessels appeared in Loch Ewe; ann am badeigin:somewhere; sheòl na soithichean air falbh: the vessels sailed away; dh’iarr e fasgadh agus rudeigin ri òl is ithe:he requested shelter and something to drink and eat; bobhla barra: a bowl of cream; shìn e am bobhla don nighinn:he passed the bowl to the girl/daughter; sgaoil an naidheachd: the news spread; bha cùisean riaslach: things were bad (the country was in turmoil); b’ e sin frìth-ainm a’ ghille ann an dhà-rìribh: that was in actual fact the lad’s nickname; air an rathad a Pholl Iùbh: on the way to Poolewe; ceann an fhèilidh aige: the end of his plaid; gin dhen òr sin: any of that gold; bha am Prionnsa fhathast feumach air ionmhas, ge-tà: the Prince still needed finance, however; do na Seumasaich bho luchd-taice san Fhraing:for the Jacobites from supporters in France; bha e cunnartach an t-òr a bhith na chois:it was dangerous to have the gold about his person; chuir iad am falach i: they hid it; airson a’ phoit a chur a-mach à sealladh: to put the pot out of view.

Puing-chànain na Litreach: Bha Donnchadh MacRath à Eilean Iùbh air fear dhen fheadhainn sin aig an robh seuntan:Duncan MacRae of Isle Ewe was one of those people who had the seun, or ability to use magical charms (Isle Ewe had a reputationof being an abode of sìthichean). The use of air in this type of expression is somewhat informal but relatively common – it allows you to express an identity type of relationship without the need for the assertive verb is. Here are other examples: tha Na Hearadh air fear de na h-eileanan as brèagha a th’ ann(Harris is one of the most beautiful of all the islands); tha Iseabail air tè de na boireannaich as toinisgeile as aithne dhomh (Ishbel is one of the most sensible women I know).

Gnàthas-cainnt na Litreach: chualas brag gunna: a gunshot was heard.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 335

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean